Bliadhna na Mallachd aig Comann na Camanachd

iomain dd

Nuair a ghabh an rèitire, Raibeart Mac a’ Bhacstair, ball iomain dha na magairlean anns a’ ghèam mhòr eadar An Gearasdan agus Camanachd an Òbain Disathairne, bha e mar shamhla air seachdain cho sgreamhail is a bha riamh aig Comann na Camanachd.

Dh’fheumte an rèitire uasal a thoirt far na pàirce, agus cha b’ urrainnear fear-ionaid a lorg a fhreagradh air an dà sgioba. Mar sin, chaidh crìoch a chur air a’ ghèam sa chiad leth le Camanachd air thoiseach tadhal gu neoni (agus iadsan feumach air buaidh airson an tiotal a ghlèidheadh seach muinntir Inbhir Lòchaidh).

Cho fad ’s a thàinig dàil air a’ ghnothach airson cò bhiodh a’ dol suas on Lìog Nàiseanta chun a’ Phrìomh Lìog’, lean a’ bhuille ghoirt sin do shliochd a’ Bhacstair air suidheachadh damaite eile dhan Chomann a thaobh cò bhiodh gan toirt a-staigh dhan Lìog Nàiseanta o na Lìogaichean Roinneil.

Diardaoin, dh’fhoillsich Baile a’ Chaolais, a bha air an ainmeachadh mar an sgioba a’ ghlèidh Tiotal a’ Chinn a Deas, nach biodh iad a’ coileanadh a’ phlay-off aca an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich Disathairne. Dh’ainmich Muinntir Taobh Loch Lìobhainn nach robh iad airson a’ ghèam a chluich airson iomadh adhbhar, ach san dealachadh ghèill iad an gèam, agus an cothrom a dhol an àird, dha na Sgitheanaich.

Tha iomadh car san rathad dhan chaisteal ge-tà, agus a-rèir coltais, a’ freagairt ri beachd a dh’fhàg cluicheadair iomain air choireigin air balla Facebook Chomann na Camanachd, sgaoil an Comann sanas-naidheachd ag innse gun tug iad an tiotal dhan dà sgioba ro thràth oir dh’fhaodadh gum fàilnicheadh e orra na geamannan aca san lìog a choileanadh fhathast.

Tha technicalities ann, agus tha technicalities ann. Chan eil rathad ann nach robh Baile a’ Chaolais no An t-Eilean a’ dol a ghèilleadh gèam aig an ìre sa san Lìog ach tha e doirbh a chreidsinn mar a ràinig an spòrs an suidheachadh seo.

O chionn dà sheachdain, bha geamannan gan cur dheth ri linn aon deuchainn eadar-nàiseanta agus aon ghèam eadar Ceann a Deas agus Tuath aig Aois fo-21 nuair a bha gu leòr “dead-rubbers” ri chluich. Agus leis gu bheil an dà ghèam eadar-nàiseanta gu bhith ann aig deireadh an Dàmhair, thèid an dà ghèam a chluich air a’ Chiad Là den t-Samhain! Mur h-e Oidhche Shamhna a tha air a bhith aig a’ Chomann, tha a’ bhliadhna seo air a dhol na trom-laighe on a chuireadh an Lìog Nàiseanta a-rithist air chois an-uiridh.

Thugadh crathadh mòr air lìogaichean na h-iomain an-uiridh. Chaidh am Prìomh Lìog (a bha nàiseanta co-dhiù) a lùghdachadh o dheich sgiobaidhean gu ochd agus chruthaicheadh Lìog Nàiseanta a h-Aon de dh’ochd sgiobaidhean fodha. Ghairm Camanachd an Eilein coinneamh choitcheann èiginneach airson cur an aghaidh an atharraichidh; chluich iad anns an Lìog Nàiseanta nuair a bha e ann eadar 1999 agus 2006 agus cha do chòrd e riutha. Ged a bha taic aca o Cheann a’ Ghiùthsaich agus Baile Ùr an t-Slèibh agus ged a fhuair iad taic o chòrr is leth-cheud a-mach à ceud dhe na clubaichean iomain san dùthaich, leis mar a tha lagh companaidh ag obair, cha d’fhuair iad gu leòr airson co-dhùnadh a’ Bhùird stiùiridh a shadail dhan t-sitig.

Cò tha an crathadh air riarachadh? Tha na sgiobaidhean anns a’ Phrìomh Lìog a’ gearan gu bheil an seusan ro ghoirid agus nach robh an Lìog de dheich briste. Tha e air buaidh a thoirt air na Lìogaichean nas ìsle, leis an Treas Roinn a Tuath ga ghearradh gu sia sgiobaidhean, agus anns an Lìog fhèin, tharraing Eilean Bhòid a-mach às a’ chiad ghèam den t-seusan, agus cha do dh’fhàs cùisean na b’ fhàsa dhaibh, a’ crìochnachadh le aon phuing.

Fiù ’s na sgiobaidhean ud a fhuair buannachd às a’ chrathadh mhòr – sgiobaidhean leithid a’ Ghearasdain, an Òbain agus an Eilein Sgitheanaich (a dh’aindeoin cho mòr ’s a bha iad an aghaidh), a chaidh sìos an-uiridh ach a thug misneachd mhòr às a bhith a’ cluich aig ìre na b’ ìsle airson bliadhna – tha iadsan mu dheireadh air a bhith gam fàgail fo bhròn aig a’ cheann thall. Thèid a’ bhliadhna seo a chuimhneachadh airson nan adhbharan ceàrr.

Mur robh mi a’ faicinn mo mhaol air fàs cho lom gach uair a bheirinn sùil air san sgàthan, chreidinn gur ann o chionn deich bliadhna a bha mi beò. Tha e a’ cur nam chuimhne gu mòr na lìogan eadar-amail, a chaidh an cur air cois eadar 2003 is 2004 nuair a ghluais an seusan chun an t-Samhraidh. Cha do chòrd a’ ghreiseag bheag fhaoin ud ri duine sam bith a bha an-sàs ann.

O chionn seachd no ochd bliadhna, a dh’aindeoin seusan no dhà a mhair ro fhada, tha iomain air a bhith ga chuairteachadh le faireachdainn mhath. Tha inbhe an spòrs gu math àrd sna meadhanan; tha Mgr Gary Innes air e fhèin a reic mar Dhaibhidh Beckham na Camanachd, agus tha sin air ciallachadh gu bheil aire a’ BhBC nas trice air an spòrs. Tha ceòl agus craic ceangailte ris an spòrs ann am pailteas na làithean-sa, le òrain aig Runrig agus Fergie Dòmhnallach. Tha cuairtean deireannach beòthail, tha diofar sgiobaidhean a’ farpais airson tiotalan agus cupannan agus tha sgiobaidhean ùra ag èirigh agus gan leasachadh ann an cuid de sgìrean ann an Alba.

Ach anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, chaidh mòran den deagh ghean sin a chall. Tha clubaichean mì-thoilichte, agus ged a tha iomadh sgeul sònraichte ri chluinntinn fhathast – gu h-àraidh Cuairt Dheireannach Raghnaill Rois, a chluich ann agus a bhuannachadh Cupa na Camanachd aon uair eile mus do leig e dheth a dhreuchd – tha iad air am bàthadh le dìle de dhroch sgeulachdan a thàinig dhan bhàrr as àirde seachdain sa chaidh.

Mar as luaithe a thig bliadhna dà mhìle ’s a ceithir deug gu crìch, ’s ann as fheàrr airson urchraichean mòra spòrs nan Gàidheal.

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach