Buaidh na Sgeulachd | Còmhradh le Chrisella Ross

Bannan 2

Dealbh le MG ALBA

Am mìos ’s a chaidh, bhruidhinn Marcas Mac an Tuairneir ri Chrisella Ross, bana-sgrìobhadair Leòdhasach, a bha a’ siubhail bhon taigh aice air taobh tuath an eilein gu Dùn Èideann. ’S ann airson prìomh shealladh ‘Bannan’, sreath-dràma son telebhisein a sgrìobh i fhèin, is a tha na chiad sreath den leithid a chaidh a chruthachadh gu sònraichte airson BBC Alba a rinn i an turas. Seo sealladh den chòmradh a bh’ eatarra.

Nuair a chuir mi ceist air Chrisella, bha i air a’ bhàt’-aiseig fhèin, a’ seòladh bho Steòrnabhagh gu Ulapul, air a’ chiad cheum den bhòidse aige a dh’ionnsaigh Dhùn Èideann. Mar sin, bha i iomchaidh a dhol air ais dhan tùs is faighneachd mun leanabachd aice, ann am Pabail Uarach.

“Rim òige cha robh an t-uabhas leabhraichean timcheall oirnn san dachaigh – uill cha robh e mar a tha mo dhachaigh-sa an-diugh le leabhar ’s a h-uile càil a th’ ann,” ars ise mun bhuaidh a thug ficsean is sgeulachdan oirre, is i na caileag òg. Gu dearbh, ’s e an dualchas cràbhach a bh’ aig an teaghlaich a’ chiad rud a thug buaidh oirre, is tro fheallsanachd na Crìosdaidheachd sin, a dh’fhosgail an doras gu diofar sheòrsaichean litreachas. “Tha cuimhn’ agam air Encyclopedias, leabhraichean cràbhaidh, leabhraichean eachdraidh.”

Gu dearbh, ’s e seanchas is beul-aithris nan Gàidheal a bha na chiad bhlasad de dh’fhicsean is sgeulachdan, cruthaichte is cruinnichte sa mhac-mheanmna aice. A bharrachd air sin, ’s ann san teanntachd seo eadar dogma seasmhach ach carthannach na h-Eaglaise Saoire, agus deàrsalachd shilteach ùirsgeòil is ortha nan Gàidheal, a lorg i, bhon chiad dol-a-mach, a guth fhèin sa chlambraid.

“Bha m’ athair na èildear san eaglais” dh’innis Chrisella. Cuideachd, bhruidhinn i ar làthaireachd “seann chàirdean a bha a’ fuireach còmhla rinn. Bha sin a’ fàgail nach robh mòran rùim san àite airson pailteas leabhraichean ach rùm gu leòr airson ‘òrain le sgeulachdan timcheall orra fhèin.”

Mar shealladh bho dhràma a bhiodh tu a’ faicinn air an telebhisean fhèin, lorg Chrisella, a bha na b’ òige nam peathraichean aice, bogsa sa lobht a bha mar chiste phrìseil, làn leabhraichean mar Anne of Green Gables agus In Hell with Niemoller. A’ faighneachd an iad na leabhraichean seo tùs a cuid sgrìobhadh, dh’fhreagair Chrisella gu dìreach: “nan canainn càil idir b’ e gur e an sgeulachd fhèin a thug a buaidh orm; ge bith cò i cho fad ’s gun robh i air a deagh innse.”

ChrisellaLeasaichear an gràdh mòr seo air sgeulachdan is Chrisella aig Sgoil MhicNeacail agus ‘fìor ghràin’ air a cuid oideachaidh, ach fo stiùir tidseir shònraichte, a ‘thug’ dealbhan-chluiche ‘beò mar a’ bheatha fhèin’, thachair Chrisella air MacBeth agus nobhailean Banks, Dostoyevsky agus Flann O’Brien.

Às dèidh bhliadhnaichean a chur seachad air an t-saoghal-obrach agus a’ sgrìobhadh dealbh-chluiche do bhuidhnean coimhearsnachd san eilean, dh’aithnich Chrisella nach do dh’fhàg lasan sgeulachd i idir, is chuir i roimhe cùrsa a dhèanamh aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, ann am MA Ficsean son Telebhisean. Sna làithean sin is an cùrsa fhathast ùr-stèidhichte, b’ e beannachd do sgrìobhadairean ùra, leis a’ Ghàidhlig, air sgàth fialaidheachd MG Alba, a chuir barantasan taice air dòigh. Gu dearbh, tha Chrisella mar phàirt de shluagh cliùiteach a tha air a bhith an sàs sa chùrsa leis an taic sin, a’ gabhail a-steach Seònaid NicDhòmhnaill, Alison Lang, is an sgrìobhadair seo fhèin.

“An-sin thòisich mi ag ionnsachadh mu na ‘visuals’ ann an ‘teli-visual’, dh’aidich i. “Thug e orm cuideachd, a bhith a’ smaoineachadh mu choimhearsnachdan a th’ air an cruthachadh airson telebhisein – eadar na siabanan agus na dràmaichean goirid.’ Bidh Bannan, an sreath telebhisean a sgrìobh i do BhBC Alba, mar thoradh den eòlas farsaing sin, air tighinn cruinn còmhla.

Leis na sgilean ùr-ionnsaichte aice, thill Chrisella don “choimhearsnachd annsa bheil i an-dràsta. Coimhearsnachd eileanach le seann agus òg.” Gu dearbh, bidh an sreath ùr a’ gabhail a-steach taisbeanaidhean bho actairean stèidhichte leithid Dàibhidh Walker agus Coinneach Iain MacRàth, ach a’ tabhann cothrom, cuideachd, do chleasaichean òga leithid Dòl Eòin MhicFhionghain agus nighean-peathar Chrisella, Debbie NicAoidh.

“Thàinig ‘inspiration’ an sgeòil bho shuidheachaidhean nan caractaran agus bho shuidheachaidhean dhaoine a b’ aithne dhomh fhìn.” Ged a rinn Chrisella atharrachadh air feadhainn mar a bha sin iomchaidh, bha e cudromach, cuideachd, gum biodh na caractaran fìor-aithnichte leis an t-sluagh is an sgeulachd freagarrach do luchd-amhairc leis a’ Ghàidhlig, ach fhathast gam frithealadh le dùbhlain is ceistean.

Air dhi pròiseas an coimisean fhaighinn is a’ chùis a thoirt gu buil, tha Chrisella taingeil son a chothruim a thug Chris Young, aig Sealladh TV, dhi air an sgeama oideachaidh a chuir esan air dòigh dhi le Charlie Martin, rud a tha gu math cumanta san là an-diugh is sgeamaichean coltach do sgrìobhadairean air an lìbhrigeadh le Acair is Comhairle nan Leabhraichean. Seo rud air an do bhruidhinn Chrisella le tlachd agus “spionnadh gum biodh na làimh” aig sgrìobhadairean ùra Gàidhlig à gach ceàrn na dùthcha.

Fhad ’s a bha sinn ri còmhradh ars leam am biodh cùis cho Gàidhealach, cho bunaiteach ri luchd-amhairc nan Gàidheal, a tha na choimhearsnachd cho beag is an altaibh le chèile. Nach bhiodh e na bu shàbhailte no na bu mhòr-chòrdte a bhith sgrìobhadh rudeigin gu tur eadar-dhealaichte leithid An Cuan Drilseach aig Tim Armstrong, stèidhichte air saoghal cho eadar-dhealaichte bhon a th’ againn fhìn.

“Cha chreid mi gun còrd e ris a h-uile duine – dè a-riamh a chòrd?” dh’fhreagair i. Ach tha i fhathast an dòchas, “gun aithnich daoine caractaran air a bheil iad fhèin eòlach, agus sgeulachdan pearsanta air a bheil iad eòlach cuideachd.” Gu dearbh, ’s e an dàimh phearsanta a chòrdas ri daoine cuideachd, rud a chunnaic sinn ann an dràmaichean Beurla leithid Cutting It is Cold Feet.

’S ann le cinnt a chòrd ciad eadar-sgeòil an t-sreatha ris na riochdairean, is iad an dùil eadar-sgeòil a bharrachd fhiolmadh le caractaran a bharrachd. A thaobh an leasachaidh sin, thuirt Chrisella gum bu chòir do luchd-amhairc a bhith an dùil ri ‘tuilleadh sgeulachdan agus dùbhlain pearsanta; cuid a’ leudachadh air an t-saoghal anns a bheil a’ chiad trì air an stèidheachadh.” Tha buaidh nan siabanan ri faicinn, cuideachd; “a h-uile rud a bhiodh tu an dòchas coinneachadh ann an dràma sam bith!”

Leis an t-soirbheachas a fhuair dràmaichean Lochlannach leithid Borgen agus Wallander agus an dràma dà-chànanach Cuimreach a bha air BBC4 o chionn goirid, thathas an dùil, no an dòchas, gun glac Bannan aire an luchd-amhairc nas farsainge na am mìon-shluaigh aig a bheil a’ Ghàidhlig fhèin. Sin cumhachd nam meadhanan lèirsinneach is dòcha, dùbhlan a tha gu math duilich do sgrìobhadairean Gàidhlig san là an-diugh is leughadairean a lorg.

“Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil uimhir a’ leughadh sa Ghàidhlig ’s a bha,” dh’aidich Chrisella. “Chan eil mòran fhathast cho comhfhurtail a’ leughadh na Gàidhlig ’s a tha iad a’ leughadh na Beurla. Mura deach thu tro fhoghlam air choireigin a bha gu sònraichte ag ionnsachadh leughadh Gàidhlig dhut, chan eil na comasan leughaidh ach mu-làimh.” A dh’aindeoin sin, tha e so-dhèanta gum fosgail Bannan doras cudromach do dhaoine taobh a-staigh na coimhearsnachd, a sheachnas nan ealain traidiseanta Gàidhlig airson iomadach adhbhar.

Ach do Chrisella, chan eil adhbhar sam bith an cànan no a chultar a sheachnadh. Ann am facail Chrisella “dhomhsa gheibh mi cothrom smuaintean a chuir an cèill nach beachdainn fheuchainn orra sa Bheurla.” ’S i a’ Ghàidhlig a dh’fhuasglas an rud “as doimhne a tha nam cholainn”, is ann am Bannan chì sinn gur ann às an làraich sin far an tèid sgeulachd ealanta a suathachas ri iomadh rubha. Gu dearbh, bu chòir do luchd-amhairc aig a bheil Gàidhlig a bhith dòchasach gu dearbh leis an sreath ùr, is an sgrìobhadair ùr seo, a tha romhainn is an cothrom a bhios aca air “briathrachas agus beachdan; dealbh air mar a tha agus far a bheil saoghal na Gàidhlig sin a’ fàs”.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach