Beurla air am boisean
Beurla air am boisean – clàr èisteachd
B’fheàrr leam ‘bhith gun mhaoin,
agus Gàidhlig nam cheann,
seach ‘bhith bochd le Beurla
ann an àit’ sa bheil i staoin.
Si mar ghalar ràsanach, ruadh
ach a h-inbhe ga cumail suas,
ga togail leis na daoine cèin
air am boisean tha a snuadh.
An seo gheibh mi duais
son mo pheann a chur air ghleus,
ach sgrìobhadh cha dèan mi
le mor thlachd no spèis.
Ged a tha cuid fialaidh
leis na chuireas iad an tairgs’;
gun ach mòran stiùiridh
cha dèan mo chridh’ làn aighear.
Cha dèan on nach i Gàidhlig
san iarr iad sgrìobhadh orm,
ach aistean anns a’ Bheurla
uile-làthaireach ghorm.
Mar na cnuic ’tha fada bhuainn
do mhuinntir na dùthcha seo,
ged as aithne dhaibh a h-aodann
chan eil eòlas air a colainn.
Dh’fhaodainn a bhith cothromach
ma dh’altraim mi i le luach,
ach si mo Ghàidhlig ghliogach
a ghabh mi ‘tograch rim uchd.
Si a thogas mo chrìdh’
an uair bhios m’ inntinn trom,
tha a ruithim ’s a fuaimean
tighinn beò ’s a’ taitneadh rium.
Le Steaphan Mac Risnidh