Bòrd na Gàidhlig ri ‘obair-leasachaidh’

Tha roinnean Riaghaltas na h-Alba a-nis fo chùmhnant Bhòrd na Gàidhlig

Tha roinnean Riaghaltas na h-Alba a-nis fo chùmhnant Bhòrd na Gàidhlig

San ath ghluasad airson obair-leasachaidh na Gàidhlig a thoirt gu buil, dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig am Plàna Cànain ùr aca gus meuran de Riaghaltas na h-Alba a ghabhail thairis air an t-seachdain seo.

A-rèir brath-naidheachd a chaidh a sgaoileadh a-raoir, tha Bòrd na Gàidhlig a’ sùileachadh obair mhinistearan an Riaghaltais a ghabhail os làimh, a’ gabhail a-steach Ionmhas, Foghlam, agus Cultar.

“Leis gu bheil prìomh dhleastanas ris a’ Ghàidhlig air Bòrd na Gàidhlig ann an Alba air fad, dh’aontaich sinn gur e seo an t-slighe as fheàrr air adhart gus Cor na Gàidhlig a bhrosnachadh,” mhìnich neach-labhairt Bhòrd na Gàidhlig.

“Tha Gàidhlig ann an staid èiginneach, agus chan fhaod Bòrd na Gàidhlig an obair dheatamach seo fhàgail an urra ris an Riaghaltas,” thuirt iad.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur cuideam air dleastanas cùmhnantail Riaghaltas na h-Alba gus a’ Ghàidhlig a ghlèidheil agus a bhrosnachadh a-rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

“Chaidh an t-uallach agus an dleastanas a chur air Bòrd na Gàidhlig airson leasachadh na Gàidhlig a stiùireadh”, thuirt iad.

“Obraichidh seo nas fheàrr agus gnothaichean na Gàidhlig a-nis uile gu lèir fo bhratach a’ Bhùird.”

 

Comann na Gàidhlig

Tha an naidheachd seo a’ tighinn seachdain às dèidh do Bhòrd na Gàidhlig a ràdh gun tèid a’ mhòr-chuid de luchd-obrach Chomann na Gàidhlig (CnaG) a ghluasad fo sgèith a’ Bhùird.

“Shaoil am Bòrd gum biodh cùisean nas sgiobalta nan robh an obair-leasachaidh uile a’ tachairt le’r ‘guallaibh ri chèile’, mar gum b’ eadh. Ma tha sinn airson fìor adhartas èifeachdach fhaicinn ann an leasachadh a’ chànain, feumaidh obair na Gàidhlig a thoirt còmhla fon aon chabar.”

 

Obair nam Ministearan

Nuair a ghabh Bòrd na Gàidhlig obair ChnaG os làimh, ’s ann air fo-chùmhnantan a bha an obair sin stèidhichte.

“Mhothaich sinn nach robh e comasach don Bhòrd daoine fhastadh às ùr gun chead bho mhinistearan an Riaghaltais. ’S mar sin, shaoil sinn gum biodh e na b’ fhasa dhuinn uallach nam ministearan fhèin ris a’ Ghàidhlig a thoirt a-mach.”

Tha gnothaichean a bhuineas don Ghàidhlig, leithid Ionmhais, Foghlaim, agus Cultair, san amharc dhaibh.

“Mar eisimpleir, bidh e fada nas fhasa dhuinn Foghlam Tron Ghàidhlig a thoirt do dh’Alba gu lèir air maoineachadh an sporain phoblaich. Agus am Mòd Rìoghail am-bliadhna ann an Eilean Nis – abair thusa gum bi deagh horo-gheallaidh ann!”

“’S ann às leth na Gàidhlig a tha e.”

Share

One thought on “Bòrd na Gàidhlig ri ‘obair-leasachaidh’

Freagair Neil McRae Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach