Bi beò ann an Gàidhlig: bith-beò goirt?

Ar taing mhòr do Christóir Piondargás airson a’ chunntais phearsanta seo gu h-ìosal. Is e rud duilich a th’ ann nuair a thig dìobhail misnich no eu-dòchas anns an rathad air rùintean ar cridhe. Tha mi làn chinnteach nach eil Criostóir na aonar am measg luchd-labhairt na Gàidhlig a thaobh mar a tha e a’ faireachdainn an-diugh. Ciamar a nì sinn leasachadh air ar staid?

Bi beò tron Ghàidhlig. Sin an fheallsanachd a bh’ agam nuair a thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig. Aig an àm sin, bha mi coltach ri meall luchd-ionnsachaidh eile. Bha mi gu math dìorrasach dealasach, rinn mi ìobairtean agus rinn mi neart oibre. Corr is deich bliadhna bhon a thòisich mi, tha mi air ceum a dhèanamh sa chànain, bidh mi ga bruidhinn gach latha aig an obair agus airson greis co-dhiù, bha i na pàirt mhór de mo bheatha shóisealta. Aig an àm, bha BBC Alba dìreach air a stéidheachadh agus bha sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha a’ fàs na bu mhotha. An déidh linntean de dh’aintighearnas institiuideach bho stéidheachdan na h-Albann agus na Breatainne, aig a’ cheann thall, bha a’ Ghàidhlig a’ breabadh air ais. ’S e aramach cultarail a bh’ ann agus bha mi airson mo phàirt fhéin a ghlacadh.

Dar a ráinig mi fileantas, rinn mi mo dhìcheall àite sònraichte a thoirt don chànain nam bheatha phearsanta. Dh’obraich mi gu cruaidh airson obair fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig, bha buidheann de dhlùth-charaidean agam aig an robh Gàidhlig agus bha mi cinnteach, nuair a bhiodh clann agam gum bruidhninn Gàidhlig riutha. Gu bitheanta, chumainn taic ri tachartasan Gàidhlig ann an Glaschu agus chuirinn fhéin tachartasan air dòigh cuideachd. Nuair a bhios mi a’ coimhead air ais don phàirt sin de mo bheatha, chan eil mi gam aithneachadh fhèin idir.

Thòisich mi a’ fàs seachd searbh sgìth de shaoghal na Gàidhlig bho chionn beagan bhliadhnaichean. Bha mi a’ cluinntinn mu dheidhinn ath-bheothachadh na Gàidhlig gu bitheanta ach bha an sprac a mhothaich mi airson a’ chànain ann an àiteachan mar Bheul Feirste agus a’ Chuimrigh fìor ghann. Gu bitheanta, bhruidhninn Gàidhlig ri cuideigin aig an robh i bho thùs agus chan fhaighinn bhuaithe ach Beurla. No, bhruidhninn ri mìleantaich air chor-eigin a leanadh orra anns a’ Ghàidhlig airson puing phoilitigeach a dhèanamh, fiù ’s ged a bhiodh iad am measg cuid de dhaoine aig nach robh Gàidhlig. Cha do thaitinn an dara cuid dhiubh rium agus mhothaich mi do dh’fhìrinn mhì-chofhurtail. Ann an saoghal na Gàidhlig, mar as motha a bhruidhneas tu a’ Ghàidhlig, is ann nas motha a chuireas tu fhéin nan aghaidh. Gun teagamh sam bith, ’s toigh leam a’ Ghàidhlig fhathast mar chànain fhéin no cuspair rannsachaidh ach thòisich mi a’ mothachdainn nach robh mi a’ buaineadh mòran aoibhneis aiste.

Mhothaich mi cho luath ’s a bhiodh cuid de dhaoine buailteach air Gàidhlig càich a chàineadh. Ro bhitheanta, chluinninn mu dheidhinn Gàidhlig cheart agus Gàidhlig cheàrr. Bha e follaiseach dhomh mura bruidhneadh tu dìreach mar a bhruidhneadh cuid de dhaoine iad fhèin gun creideadh iad gun robh thu mearachdach. ’S ann fada, fada ro bhitheanta a chunnaic mi cuideigin a’ dèanamh an dìcheall Gàidhlig a bhruidhinn mus cuala mi dearg amadan eile ga chàineadh. Gu pearsanta, rinn mi oidhirp mhór airson dualchainnt shònraichte a thogail, Earra-Ghàidheal. Ar leam nach dèanadh e diofar ge be dé an dualchainnt a thogadh tu, bhiodh cuideigin ann ris nach còrdadh i.

Bhon a tha mi a’ buntainn ri Éirinn, nuair a chuir mi romham Gàidhlig ionnsachadh, choimhead mi air a’ Ghàidhlig bho shealladh na h-Éireann. Theagamh gur e mearachd a bha siud agus is cinnteach nach do thuig mi gu ceart an diofar a bh’ ann eadar an dà shuidheachadh. Ann an Éirinn, aithnichidh a’ mhór chuid, co-dhiù a tha no nach eil i aca, gur i cànain Éireannach a th’ innte agus tuigidh iad beagan co-dhiù mu dheidhinn eachdraidh na cànain. Ann an Albainn chan eil sin fìor idir. ’S ann gu bitheanta a chluinneas sinn an traicleis nach deachaidh a bruidhinn riamh anns an sgìre seo, no anns a’ Ghalltachd air fad. Chuir an uiread aineolais iongnadh mòr orm ach tha tuilleadh ’s a chòir de dhaoine a’ creidsinn nach ann á Albainn a tha i.

Air an làimh eile, tha meall dhaoine ann a tha taiceil don Ghàidhlig. Ach, chì meall dhiubh soidhnichean rathaid ùra no cluinnidh iad Gàidhlig air an réidio no tbh, no leughaidh iad sgeulachdan mu dheidhinn na sgoiltean as ùire a tha a’ togail ceann air feadh na dùthcha agus creididh iad gu bheil i sàbhailte agus nach fheum iadsan fhéin dad a dhèanamh. Tha e fìor gu bheil FMG air a bhith gu math soirbheachail ach ma tha daoine a’ creidsinn gun dèan na sgoiltean a-mhàin a’ chùis, chìthear cho aineolach ’s a tha neart dhaoine ann an Albainn a thaobh chànain. Agus chan eil a’ chofhurtachd sin a thaobh na cànain ri fhaicinn taobh a-muigh saoghal na Gàidhlig a-mhàin. Tha meall dhaoine ann a b’ fheàrr leotha dreuchd chofhurtail gun a bhith a’ dèanamh dad sam bith a tha radaigeach no eadar-dhealaichte. Agus, abair dìomoladh a th’ ann dar a chluinneas sinn na sgeulachdan mu dheidhinn fear no té eile gun fhacal dhith a fhuair obair Ghàidhlig.

Chan eil ann ach nas lugha na 60,000 duine aig a bheil Gàidhlig gu ìre fileanta. Chan abrainn gu bheil i aig móran mar chiad chànan san latha an-diugh agus chan abrainn gum bruidhinn neart dhaoine i gach latha taobh a-muigh nan sgoiltean. Mura bi sinn cùramach, dh’fhaodadh suidheachadh na cànain a bhith nas coltaiche ri suidheachadh Gàidhlig Mhanainn seach Gàidhlig na h-Éireann. ’S e mo bheachd-sa gum bu chòir deasbad nàiseanta a bhith ann agus feumaidh beachdan, an dà chuid Gàidheil ’s Goill, atharrachadh. Mas e cànain nàiseanta a th’ innte, feumaidh daoine a bhith cleachdte ris a’ bheachd ma dh’fhàsas a’ choimhearsnachd, atharraichidh a’ choimhearsnachd. Bho thoiseach na 21mh linn, tha saoghal na Gàidhlig air sàr-obair a dhèanamh airson daoine ùra a thoirt a-steach ach chan eil sin gu leòr. Chan eil sinn ach a’ milleadh goireasan ma chailleas sinn daoine a tha air oidhirp mhór a dhèanamh cheana.

Bi beò ann an Gàidhlig? Bidh mi a’ feòrachadh dhìom fhéin gu bitheanta am b’ fhiach an oidhirp a rinn mi airson Gàidhlig a thogail. Gun teagamh sam bith, tha i air mo bheatha atharrachadh ach chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt am biodh i na b’ fheàrr no na bu mhiosa gun Ghàidhlig, no dìreach eadar-dhealaichte. Chan eil mi a’ dol a chur mo chùl rithe gu h-iomlan idir. ’S i a’ Ghàidhlig mo chànain phroifeiseanta, bheir mi taic do luchd-ionnsachaidh gu bitheanta agus tha dòrlach de dhlùth charaidean ris am bi mi a’ bruidhinn ann an Gàidhlig gu nàdarra. Ach, bha uair ann dar a bhiodh i na pàirt na bu mhotha dem bheatha, agus dar a bhithinn fhìn nam phàirt na bu mhotha den choimhearsnachd agus dar a bhithinn airson teaghlach a thogail ann an Gàidhlig, ach chan ann a-niste. Chun na crìche sin co-dhiù, tha mi air chall.

Le Criostóir Piondargás

Share

2 fhreagairt do “Bi beò ann an Gàidhlig: bith-beò goirt?”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach