Brunswick Nuadh | Canada

IMG_5312Tha Eòghan air tilleadh à Canada ach ’s e a’ chiad àite air an do thadhail e Brunswick Nuadh a ghlac aire. Seo beagan mu chultar inntinneach agus eachdraidh dhuilich an aite.

Nuair a bha mi thall ann an Canada, bha glè fhortanach aoigheachd fhaighinn còmhla ri Ivan Gregan, ministear ann an Eaglais Aonaichte Chanada.

Tha Ivan comasach ann an grunn mhath chànainean, agus tha an arach aige ann am Brunswick Nuadh a’ cur gu mòr ri seo. Tha Ivan a-measg an dòrlach glè bheag de dhaoine a tha air fhàgail le Gàidhlig Bhrunsick Nuadh san latha an-diugh. Is e isean deireadh linn a th’ ann an Ivan agus dh’ionnsaich e ìre mhath de Ghàidhlig bho sheanpharantan agus na seann dhaoine eile.
’S e Ivan am fear mu dheireadh ann an Hardwicke, am baile aige, a bhios a’ bruidhinn Gàidhlig. Tha e na eisimpleir air bàs cànain – faclan caillte, faclan coirbte, cleachdaidhean arsaidh agus fuaimneachadh agus strùctaran air an lùbadh agus air a dhol a-measg a-chèile. Agus chan eil seo a-mhàin anns a’ Ghàidhlig tha na cànainean uile air an dhol an lùib a chèile.


Mar eisimpleir, ’s e mùr a bhios aca airson balla, ach chan eil e cinnteach ma ’s e sin am facal Gàidhlig, air neo “mur” am facal Fraingis airson “balla” (tha an aon fhreumh Laideann “murus” aca co-dhiù). ’S e “’S beag m’ fhios” a chleachdas Ivan airson Chan eil fhios agam. Tha cuid dhe na rannan on Charmina Ghadelica aige air an teanga o na seann dhaoine ach cuideachd cha robh e cinnteach às na faclan airson deas is tuath.
Mar a chanas Ivan fhèin, “cha robh fhios againn an robh sinn ceart o chionns nach robh daoine ann a dh’innseadh dhuinn gun robh sinn cearr.” Ach bha Ivan glè fhiosraichte mu dheidhinn eachdraidh Brunswick Nuadh, agus ged a tha dearmad ga dhèanamh air a’ ceàrn mhòr seo de Chanada nuair a bhios sinn a’ smaoineachadh air an dùthaich, tha eachdraidh agus cultaran glè inntinneach san dùthaich.
Bhiodh e cearr coltach ri pòit leaghaidh ge-tà, tha e nas coltaiche ri breacan le snàthan diofraichte a’ dèanamh àite dathach piobrachail. ’S e ainm na sgire Glen Eilg agus ma thèid thu gu cladh Naomh Steaphain, tha Clann Mhic Dhughaill a’ nochdadh air a h-uile treas càrn. Tha gach baile beag a’ bruidhinn cànan eile no ag adhradh ann an eaglais dhiofraichte. Tha Èirinneaich, Acadianaich, Gàidheil, Goill, Frangaich, Tùsanaich uile a’ fuireach air feadh an àite.

Eilean a' Mheadhain - far an deach na miltean de dh'Eireannaich air luing-imrich a thiodhlaiceadh

Eilean a’ Mheadhain – far an deach na miltean de dh’Eireannaich air luing-imrich a thiodhlaiceadh

Chanainn nuair a bha mi thall gur e càs nan Acadanach a thug a’ bhuadh a bu mhotha orm – ged a bha eachdraidh nan Gàidheal agus nam Mi’Kmaw cho drùidteach cuideachd, bha rudeigin cho tiamhaidh mu dheidhinn eachdraidh an t-sluaigh seo.
Tha na h-Acadaniach a’ cumail ceann a’ mhaide ris na Kurdaich a thaobh mar a chaidh cruaidh-chas as dèidh cruaidh-chas a shadail orra. Ro Fhrangach dha luchd na Beurla gun a bhith Frangach gu leòr dha na Quebecois agus ann am pròbhainse a tha dà-chànanach ach a’ fulangn cion-airgid agus taic on riaghaltas.

La Drapeau - Bratach nan Acadanach le Reul na Mara air an Tri-dhathach

La Drapeau – Bratach nan Acadanach le Reul na Mara air an Tri-dhathach

Nuair a chaidh na h-Acadanaich a chur à Alba Nuadh leis na Breatannaich fo stiùir Chornwallis, as dèidh dhaibh a bhith a’ tuineachadh ann airson ceud bliadhna agus measgachadh leis na Mi’kmaw gu ìre mhath doigheil, thug iad La Grande Dérangement air. Chaidh 12000 dhiabh a chur às an dùthaich agus dh’fhalbh iad air feadh Ameirigea a Tuath. Tha an dileab sin ann fhathast, Fuadach Mòr nan Gall. Rinn tòrr dhiaibh an dachaigh ann am Brunswick Nuadh, ach an uairsin dh’fhuiling cuid dhiabh càs eile.
Air ar slìghe a dh’ionnsaigh Hardwicke, ghabh sinn sgriob tro Phàirc Nàiseanta Kouchibouguac, agus ‘s ann anns an àite seo a thachair La Deuxieme Dérangement. Àite duilich, àite le sgeulachd thruagh air a chùlaibh ach le neart agus dòchas fhathast ann.

Anns na 1960an, le meinnearachd agus gnìomhachas mòra eile a’ crionadh anns na pròbhainsean-mara, thòisich Riaghaltas Feadaralach Chanada aig Pierre Trudeau agus Riaghaltas Nuadh Bhrunswick aig Louis Robichaud a bhith a’ cruthachadh phàircean mòra nàiseanta. Is e Kochibouguac am fear a bha iad ag iarraidh a dhèanamh, agus bha iad ag iarraidh an t-sluaigh a ghluasad a-mach.

Cha b’ e fuadach a bha seo an tòiseach; bha na riaghaltasan a’ measadh luach na talmhainn agus a’ tabhann airgead-diolaidh. Ach an uairsin, thòisich an ùpraid. Gheàrr Robichaud an t-airgead ann an dà leth, ach ghabh na h-Acadianaich agus Metis a bha a’ fuireach ann ris an tairgse leis cho bochd ’s a bha iad. Ach bha na coimhearsnachdan ùra gu math cèin, gu math nas daoire agus bha iad air na còraichean iasgaich aca a chall, a’ ciallachadh nach robh bith-beò aca.
’S ann an uairsin a choisinn Jackie Vautour cliù. Bha esan a’ fuireach ann an Clare-fontaine, far an robh eaglais Chaitligeach. Thug an coithional cuid den stùth a-mach às an eaglais, agus bha iad a’ dol a thilleadh an ath latha, ach gun rabhadh chuir an riaghaltas i na teine. Bha Jackie aig ceann na h-iomairt an aghaidh na pàirce, agus iomadh uair a bha strì leis na mounties agus an riaghaltas.

Dhiùlt Vautour gach tairgse a fhuair e bhon riaghaltas a ghluasad agus iomadh uair a nochd e sa chùirt le casaid na aghaidh gun robh e a’ buain mhaorach gun chead (thuirt e gun robh an sinnsireachd mheasgaichte Mhetis aige a’ toirt cead dha).

Tha Jackie fhathast ann, is e cha mhòr 90 bliadhna a dh’aois, a’ fuireach ann an carabhan, gun dealain, gun sheirbhisean sam bith on riaghaltas, agus tha sanas air beulaibh an taighe a’ dìteadh duine sam bith a thèid tron phàirc, a’ cur nan cuimhne an tamailt a thachairt ann. Cha ghèill e cho fad ’s gum bi e beò.

’S ann air ur sgàth-se a bhios an riaghaltas a’ toirt oirnn a bhith a’ fulang – mar a chì sibh – nach toir sibh sùil gheur

Sanas Jackie Vautour - Daingeann fhathast

Sanas Jackie Vautour – Daingeann fhathast

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach