“Boris”, air nòs Sheumais Mhic an t-Saoir, c. 1770 (mas fhìor!)

Boris – faidhle èisteachd
Seo agaibh rann bàrdachd aoireil o Dhàna mun phrìomhair ùr Thòraidheach, Boris Johnson, a tha mar oidhirp atharrais air nòs Sheumais Mhic an t-Saoir (c.1770). Gheibhear eadar-theangachadh Beurla foidhe air an duilleag Facebook.

San leabhar aige “A Journey to the Western Islands of Scotland (1775)” , thug an t-Ollamh Samuel Johnson beachd air na chunnaic ´s na dh’fhiosraich e nach do chòrd ri iomadh duine an Alba. Bha connspaid a’ dol cuideachd roimhe sin mu sgeulachdan Sheumais Mhic a’ Phearsain agus bha Samuel Johnson air fear den luchd-casaid a bha a’ cur an aghaidh ùghdarrachd nan sgeulachdan aig Mac a’ Phearsain. Rinn am bàrd gàidhealach Seumas Mac an t-Saoir aoir (c. 1770) air an Ollamh Johnson timcheall air an àm a thàinig e bho Shasainn gus cuairt a ghabhail air feadh nan Eileanan an Iar còmhla ri James Boswell. Tha pàirt dheth air a ghabhail a-steach san leabhar ùr “The Highest Apple, an Anthology of Scottish Gaelic Literature” air a dheasachadh le Wilson MacLeòid agus Mìcheal Newton.

 

Gu h-ìosal ma-thà, seo agaibh an oidhirp agam fhìn air stoidhle Mhic an t-Saoir a leantainn –  uiread de thàmailtean a thilgeil air a’ phrìomhair ùr ’s as urrainn dhomh co-dhiù – oir, às dèidh dhàsan pìos bàrdachd aoireil le James Michie fhoillseachadh nuair a b’ esan an deasaiche aig an Spectator ann an 2004 mu “verminous Scots” (Friendly Fire) , saoilidh mi gu bheil e làn-airidh air an leithid!

A chionn ’s gu bheil mi a’ cleachdadh tòrr thàmailtean a th’ air a dhol à cleachdadh san latha an-diugh, gheibh sibh eadar-theangachadh Beurla foidhe air an duilleag Facebook aig Dàna. Gun fhios nach laigh sùil prìomhaire Boris air na faclan seo uair no uaireigin – tha mi an dòchas gun còrd iad ris. Chan eil rian nach tèid fada nas miosa cantainn ma dheidhinn nuair a shlaodas e Alba a-mach às an Aonadh Eòrpach gun chùmhnant sam bith a dhèanamh leotha.

30, an t-Iuchar, 2019

Boris air nòs Sheumais Mhic an t-Saoir, c1770 (mas fhìor!)

 

Is tu am blaomastair ’s bleachdair bolgach,

Am bùbaire ’s bumalair bronnach bàn;

Am feuchadair feallsa fionn-sgeulach,

Fear-sodail fleoganach foilleil nam fàth;

Is tu an glàimsear glaganach,

An geocair gugarlach gurraiceach grànd’

Is tu an sgeòpaire sglaimseach,

Spleadhadair spailpeach, a’ siolp’ do shàth.

 

Le Steaphan MacRisnidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach