Buaidh Leantainneach nam Fìor-Ghàidheal Uasail

Clach air càrn Floraidh NicNèill, nach maireann le Niall Gòrdan – guth agus Gàidheal àlainn na tost a-nis

586px-Flora_Macneil
Os rud e gu bheil flùr binn seinn na Gàidhlig air ar saoghal fhàgail, saoilidh mi gur e an dòigh as iomchaidhe gus mo bhuidheachas a chur an cèill ach le bhith a’ toirt tarraing air sgeulachd cianail laghach a nì ceangal eadar Rob Donn, Somhairle mòr nach maireann agus Flòraidh i fhèin. Seo mar a tha.

Ann a leabhar a fhuair mi tamall air ais – “Critical Essays” – leugh mi na leanas sa Bheurla (td 2110 agus Somhairle fo agallamh (eadar-theangaichte leamsa)

“… Bha m’ athair air fìor dheagh sheinneadair. Is cuimhne leam e a’ gabhail “Marbhrann Eòghain” le Rob Donn agus b’ e am fonn a bh’ aige ach “Mhic Dhughaill ‘ic Ruairidh”, agus chan fhios dhomh a bheil duine beò a ghabhas “Marbhrann Eòghain” le Rob Donn. Mar a bha san dàn, thuit mo shùil air seann lethbhreac den iris “Gairm” agus gu dè ach gum faca mi sanas ann – clàr le Flòraidh chòir agus an dearbh òran seo air! Cha b’ e ruith ach leum agus ann an làrach nam bonn rinn mi oidhirp air àireamh-fòin Flòraidh fhaotainn – ’s i boireannach laghach eile, Mòr a bha ag obair ann an oifis a’ Chomainn Ghàidhealaich an Inbhir Nis aig an àm, a thug seachad an àireamh. Uill, bhruidhinn mi ri Flòraidh fhèin – agus le h-uile deòin, sheinn i rann neo dhà den òran dhomh air an fhòn. Cha b’ e sin a-mhàin oir bha i cho còir modhail is laghach uasail, tuilleadh is deònach còmhradh beag a chumail rium.”

Sin i a’ chuimhne as annsa leam air Flòraidh. A cuid de Phàrras dhi, am boireannach mìorbhaileach binn-ghuthach. ’S ann mar chuimhneachan air an triùir Ghàidheal sa chùis a ghabhas mi-fhìn “Marbhrann Eòghain” an seo.

Niall Gòrdan 21.5.15

10998817_1121114771239042_7372809907272637793_o

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach