Lann Ruitheadair | Blade Runner 2049

bladerunner2049

Tha am film ‘Blade Runner’ a nochd sna 80an cha mhòr coisrigte do luchd leantainn ficsean saidheansail. An e toilbheum a bhiodh ann am filmeadh dreachd ùir? Chaidh Màrtainn Mac A’Bhàillidh a dh’fhaicinn ‘Blade Runner 2049’.

Tha daoine mar mi fhèin, a rugadh anns na h-ochdadan, air an t-uabhas de na filmichean, sgeulachdan agus caractaran fhaicinn leis an do dh’fhàs sinn suas ’s iad air an dèanamh às ùr. Uaireannan dìreach film eile a tha mas fhìor ùr, air a chur riutha gun fheum no adhbhar ach airson airgead a dhèanamh gu furasta, gu tùr a’ crochadh air cliù an fhir thùsail. Tha mi fhèin ro chleachdte riutha, mar sin, agus leis gur a’ chiad Blade Runner am film as fheàrr leam san t-saoghal, bha measgachadh de dh’iomagain agus fhiughair orm mu Bhlade Runner 2049.

‘S e fìor dheagh fhicsean saidheansail a th’ ann am Blade Runner ach cuideachd na ‘Noir’ clasaigeach; lorgaire dìomhaireach, boireannach cunnartach (no femme fatale), saoghal dorcha aonaranach far a bheil an t-uisge a’ dòrtadh an-còmhnaidh; bha na co-phàirtean deatamach uileadh ann! Cha b’ e sealladh dòchasach a thug am film dhuinn agus ‘s ann anns an t-saoghal eagalach sin a tha am fear ùr stèidhichte. Cha b’ e film furasta a choimhead a bh’ ann am Blade Runner ach bha an teachdaireachd cumhachdail, riatanach agus fhathast leantainneach.

Bhon a chaidh an ciad-fhilm a sgaoileadh an toiseach ann an 1982 tha còig tionndaidhean de Bhlade Runner air tighinn a-mach. Tha cùisean air tighinn chun na h-ìre is gu bheil e duilich dhomh a radh fiù ’s ma tha na cuimhneachaidhean a tha agam air an fhilm thùsail fìrinneach gus nach eil. Ach ’s dòcha gu beil sin iomchaidh air sgath gur e sin a’ bhrìgh aig cridhe na sgeoil; dè tha fìor is dè nach eil? Lethbhreacan, cuimhneachaidhean; dè tha gar dèanamh nar mac an duine; an e ar cuimhichean, ar faireachdainnean agus ar co-fhaireachdainnean no an e dìreach gun deach ar breith gu nàdarra a tha a’ ciallachadh gu bheil anaman againne? (Co-dhiù ma chreideas tu gu bheil an leithid ann).

Anns an t-saoghal ghruamach, lom, a tha air fhoillseachadh dhuinn an-seo ‘s iad na Replicants, na clònaichean a chaidh innleachadh mar thràillean dhuinn anns na speuran, no ‘off-world’ mar a th’ aca air, a tha da-rìribh comasach air gaol, co-fhaireachdainn agus lèirsinn. Tha iad ag iarraidh a bhith beò. Ann am Blade Runner 2049 tha sinn a’ leantainn builean às dèidh do Rick Deckard (Harrison Ford) agus Rachael (Sean Young) teicheadh aig ceann a’ chiad fhilm. Tha 30 bliadhna air a dhol seachad agus ‘s ann nas miosa a tha an saoghal air fàs san eadar-ama.

Bha tòrr cheistean air fhàgail gun fhreagairt sa chiad fhear agus ‘s ann gu mòr a’ cur ris an sgeulachd a tha am fear ùr. Tha an sgeulachd sin domhain agus làn bheartais, a’ togail air beachdan làidir mu ghaol eadar daoine agus na gealltanasan a tha sanasachd agus teicneolas a’ toirt dhuinn. Tha e a’ toirt ort ceasnachadh mu dè ‘s urrainn dhut a chreidsinn mu chàirdeasan eadar daoine, ‘s sinne an urra ri cuimhneachaidhean sealach mì-earbsach. ‘S ann eadar Replicant Officer K (Ryan Gosling) agus Joi (Ana de Armas) an hoileagram aige le tuigse innealta, a tha an càirdeas as blàithe agus ùghdarrail san fhilm. Ach fhad ‘s a tha e ga do thoirt a-steach leis a’ bhlàths sin eatorra, a-muigh san uisge tha sanasachd a’ togail amharas; an seo tha ‘Joi’ a’ nochdadh na fuamhaire, is an duan aice “Ge b’ e dè tha thu ag iarraidh chluinntinn, ge b’ e dè tha thu ag iarraidh fhaicinn”: chan urrainnear earbsa a chur anns na tha thu fhèin a’ faireachdainn.

Mar a bhiodh dùil tha an t-actadh uile fìor mhath, ach an taca ri cuid de na fhilmichean, leithid Star Wars agus Indiana Jones, a chleachd Harrison Ford airson an ròil aige ùrachadh gus a luchd-leantainn a thoileachadh, tha an aois aig a bheil e, a’ cur ri sgeulachd Rick Deckard. ‘S e taisbeanadh faireachail, tòcail agus neartmhor a th’ ann bhuaithe. Mar a rinneadh sa chiad fhear, tha an stiùiriche sgileil dàna Denis Villeneuve air ùine a thoirt eadar na caractaran; chan eil cabhag ann mar a tha àbhaisteach do Bhlocbusters ùra. ‘S e an t-àile, an oillt, a tha cudromach do Villeneuve.

Gu neo-àbhaisteach son an latha a th’ann, chuir Villeneuve teicneolas camara agus èifeachdan lèirsinneach gu feum gus seallaidhean do-chreidsinneach àlainn a lìbhrigeadh,  Chum e leis an stoidhle-lèirsinn bhuadhmhoir bhon a’ chiad fhear; na dathan doilleir agus dorchadas domhain air an co-chontrarrachadh an aghaidh sanasachd saidhbhreachail soilleir. Tha fuaim an fhilm gu mòr an crochadh air a’ cheòl iomraiteach le Vangelis, Hans Zimmer agus Benjamin Wallfisch a tha mar ghaoir neo-shocrach a’ chuireas ris an ìomhaigheachd.

Gu h-iongantach dhomhsa, ‘s e ath-fhilmeadh, (sequel) a tha nàdarra is cudromach. A’ leantainn film nach do dh’fhàs sgìth no sean idir, tha am fear ùr smaoineachail ‘s snasail. Tha am film a’ cur an cèill gu h-ealanta beachdan le buinteanas san latha an-diugh agus cuid de na trioblaidean bunaiteach a tha romhainn. Chan ann tric a chithear sequel a shàsaicheas ar dùil mar seo. Nam bheachd-sa ‘s e clasaig ùr a th’ann air am bi sinn a’ coimhead a-rithist is a-rithist san àm ri teachd.

Màrtainn Mac A’ Bhàillidh

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach