Brìgh is Èifeachdas | Deasbad nan Àrd-sgoiltean

deasbad_logo

Bidh na sgoilearan a’ cruinneachadh airson Deasbad nan Àrd-sgoiltean ann an Steòrnabhagh le sùil aca air oidhche mhòr ann am Pàrlamaid na h-Alba aig deireadh na mios. Eòghan a’ guidhe gum math fada beò e agus ceò às a thaigh.

Bidh Deasbad (neé Deasbad BT Alba) a’ tilleadh an ath sheachdain agus ’s math sin. Ged a chailleadh taic mhòr o BT Alba as dèidh ùine mhòr, tha grunn mhath de bhuidhnean Gàidhlig air taic a chùmail ris an tachartas mhòr a bheir còrr is dà fhichead sgoilearan o na sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba gu Steòrnabhagh airson dà latha de fharpais agus fhèill.

Thòisich an Deasbad ann an 1999 as dèidh beachd smuain a thighinn do Sheonaidh Ailig Mac a’ Phearsain, Dòmhnall MacIlleathain agus Alasdair Moireasdain mu chor na Gàidhlig a-measg na h-òigiridh agus chaidh a chumail ann an Sgoil Lionacleit. On uairsin, chaidh e o neart gu neart, le leasachadh is leudachadh air cruth na farpaise.

Feumaidh na sgoilearan a’ leantainn ris na riaghailtean deasbadaireachd, a’ cruthachadh òraid, a’ cumail ri ùine theann, a’ togail air pùingean an dùbhlanaich, a’ sadail cheistean air a chèile agus a’ toirt nam pùingean còmhla aig an deireadh – is iomadh sgoilear a tha eòlach air na trì faclan ud – brìgh, stoidhle, èifeachdas – agus an uairsin, tha thu an làmhan nam britheamhan. (Na can guth mu thaobhachd eileanach!) Bidh fealla-dhà ann is fealla-trì, agus tha mi fhathast a’ dèanamh gàire aig an nuafhacal aig Innes MacSuain o 2008, a’ bruidhinn air couch potato mar “buntàta na beinge”.

Ma tha e math dhan chloinn, tha e gu dearbh math dha na tidsearan cuideachd – airson tidsearan ag obair air an cinn fhèin ann an sgoiltean, ’s e cothrom prìseil a bh’ ann riamh a dhol a choinneachadh ri chèile. Is gann gu bheil na cothroman againn nuair a tha sinn sgapte air feadh na dùthcha a’ cumail na strì a’ dol. Ach bheir e misneachd dhuinn uile a bhith a’ faicinn talant na h-òigridh. Is e deasbad a chuir gu mòr ri iomairt na Gàidhlig.

Nuair a chì sinn an aireamh de ghaisgich agus bhana-ghaisgich Ghàidhlig a tharraing misneachd on deasbad is tha air a dhol air adhart gu soirbheachas, chì sinn an luach a th’ ann. Gu h-àraidh na fir òga, mar eisimpleir tha cuimhne agam air an leithid de Iain Beggs agus Javen Houston mar ghillean òga glasa a’ seasamh gu mì-chofhurfhutail air an àrd-urlair ach an uairsin a’ fàs ann am misneachd, a-nis tha iad nan deagh eisimpleir air Gàidheil òga mhisneachail a’ cur gu feum a’ chànain agus a’ brosnachadh na h-òigridh.

Is mi bha urramaichte an cothrom fhaighinn a bhith ag obair le òigridh ionmholta chomasach thar nam bliadhnaichean, tha cuimhne mhath agam air a h-uile sgioba agam – o Sgoil MhicNeacail, Morris is Alison, o Sgoil Phort Rìgh, Danaidh is Crossal, Evie is Stephanie, Anna is Eilidh (a bhuannaich an gnothach), Ceitidh is Raonaid, o Sgoil Ghilleasbuig, Màiri is Robbie, Lola is Ruairidh, Raonaid is Fionnlagh – ’s mi ag ionndrainn a’ chraic is na co-fharpais a-nise gu bheil mi an-sàs le luchd-ionnsachaidh a-mhàin ann an Sgoil Alanais.

Dhomh fhèin, mar fhear a dh’ionnsaich Gàidhlig san àrd-sgoil agus a tha a-nis ga teagasg mar sin, chanainn gur e sin cnag na cùise, gur e an aon laigse a th’ ann nach robh riamh an leithid de rud ann airson luchd-ionnsachaidh aig ìre na h-àrd-sgoile. Cha ghabhadh deasbad a bhith ann leis an ìre chànain a tha an dùil – ach tha rudeigin praitigeach a dhìth far an tigeadh luchd-ionnsachaidh òga còmhla, airson ceanglaichean agus càirdeas a dhèanamh agus a bhiodh gam brosnachadh a bhith a’ leantainn orra le Gàidhlig san àm ri teachd.

Mar thidsear a bha an-sàs gu domhainn anns an roinn seo fad mo chuairt-obrach, ’s e an roinn far an deach dearmad mòr a dhèanamh a thaobh thachartasan den leithid – ged ’s fior chudromach a tha inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig agus sgoilearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig – thàinig iomadh neach cudromach à tobar luchd-ionnsachaidh na sgoile agus bhiodh e math a bhith a’ faicinn barrachd taic, a thaobh airgid is thachartasan, a’ dol an rathaid sin.

Gur math thèid leis a h-uile sgioba an t-seachdain seo agus dha na ceithir sgiobaidhean a ruigeas Pàrlamaid na h-Alba. Cluinnear iad air BBC Radio nan Gàidheal agus ma tha thu ann an Dùn Èideann ’s fhiach e a dhol ann dhan chuairt-dheireannach.

Ann an co-dhùnadh, tha mo smuaintean a’ dol gu Anna McMullen a bhuannaich an Deasbad ann an 2009 mar bhall de sgioba Phort Rìgh còmhla ri Eilidh NicDhonnchaidh. Chuala mi mu bhàs a h-athar, Coinneach MacFhionguin anns na Stàitean Aonaichte an latha eile. Bha Coinneach an-sàs gu mòr ann an Gàidhlig thar nam bliadhnaichean agus ’s cinnteach gun robh e pròiseil nuair a thog Anna an Cuach am bliadhna sin. Tha fios agam gun robh mise. Fois shiorraidh dha.

– Eòghan

http://www.deasbadbtalba.com/

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach