Bi buan agus na gèill is tu beò | Beachd

jimlarkin

Uill abair thusa seachdain fhada ann an Saoghal Cumhang Mì-rùn Mòr nan Gall.

Gràin na Gàidhlig. Tha e anns a’ phlaybook phoilitigeach a-nis, mar a chanas luchd-iomairt poilitigeach anns na Stàitean. Dh’fhuasgail am feòcallan grod, McTernan, snaidhm èiginneach nuair a thòisich e a’ caineadh shanasan Gàidhlig air Twitter o chionn treis.

A dh’aindeoin gach bùrach a tha an t-amadan sin air dèanamh, thall ’s a-bhos, cha chuir e an-àird càil air Twitter gun adhbhar – tha a h-uile rud ag amas air làmh an uachdar a thoirt air ais dha na Làbaraich – bha e follaiseach sa bhad dè bha e ag amas air, am Pàrtaidh Nàiseanta a dhochann – agus cleachdaidh esan agus a chuid nimheil, uidheamachd sam bith airson sin a thoirt gu buil.

Tha e na chùis nàire gun do leig am pàrtaidh a rinn an t-uabhas dhan Ghàidhlig agus sa bheil Brian MacUilleim, Alasdair Moireasdan, Calum Dòmhnallach agus iomadh Gàidheal is caraid nan Gàidheal eile an seòrsa de theachdaireachd seo a-mach gun cheist.

A chionn ’s gun do thachair na bha mise an dùil na thachradh, gun toireadh seo air cuid de luchd an Aonaidh a bhith a’ coimhead air Gàidhlig mar rud “Nàiseantach” seach na rud nàiseanta. (Chan fheum sinn a choimhead nas fhaide na Sgiathan thar na h-Alba airson faicinn nach eil taic gu neo-eisimileachd a’ ciallachadh Ipso Facto gum bi thu bàidheil dhan Ghàidhlig.)

Chunnaic sinn àm-buain puinnseanta an t-seachdain seo nuair a thòisich cunntasan nam meadhanan sòisealta a tha air an stiùireadh le luchd-taic an Aonaidh air breugan agus toibheum mun Ghàidhlig a sgaoileadh. Plus ca change chanadh tu, na h-amadain a’ toirt smugaid eile gu dig mhòr an eadar-lìn, ach an uairsin thachair rud cho cunnartach a chunnaic mi ann an deich bliadhna an-sàs ann an iomairtean na Gàidhlig: chuir ball-pàrlamaid Tòraidheach (agus tagraichean-taghaidh) làn-thaic dha na beachdan nimheil, cunnartach sin.

Math no dona, tha gràin na Gàidhlig air tighinn am bàrr mar innleachd phoilitigeach – gu fortanach, tha sinn beò ann an dùthaich a tha an ìre mhath baidheil dhan Ghàidhlig – agus cha tog ach an cuibhreann sin den t-sluagh a tha làn gràin an aghaidh eadar-dhealachaidh sam bith (fògarraich na Mara-mheadhanach gu h-àraidh) bratach a’ Mhì-rùin. Ach ’s e a’ phris a tha ri pàigheadh airson adhartas dhan Ghàidhlig (agus saorsa, agus deamocrasaidh agus còraichean a’ chinne-dhaonna) a bhith ri faire fad na h-ùine. ’S e seo fear dhe na h-amannan sin far am feum sinn uile a bhith deiseil agus deònach ar còraichean a sheasamh. Nuair a chì luchd bàidheil na Beurla sin, chi iad an daonnachd chumanta a sheasas os cionn gràin agus thig iad air ar cùlaibh.

Chan e seo an t-àite airson na seann argamaidean a thogail an aghaidh gràin na Gàidhlig – ma bhios tu am measg luchd-leughaidh Dhàna, tha mi ’n dùil gu bheil thu sàr-eòlach orra – ach iarraidh mi ort aon rud a dhèanamh – na h-argamaidean sin a thogail nas làidire agus nas fharsainge na thog thu a-riamh. Bi socair, bi ciùin ach bi daingeann is bi buan. Bruidhinn agus cleachd ar cànain a h-uile latha agus freagair ri nonsaireachd nan nàmhaid le fiosrachadh agus firinn.

Tha làithean dorcha romhainn, ach tha mi a’ creids’ nach eil fhios aca dè cho daingeann is seasmhach a tha sinn. Tha sinn fhathast an seo agus le cridhean làn gaoil agus deagh rùn, mairidh sinne fada as dèidh dha luchd-gràin don Ghàidhlig a dhol nan dust.

  • Eòghan
Share

Aon fhreagairt do “Bi buan agus na gèill is tu beò | Beachd”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach