Beachdan cronail aig daoine aineolach

Le Eilidh NicDhonnchaidh


Chunnaic mi rud an-diugh air Facebook a chur an dà chuid fearg agus gàire orm. Chan ann tric a thig an dà ghluasad-inntinn a tha sin aig an aon àm.

Bha fear an siud a’ gearan air cho cunnartach ‘s a tha rathaidean air a’ Ghàidhealtachd san latha an-diugh. ‘S e puing chiallach a bh’ aige gun teagamh agus is iomadh tubaist a th’ air a bhith ann am-bliadhna air rathaidean dùthchail. Ach, a-measg na h-argamaidean a bh’aige air a’ chùis, bha fear co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. Dh’ innis e gun robh e a’ ceilidh air Peairt o chionn ghoirid agus, an creideadh tu e, chunnaic e sanasan-rathaid sgrìobhte sa Ghàidhlig an sin. Rud a tha ‘craicte’ na bheachd fhèin, agus rud a tha buntanach ri cho sàbhailte ʼs a tha rathaidean an Alba. (A rèir an duine seo, co-dhiù)

15191545940_47d1c163e7_k

Soidhnichean Gàidhlig is Beurla – glaoicean ann am beachd fhathast gu bheil iad cunnartach

A-nis, chan eil fios agamsa dè a bh’ air cùl na h-argamaid a bha seo. ʼS dòcha gu bheil am bodach a tha seo den bheachd gu bheil airgead a bu chòir a chosg air soidhnichean-rathaid an Loch Aillse ga chosg air Gàidhlig a sgrìobhadh air soidhnichean am Peairt. (Cha chan mi an còrr air an gòrachas a tha sin) No ʼs dòcha gu bheil e den bheachd gum bi soidhnichean Gàidhlig ag adhbharachadh thubaistean, is luchd-turais bochda a’ feuchainn ri ‘simultaneous translation’ a dhèanamh fhad ’s a thogas iad dealbh le aon làmh, an làmh eile a’ feuchainn ri stiùir a chumail air a’ chàr.

Chan eil e cudromach dè dha rìreabh a bh’ air cùl na h-argamaid a bh’aige, ge-tà: ʼs e argamaid fhaoin agus aineolach a bh’ ann cò-dhiù agus chithear feadhainn coltach ris a h-uile latha. Faodar maitheanas a thoirt do mhòran aig a bheil beachdan aineolach mun a’ Ghàidhlig. Gu mì-fhortanach, chan eil a’ Ghàidhlig cho cumanta gun urrainn dùil a bhith againn gum bi am mòr-shluagh ro fhiosraichte ma deidhinn. Ach ro thric, chan e aineolas a-mhàin a thèid sgaoileadh, ach aineolas a th’ air cruth gràin, eudachd agus dìmeas a ghabhail. Agus le seo, chan eil maitheanas cho soirbh ri thoirt seachad.

Tha e na chleachdadh dhuinne aig a bheil a’ Ghàidhlig, beachdan mar seo (agus beachdan a tha fada nas miosa) a chluinntinn nar beatha-làitheil: nar dachaighean, nar taighean-seinnse, nar pàipearan naidheachd, nar n-àiteachan-obrach, nar sgoiltean. Agus tha e cuideachd na chleachdadh do mhòran againn fearg, milleadh dùil, frionas agus goirteachadh a bhith oirnn nuair a chluinneas sinn iad. Nach e gnothach truagh a tha sin?

San latha an-diugh, chithear gràin agus olc a’ faighinn làmh an uachdar anns gach ceàrn dhen t-saoghal. Nar dùthaich fhèin tha sinn an dràsta a’ faicinn fàs eagallach san làimh dheas, mion-shluaghan a’ fàs nas iomallaichte agus faireachdainnean claon-bhreitheach ag àrdachadh. Dè a th’ air cùl mòran dhe seo ach aineolas? Aineolas a th’ air a mheasgachadh le fearg, dìmeas agus mì-thoileachas. Dha na Gàidheal, chan e rud ùr a tha seo: chan eil duine ann an-diugh a bha beò riamh ann an saoghal far nach robh dìmeas air a’ Ghàidhlig ga fhaicinn. Ach san raon digiteach, tha e nas fhasa na bha e riamh beachdan mi-chàilear mun a’ Ghàidhlig a sgaoileadh. Agus tha e cuideachd fada nas docha dhuinn na beachdan a tha seo a sheachnadh.

Tha e furasta gàire a dhèanamh riuthasan aig a bheil beachdan aineolach, faoin a thaobh na Gàidhlig. Bidh mi fhìn ga dhèanamh tric gu leòr.Tha e furasta cuideachd a ràdh nach bu chòir cuideam sam bith a chur air beachdan mar seo. Furasta a ràdh, ‘Och, chan eil ann ach amadan. Na èist ris.’ Ach a bheil sinn da-rìreabh a’ creidsinn na chanas sinn, no a bheil sinn dìreach cho cleachdte ris na rudan a tha seo a chluinntinn, agus cho sgìth dhe bhith a’ strì nan aghaidh, gu bheil sinn a’ lorg faochadh ann an àbhachdas agus fealla-dhà?

Tillidh mi chun a’ bhodaich air Facebook agus an aineolas a bhrosnaich mi gus peann a chur ri pàipear feasgar an-diugh. Tha comas bhòtaidh aig an duine a tha seo. Tha a bheachdsan a cheart cho cumhachdail ri beachd duine sam bith eile nuair a thig e gu bhith a’ taghadh cò a tha gar riaghladh, cò aig am bi smachd air leasachadh (no sgrios) na Gàidhlig. ʼS dòcha gu bheil clann aig an duine a tha seo cuideachd. Dh’ fhaodadh e seasamh an aghaidh sgoil Ghàidhlig a thogail sa bhaile no sa choimhearsnachd, no na beachdan diùltach aige fhèin a chur air a chuid cloinne. Chan e a th’ anns a’ bhodach a tha seo ach aon duine, ceart gu leòr. Ach chan urrainnear a ràdh nach b’ urrainn dha cron a dhèanamh air a’ Ghàidhlig, na dhòigh bheag fhèin, air sgàth sin.

Cha dèan math dhuinn diochuimhneachadh cho millteach ‘s a dh’ fhaodas beachdan aineolach agus claon-bhreitheach a chithear timcheall oirnn san latha an-diugh a bhith – an dà chuid dhan a’ Ghàidhlig, ach cuideachd dhuinn uile mar shaoranaich an t-saoghail.

le Eilidh NicDhonnchaidh

 

 

Share

One thought on “Beachdan cronail aig daoine aineolach

  1. Feumar a ràdha gu bheil mi cleachdte ri claon-bhreith dhen t-seòrsa-sa o chionn fhad an t-saoghail – agus nach e cnag na cùise, rud nach cluinnear buileach cho tric, gur ann againne (aig a bheil an dà chànan a chìthear air na soighnichean seo) a tha an duilgheadas as motha? Luchd na Beurla – chan eil aca ri leughadh ach aon chànan! Gòraiche.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach