Bròn is Brexit

eu-flag-ss-1920

Tha e fhathast ro naoi uairean sa mhadainn ’s mi a’ sgrìobhadh seo, ach mar-thà, tha Dàibhidh Camshron, a ghuth ga bhriseadh, air a dhreuchd mar phrìomhaire a leigeil dheth.

Cuideachd, tha Nigel Farage, an dèidh dha òraid buaidhe a thoirt seachad, air ràdh gur e “mearachd” a bh’ ann nuair a thuirt an iomairt son fàgail gum biodh £350 millean air ais san sporan againn nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an Roinn Eòrpa. ‘S beag an t-iongnadh.

Tha mòran ann an Alba a’ faireachdainn gu math tinn an-diugh, ach feumaidh gu bheil daoine anns na bailtean Sasannach a bhòt son fuireach – Liverpool, Manchester, Leeds, Newcastle, Bristol, Lunnainn – tòrr nas tinne. ‘S math dh’fhaoidte gun tig neo-eisimeileachd dhuinn na bu luaithe a-nis, ach tha e doirbh a bhith dòchasach mun àm ri teachd leis na sgòthan dorcha a’ cruinneachadh thairis air ar bràithrean ’s peathraichean ann an Sasann agus a’ Chuimrigh, gun ghuth ri ràdh mu na mìltean de dhaoine às an Roinn-Eòrpa a tha a’ fuireach agus ag obair an seo.

Agus cò aig a tha fios dè bhios a’ tachairt ann an Èirinn; tha Sinn Féin ag iarraidh reifreann a chumail air ath-aonachadh eadar Èirinn a Tuath agus a’ Phoblachd. Gu dearbh, bhiodh e cianail a’ chrìoch fhoirmeil fhaicinn air ais, a’ fosgail leòntan agus a’ roinn an eilein a-rithist, pàirt san Aonadh Eòrpach agus pàirt air an taobh a-muigh.

Tha sinn air cluinntinn mòran mu na “legitimate concerns” a th’ aig na daoine sna bailtean beaga air feadh na dùthcha a bhòt son fàgail: tha sinn bochd, chan eil obraichean ann dhuinn, chan eil taighean ann dhuinn. Agus tha iad uile fìor. Ach gu tric san deasbad cha deach sgaradh a dhèanamh eadar na gearanan dligheile sin agus na h-adhbharan air an deach a’ choire a chur.

Mar a thuirt gu leòr de dhaoine roimhe, iomadh turas, ’s e an fhìrinn a th’ ann gu bheil in-imrichean a’ cur ris an eaconamaidh. Ach fhathast, fhathast, tha daoine ag èisteachd ris na fàidheadairean-brèige, ’s iad a’ lorg mìneachadh son an cràidh san àite cheàrr. Cha b’ e rèabhlaid sluaigh a bha seo; tha sinn air a bhith ag amas air targaid fhollaiseach ach mearachdach.

‘S e an co-ionnanachd uabhasach a th’ againn san RA (nas motha na a’ mhòr-chuid de dhùthchannan “leasaichte”) an truthaire a tha gar tachdadh. Chan e imrich a-steach a th’ ann, no ballrachd an AE. Gu dearbh, feumaidh sinn rachadh an sàs san duilgheadasan a tha a’ milleadh nan coimhearsnachdan againn, ach ciamar a nì sinn sin nuair nach eil e comasach dhuinn adhbhar nan duilgheadasan ainmeachadh gu ceart? ‘S e sin an dùbhlan a tha ro luchd na làimh chlì an-diugh, oir ’s e an dearbh dhaoine a bha a’ sabaid son fàgail – luchd-poileataigs agus meadhanan na làimh dheas – a tha airson ar cumail neo-ionnann.

An dèidh do Chamshron fhàgail, tha e coltach gum bi taghadh eile againn na bu luaithe na bha sinn an dùil. ‘S e cothrom a tha sin, ach cò a bhios ga ghabhail?

– Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach