Bill Withers | Leig do chudthrom orm

Tha Eòghan Stiùbhart a’ cur clach air càrn Bill Withers, gaisgeach ciùil is sàr-dhuine.

Nuair a bha mi òg fhathast, bha deagh charaid agam Gillian. Thàinig sinn tron Fhèis còmhla, agus fhuair sinn an craic còmhla tric gu lèor anns na samhraidhean goirid buan sin eadar deireadh na sgoile agus mus do thòisich sinn a’ dol an-sàs gu cruaidh san t-saoghal.

Cha robh an eòlas ciùil agam ro fharsaing aig aon aois sin, cha robh e a’ dol beagan nas fhaide na Runrig is Meat Loaf is Jimmy Shand aig an àm sin (cò dh’iarradh an còrr? canaidh feadhainn) ach beag air bheag bha mi air ionnsachadh mu Bob Marley is Marvin Gaye, agus bha mi an còmhnaidh gu math deònach èisteachd ri beachdan o charaidean gu h-àraid iadsan a bha fada na bu “cool” na bha mise.

Mar sin nuair a bha sinn a-mach airson cuairt, ma dh’fhaoidte dhan Mharket Bar ann an Inbhir, thug Gillian orm ‘The Best of Bill Withers a cheannach ann an HMV Iairson £3.99. Cha robh mi air ainm a chluinntinn roimhe, ach bha i gu math làidir den bheachd gum bu chòir dhomh an clàr seo a cheannach agus sin a rinn mi. Bidh mi an-còmhnaidh taingeil airson sin, gun do chuir mi eòlas air an neach-ciùil onaireach, bhrìghmhor, ghasta seo.

Chan eil mi air Gillian (a tha na neach-ciùil onaireach, brìghmhor, gasta cuideachd) fhaicinn gu ceart o chionn fhada ach tha mi an-còmhnaidh a’ smaoineachadh oirre a h-uile turas a dh’èisteas mi ris a’ cheòl aig Bill Withers. ‘S mathaid gum bi

1. Ain’t No Sunshine

Tha siorraidheachdan anns an òran seo. Nan do dh’fhiosraich thu briseadh-cridhe riamh na do bheatha, tha a h-uile dìomb is eu-dòchas ri chluinntinn ann, ach cuideachd am mì-chìnnt agus an cràdh. Chan eil cus eile ri ràdh mu dheidhinn, tha e dìreach beagan nas fhaide na dà mhionaid ann am fad air a’ chlàr, agus tha e a’ cantail na dh’fheumas e. Bhriseadh e ann an dà leth thu nan robh e nas fhaide.

2. Grandma’s Hands

Airson clann nan naochadan, chuir a’ mhòr-chuid againn eòlas air an t-sampall a nochd anns an òran “No Diggity” le Blackstreet, air a riochdachadh le Dr Dre. Tha an cruth air a’ chlàr snog, a’ bruidhinn air cuimhneachan Bhill air a seanmhair a’ bualadh bois anns an eaglais, a’ toirt comhairle do bhoireannaich òga sa bhaile, agus a’ dìon Bill o smachd athar, ach airson am buaidh as motha fhaighinn às feumaidh tu èisteachd ris an tionndadh air Live At Carnegie Hall. On a chaochail mo sheanmhair Màiri, tha an t-òran seo a’ tighinn gu cuimhne glè thric. Mar a chanas Bill “A lot of people come up to me and say man, I dug my grandma too.”

3. Harlem/Cold Baloney

Tha an clàradh air fad o Charnegie Hall a’ nochdadh cho èirmseach, cho èibhinn agus cho math ’s a bha e mar neach-aghaidh air còmhlan-ciùil. Tha rudeigin cho cool mun dòigh sa bheil e a’ cantail ‘cat’ ri daoine. Tha e doirbh a chreid nach do thog e giotar mus robh e 29 (cha robh e seinn gu poblach no air òran a sgrìobhadh), bha e air a bhith sa chabhlach Ameireaganach agus ag obair a’ cur taigh-beaga a-steach gu pleanaichean, thàinig a’ chiad chlàr Just As I Am a-mach nuair a bha e 33, agus cha mhòr gun do dh’fhàg e gnìomhachas a’ chiùil gu tur ann an 1985 aig aois 47 nuair a dhiùlt e cùmhnant eile a shoighneadh le companaidh sam bith. Seo fear aig nach robh ùidh ann a bhith a’ ceannach an t-saoghail aig prìs sam bith. A-rèir coltais, ’s e a’ bhuille mu dheireadh a bh’ ann gun do chuir Columbia a-mach clàr le Mr. T an àite clàr Bhill!


4. Lean On Me

Ged nach biodh e a’ dol air chuairt ach glè ainneamh agus cha robh e a’ cur a-mach ceò lean cliù Bhill tro shampladh ann an R&B is Rap, daoine a’ dèanamh nan tionndaidhean aca fhèin agus Lean On Me a’ nochdadh anns a h-uile dara sanas-reice. Tha an t-òran seo air a bhith ga chlàradh leis a h-uile neach, fiù ’s Glee air ais anns na làithean dorcha sin. Tha a h-uile duine eòlach air achachan eil e air a chluich ro thric gu bheil thu searbh dheth, agus ann an dòigh, faodaidh tu an t-òran seo a chumail a’ dol airson uairean a thìde, tha e a’ togail ’s a’ togail agus a’ cur an cèill gu bheil sinn uile feumach taic àm air choireigin.

Mar a thug mo charaid dhomh eòlas air Bill o chionn bhliadhnaichean roimhe, bidh an t-òran seo nam chuimhne gu bràth o thuras rathaid eadar Glaschu agus Dùn Èideann, a’ toirt lioft do charaidean còire eile ’s iad a’ dol gu consairt Runrig. Sheinn sinn seo a-rithist ’s a-rithist, ged a bha Bruce is na Dòmhnallach ann an deagh fhonn, ’s e òran Bhill a thug toileachas as motha dhomh air an M8 agus gus an latha an-diugh. Seo Bill a’ nochdadh aig tribute dha o chionn bliadhna no dhà, a’ faicinn an spèis a tha aig daoine de gach aois dhan duine agus dhan cheòl aige. Tha an t-òran seo air beatha ùr fhaighinn uair eile leis an t-suidheachadh èiginneach aig a’ Chòrona-bhìorais agus bheir e comhfhurtachd do dh’iomadh neach airson iomadh bliadhna fhathast. ‘S e òran buan a th’ ann.

5. Still Bill

‘S e an rud as prìseilie dhomhsa mu dheidhinn ceòl Bhill gu bheil e a’ rannsachadh dè tha e a’ ciallachadh a bhith nad fhear san t-saoghal. Cò ris a tha e coltach a bhith nad dhuine, nad athair, nad leannan, nad ogha, nad shaighdear (I Can’t Write Left Handed), nad mhac – ann an cuid de na h-òrain, tha e ag innse sgeulachdan dhaoine àbhaisteach, agus cha mhòr gun fhiosta gan leudachadh is gan togail an-àird mar shailm. Chan eil an t-eagal air rudan dorch, rudan pianail a chur an cèill, (èist ri Better Off Dead! a bhios a’ crìochnachadh le fuaim urchair!) ach tron cheòl agus tro na briathran tha e follaiseach gu bheil sruthan làidir de cheartas agus gràdh a’ ruith tron duine is an obair aige. Nuair a bhruidhneas sinn air fireannachd agus na h-eisimpleirean bu chòir dhuinn sealltainn dhan t-saoghal, cha tèid sinn fada ceàrr le Bill Withers.

Ann an iomadh seadh ’s e a bheatha fhèin an t-òran a b’ fheàrr a rinn Bill riamh agus tha an dà chuid, ìrisleachd agus comas a’ nochdadh anns an fhiolm Still Bill o 2009. Bheir e blàthachadh dhan a’ chridhe as fhuaire.

Fhuair Bill Withers bàs le trioblaidean cridhe aig aois 81 ann an Los Angeles Diluain. Dh’ainmich a theaghlach e mar “Fear aonarach le cridhe a bha ga iomain gus ceangal ris an t-saoghal”. Anns na làithean seo far a bheil sinn uile aonranach, feumaidh sinn ar n-iomain fhèin gus na ceanglaichean sin a dhèanamh.

Tha mi an dòchas gun còrd na h-òrain seo riut, thoir an aire ort fhèin.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach