Brìghde Chaimbeul – The Reeling | Lèirmheas

Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil Law Chi-Yan againn le lèirmheas air clàr Brìghde Chaimbeul, The Reeling. 

Ma tha sibh air a bhith ag èisteachd ri ceòl Gàidhlig traidiseanta anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha deagh theans ann gum biodh sibh eòlach mar-thà air ainm agus cliù a’ phìobaire Sgitheanaich Brìghde Chaimbeul. Choisinn i cliù dhi fhèin aig ìre nàiseanta an toiseach nuair a bhuannaich i am BBC Radio 2 Young Folk Award ann an 2016 nuair nach robh i ach 17 bliadhna a dh’aois. Fhuair mi cothrom o chionn ghoirid a bhith ag èisteachd ris a’ chiad chlàr aice, The Reeling, a tha air tighinn a-mach mu dheireadh thall, agus abair gun robh e na tlachd mhòr dhomhsa, agus gu h-àraid mar phìobaire, a bhith ag èisteachd ris, agus a bhith air mo bhrosnachadh leis.

Mar a bhiodhte an dùil le ainm a’ chlàir, ’s e puirt dannsa a’ mhòr-chuid de na fuinn a th’ air a’ chlàr. Tha a’ cheòlmhorachd nàdarra aig Brìghde na barantas gum bi luchd-èisteachd air am beò-ghlacadh. ’S ann air a’ phìob bheag a rinn Fin Moore ann an gleus C a tha Brìghde a’ seinn anns a’ chlàr seo, mar a bha i ann an 2016, agus tha an gleus seo a’ toirt an aon loinnearachd do na puirt air feadh a’ chlàir ’s a gheibhear ann an guth seinn.

Chan eil na rèiteachaidhean-ciùil air an dòmhlachadh le cus ionnstramaidean; chan eil dad ann a bharrachd air a’ phìob-bheag agus na beagan chom-pàirtichean a th’ aice. ’S ann à sìmplidheachd a tha spionnadh nam port a’ tighinn.

Tha an clàr seo na mholadh làidir air an dualchas prìseil agus a th’ ann an ceòl Gàidhealach. Tha e follaiseach gun do rinn Brìghde a fìor-dhìcheall airson ceòl à tùsan dùthchasach a chur fa chomhair na luchd-èisteachd. Tha i air rùrachadh tro sheann chruinneachaidhean agus Thasglann Sgoil Eòlas na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann airson puirt nach cluinnear tric an-diugh a thoirt beò a-rithist ann an cruth co-aimsireil.

Tha a’ chiad thraca na eisimpleir mhath dhen phròiseas seo; ’s e sin rèiteachadh-ciùil an fhuinn O Chiadain An Lò a bh’ anns a’ chruinneachadh aig Pàdraig MacDhòmhnaill a chaidh a chur an clò ann an 1784, às an tàinig ceithir fuinn anns a’ chlàr uile gu lèir. Chaidh am fonn seo a chlàradh san Eaglais an Ear ann an Cromba, agus tha Brìghde air fuaimearrachd shònraichte an àite, fuaimean na h-eaglaise fhèin, (agus seann harmonium a lorg i na bhroinn) a chur gu feum airson tòiseachadh làn cumhachd a thoirt dhan chlàr.

Bha e na thoileachadh dhomh a bhith ag èisteachd ris na co-obraichean aice cuideachd. ’S e a tha ri mholadh gu bheil Radie Peat bhon chòmhlan Lankum ann air a’ choncertina, agus gu bheil am pìobaire agus a’ bhana-sheinneadair Rona Lightfoot air bòrd cuideachd. Tha i a’ canntaireachd san fhuinn Tàladh nan Cearc agus The Reeling, The Reeling, a’ sealltainn ceòl na pìoba agus dòigh a sgaoilidh ann an co-chur fì0r-ghabhaltach, gu h-àraid san fhear deireannach. Tha sàr-fhìdhlearachd Aidan O’ Rourke a’ ruith tron mhòr-chuid dhe na seataichean ann an com-pàirt ri pìobaireachd Brìghde. Uaireannan, tha an fhìdheall aige ag obrachadh ann an dòigh a tha gu math coltach ris na cuinn (regulators) air pìoban-uilne, a’ cur neart ri bonn nam fonn le ruitheam ’s co-sheirm. Tha mi an dòchas gun cluinn sinn barrachd bhon dithis aca san àm ri teachd.

Chan e sin a-mhàin a bhios a’ toirt gu cuimhne ceòl Èireannach anns a’ chlàr seo. Tha dà ruidhle Èireannach ann cuideachd: An Leimras agus Mary Brennan’s. A bharrachd air sin, tha an tionndadh aice dhen phort-chruinn ainmeil Uibhisteach The Skylark’s Ascension, a tha air a ghabhail aig astar nas socraiche na ’s àbhaist le atharrachaidhean (variations) ciatach na chois, a’ cur an cuimhne mar a bhios puirt Èireannach a’ lùbadh ’s a’ tilleadh do chridhe an fhuinn.

Ged a tha an clàr stèidhichte air dualchas nan Gàidheal anns a’ mhòr-chuid, tha puirt à Bulgàiria ri chluinntinn cuideachd. Tha trì dhiubh air a’ chlàr: Moma e Moma Rodila (Мома е мома родила), Hajda, Kalino, da idem (Хайде, Калино, да идем), agus Tornala Maika (Торнала майка). Ghabh Brìghde cuairt ann an 2017 dhan Bhulgàiria airson eòlas a chur air pìobaireachd dhùthchasach agus chòrd e rium blas làidir dannsaichean traidiseanta na dùthcha sin a chluinntinn à pìob-bheag Albannach.

’S ann le sìmplidheachd a-rithist a bheir Brìghde an clàr gu crìoch leis a’ phort Ruidhle Mo Nighean Donn, còmhla ri Rona Lightfoot a tha a’ gabhail a’ phuirt à beul agus ri fuaim nam brògan air an làr ’s iad a’ cumail ri buille an dannsa – co-measgachadh fonnmhor dhe dh’fhuaimean às an d’fhuair mi toil-inntinn.

’S e obair shònraichte a tha Brìghde agus na co-obraichean aice air cruthachadh, agus leis a’ chiad chlàr seo, tha i air slighe fa leth a dhèanamh dhith fhèin gu daingeann. Gu pearsanta, tha an clàr seo na fhianais (agus na fhaochadh) dhomhsa nach leig mo leas a bhith nam dheann air an fheadan gus ceòl tarraingeach a dhèanamh. A bharrachd air sin, thug The Reeling m’ aire a-rithist gu stòrasan-ciùil beartach nan Gàidheal anns am bu chòir dhomh a bhith a’ fàs nas eòlaiche.

Mar a thuirt i ann am film sanasachd goirid ro sgaoileadh a’ chlàir, “they’re strange melodies…but I think they take you somewhere.” (“’S e seirmean neònach a th’ annta…ach saoilidh mi gun toir iad do dh’àitegin thu.”) Gum bi gach buaidh is piseach leatha air an t-slighe air adhart.

羅知恩 (LAW Chi-Yan)

Tha The Reeling a-mach air River Lea Records agus ri fhaotainn aig https://www.roughtrade.com/gb/music/brighde-chaimbeul-the-reeling

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach