Billy MacNèill

Bidh gu leòr ga sgrìobhadh is ga ràdh mu dheidhinn Uilleam MacNèill, fear Celtic gu a smior, sgiobair Leòghainn Lisbon agus fear a bha na fhuamhaire ann am ball-coise na h-Alba, ach chan eil agam ach sgeulachd bheag mar chlach air a chàrn.

Nuair a bha mi nam bhalachan beag, cha robh mo mhàthair gu math, agus cha robh fios agam dè bu choireach. Bha mo mhàthair a’ cur taic ri Celtic air sgàth Rìgh Choinnich Dalglisgh, mar sin sgrìobh mi litir gu Celtic, ga sheòladh gu Billy MacNèill a bha na mhanaidsear aig an àm, a’ faighneach airson autographs. Cò sgrìobh air ais ach Billy e fhèin le nota beag na làimh-sgrìobhaidh ceangailte ris na h-autographs ag ràdh “Tha mi an dòchas gun toir na tha seo air do mhàthair a bhith a’ faireachdainn nas fheàrr.” Saoilidh mi gun tug, oir mu dheireadh thall dh’fhàs i na b’ fheàrr agus i cho làn de bheatha ’s a bha i riamh cha mhòr deich air fhichead bliadhna on uairsin.

A-nis gu bheil e air siubhal às dèidh tinneas fada agus strì an aghaidh seargadh-inntinn, dh’fhairich mi nach robh e ach freagarrach mo dhùrachd agus mo bheannachd fhàgail às a dhèidh airson a choibhneas agus a chobhair beag a rinn diofar mòr do bhalachan beag. Hail Caesar!

 

:: Eòghan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach