Beartas na Beilge

Ma tha thu airson cuairt ghoirid a ghabhail an geamhradh seo, tha Rhona a’ moladh na Beilge. Leann math, barrachd chipshops na th’ aca san Òban – dè dh’fhaodadh a bhith na b’ fheàrr?

Gent 5

 

Bidh cuid ag ràdh gu bheil a’ Bheilg car dòrainneach. “Dè th’ innte co-dhiù?” thuirt caraid rium nuair a dh’innis mi dhi gun robh mi a’ dol ann a-rithist. “An aon rud air a bheil mise eòlach ma deidhinn, ’s e sin gu bheil teòclaid mhath aca.” Uill, mar thoiseach tòiseachaidh, dh’fhaodadh e a bhith na bu mhiosa, nach fhaodadh?

Feumaidh mi aideachadh ge-tà gur e dùthaich car neònach a th’ innte. A bharrachd air an teòclaid, tha i ainmeil (gu ìre) airson measgachadh annasach de rudan, leithid leanna, moules frites, Tintin, colonaidh gu math brùideil sa Chongo, agus airson a bhith às aonais riaghaltais fad 589 latha ann an 2010/11. Tuigidh tu carson nach eil sin ri fhaicinn mar fho-thiotal Visit Belgium.

Gent 1Ach tha a h-uile rud sin a’ dèanamh na dùthcha nas inntinniche dhomh. Nuair a thig luchd-turais a dh’Alba, tha mi cinnteach gu bheil dealbh gu ìre mhath stèidhichte – agus clichéd – nan inntinn: beanntan, lochan, caistealan, uisge-beatha agus ceòl na pìoba. Mar neach-turais a’ dèanamh air a’ Bheilg, ge-tà, chan eil a leithid agad. Tha ceistean ann an àite clichés, agus dhomhsa, ’s e rud math a tha sin – fiù ’s mas e “A bheil i dòrainneach dha-rìribh?” tè dhiubh.

Dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil cruth na tìre car dòrainneach ceart gu leòr, oir tha i gu math rèidh, gu h-àraidh ann an sgìre nam Fleamach, Flannras, ann an iar-thuath na dùthcha. Ach sin cuideachd far a bheil cuid de na bailtean as tarraingiche rin lorg. Tha A’ Bhruiseal fhèin – prìomh bhaile na dùthcha agus na Roinn Eòrpa – fìor inntinneach, le measgachadh de dhaoine bho air feadh an t-saoghail. Sa gheamhradh, bidh deagh mhargaid na Nollaige ga cumail ann am Place Saint-Catherine/Sint-Katelinjeplein, agus taisbeanadh solas na Nollaige ri fhaicinn gach oidhche ann an Grande Place/Grote Markt.

Ann an saoghal nam mion-chànan, bidh daoine eòlach air an sgaradh a th’ ann sa Bheilg eadar luchd-labhairt na Fraingis agus luchd-labhairt na Fleamais. (Tha coimhearsnachd bheag ann a bhruidhneas na Gearmailtis ann an ceann a deas na dùthcha, cuideachd.) Ged a b’ e baile Fleamach a bh’ ann sa Bhruiseal bho thùs, tha e gu math Frangach an-diugh, a thaobh cànain co-dhiù, agus an sgaradh seo eadar an dà chànain furasta ri fhaicinn. Sa bhaile fhèin, cluinnidh tu Fraingis mar as trice, air no a’ Bheurla, ach chì thu an dà chànain, Fraingis agus Fleamais, air a h-uile soidhne ann. Ma thèid thu air trèana, ge-tà, a-mach à meadhan a’ bhaile gu àite taobh a-muigh na Bruiseil, leithid Leuven, cha chluinn thu ach Fleamais bhon dà chuid luchd-siubhail agus luchd-obrach an trèana.

Gent 2A bharrachd air a’ Bhruiseal, tha bailtean brèagha eile rin lorg ann an sgìre Flannrais, Antwerpen/Anvers, Brugge/Bruges agus Gent/Gand nam measg. Chòrd Gent rium gu mòr, leis gu bheil pàirtean dhe a tha ùr agus snasail, agus pàirtean eile a tha sean agus gu math àlainn: lorgaidh tu a h-uile rud a tha math mu Fhlannras sa bhaile sin.

Ged a tha togalaichean bho na meadhan aoisean rim faicinn ann, tha lèirsinn gu math adhartach aig baile Ghent. ‘S e meadhan baile Ghent an t-àite as motha far a bheil càraichean toirmisgte sa Bheilg air fad, rud a tha a’ dèanamh a’ bhaile cho tlachdmhor don luchd-turais. Tha tramaichean matha ann agus rothairean air mhàl: tha e gu math furasta gach ceàrn den bhaile fhaicinn às aonais càr. Tha barrachd air 400km de rathaidean rothaireachd sa bhaile – an àireamh as motha per capita a tha san Roinn Eòrpa.

Rud eile a bha tlachdmhor don neach-turais seo, ’s e sin gur e Gent am baile far a bheil an àireamh as motha de thaighean-bìdh glasraicheach gach pearsa san t-saoghal. Gach Diardaoin ann an Gent, ’s e Donderdag Veggiedag a bhios ann, agus comhairle a’ bhaile a’ tabhann biadh gun fheòil a-mhàin anns na sgoiltean agus togalaichean eile na comhairle. Ach na bi a’ smaointinn gum bi làithean-saora ann an Gent cho fallain sin; tha leann air leth ri fhaotainn anns gach bàr, taigh-bìdh agus café, tha bùithtean teòclaid air feadh an àite, agus tha na Beilgich nas measaile air na frites fiù ’s na tha sinne ann an Alba. Mar chuideigin às an Òban (àireamh de bhùithtean tiops: 4, àireamh de bhùithtean measan ’s glasraich: 0) a tha gu math dèidheil air tiops, chan e droch rud a tha sin idir.

Gent 3Sin an rud a tha a’ còrdadh rium mun Bheilg (agus mu na dùthchannan Lochlannach): ’s aithne dhuinn i, mar dhùthaich eile na Roinn-Eòrpa a Tuath, car fuar ’s fliuch, car coltach rinn fhìn. Ach aig a’ cheart àm, tha i cho eu-coltach rinn sna dòighean anns a bheil i a’ leasachadh nam bailtean. ‘S ann mar shealladh air an àm ri teachd a tha i, air no sealladh air mar a dh’fhaodadh cùisean a bhith an seo co-dhiù. Uaireigin, sin na tha mi ag iarraidh bho na làithean-saora agam: bière, beachdan agus brosnachadh – agus poca tiops no dhà, cuideachd.

– Rhona NicDhùghaill

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach