Bliadhna Dhàna

Tha sinn bliadhna a dh’aois an-diugh – Tha Liam a’ toirt sùil air ais air bliadhna mhòr dhàna – agus air adhart gu àm ri teachd dòchasach. Ma tha thu airson sgrìobhadh dhuinn, bhiodh sin na dheagh thiodhlac dhuinn. A-nis càite a bheil an ceic mhilis.

Tha an iris-d Ghàidhlig, Dàna, a’ comharrachadh bliadhna on a chaidh a stèidheachadh sa gheamhradh an-uiridh. Chaidh a’ chiad phost, ‘Feamainn mar bhiadh’, fhoillseachadh air an 28mh den Ghearran, 2013. Bho na tùsan sin, tha Dàna air a bhith a’ foillseachadh corra artaigil no pìos cha mhòr gach seachdain agus dùil againn gun lean sin sna bliadhnaichean ri teachd.

 

Aisling Dhàna

Dh’èirich smuaintean airson Dàna an lorg naidheachd gum biodh an iris pàipeir Cothrom, le Clì a’ dol à bith. Bhathar a’ smaoineachadh gun robh beàrn ann airson iris a chur air bonn air-loidhne do choimhearsnachdan na Gàidhlig. ‘S e iomairt shaor-thoileach a th’ ann, le sgrìobhadh a’ tighinn à iomadh ceàrnaidh agus sgioba bheag ga stiùireadh ’s ga dheasachadh. Mar sin, tha sinn gu mòr an eisimeil nan tagraichean a chuir pìosan thugainn thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh; taing dhuibh!

‘S e rùn Dhàna a bhith a’ foillseachadh artaigilean ùra agus sgrìobhadh cruthachail gu cunbhalach, a’ beantainn ri naidheachdan, poileataigs, cànan, cultar, spòrs, agus eile. Tha farsaingeachd artaigilean air a bhith ann, bho mhilleadh a’ Mhoirich, bàrdachd GTA5, ceallan-luirgeach, an Superbowl (2014), agus Gàidhlig san #indyref. Dh’adhbharaich sinn connspaid agus deasbad cuideachd, a’ gabhail a-steach Gàidhlig sna sgoiltean, iomairt Sgoil Eòlas na h-Alba agus Gràin air a’ Ghàidhlig.

 

Dèan thu fhèin e.

Chan b’ e rathad rèidh a bha mu choinneimh irisean Gàidhlig sa bhliadhna a dh’aom. Tha Cothrom, a dh’fhalbh ’s a thill ann an riochd ùr, agus Nòs, iris-d ar co-Ghàidheil an Èireann, nan deagh eisimpleirean dhen chunnart an lùib a bhith an crochadh ri maoineachadh bhon sporran phoblach a-mhàin. Tha Dàna moiteil gu bheil sinn neo-eisimeileach. Cha tèid sinn à bith fo rùn buidheann no cuideigin eile.

Càite bheil a’ Ghàidhlig an-diugh air an t-slighe? A bheil i a’ dol a dhol gu buaidh no bàs? A bheil sinne, mar luchd-taice a’ chànain, a’ dèanamh ar leòir airson ’s gun nochd i fo bhlàth às ùr?

Tha deagh bhrìgh san artaigil a dh’fhoillsicheadh mu aoradh an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann. Bha eagal gun tigeadh aoradh Gàidhlig gu crìch an sin fo ghainnead mhinistearan. Bha taghadh rompa gu dè a dhèanadh iad. An leigeadh iad sìos aoradh cunbhalach? No, an gabhadh iad uallach nan seirbhisean bàna os làimh iad fhèin? ‘S e an rud eile a rinn iad.

Mura h-eil rudeigin a’ dol a thachairt air thàilleibh nach eil cuideigin eile a’ dol ga dhèanamh, dèanadh tu fhèin e! An leig sinne leis a’ Ghàidhlig a dhol sìos bliadhna is bliadhna, air neo, a bheil sinn a’ dol a dhèanamh an oidhirp a tha a dhìth gus ar cànan a neartachadh. Tha corra càs nach eil nar làmhan, air nach eil sinn comasach atharrachadh. Ach tha tòrr a bharrachd a tha nar comas.

 

Amasan

San àm ri teachd, tha dùil aig Dàna a’ cumail oirnn a’ cur ri beachdan an t-sluaigh agus sgaoileadh na h-irise. Bidh sinn ag amas air margaidheachd agus ruigheachd na h-irise a leadachadh gu sònraichte. A bheil àitean ann far nach ruig an làrach-lìon aig Dàna? Cò nach leugh irisean air loidhne? Cò nach urrainn a leughadh? Cò a dh’èisteadh? Saoilidh mi gu bheil tòrr ri dhèanamh. A bheil beachd agaibh fhèin air dòighean a b’ fheàrr air an iris a sgaoileadh? Leig fios. Am b’ urrainn dhuibh a chuideachadh? Leig fios.

Co-dhiù no co-dheth, bidh a bharrachd a’ nochdadh an-seo. Cum sùil air a’ bheàrn seo.

 

Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach