Buain Nam Balgan-Buachair

balgain-buachair

Cò na ceanglaichean a th’ann eadar dualchas na Gàidhlig agus balgain-buachair? Ma tha iad ann, tha iad gann. Chan fhaca mi fhèin iomradh orra ann an òrain no bàrdachd no eile. Tha an t-ainm fhèin ag innse dhuinn mun ìomhaigh a bh’aig na Gàidheil orra, ’s e sin rudeigin aig an robh buinteanas do shalachar is ghrodadh. Is cinnteach nach robh sgeul air an ithe. Ged a bha na Gàidheil deònach gabhail ri maorach is feamainn is iomadh seòrsa tabhartais a thugadh dhaibh leis an nàdar a bha maille riutha, gu sònraichte aig àm na gorta, cha robhar a beantainn ri balgain-bhuachair. Chan eil sin a’ ciallachadh nach eil an fheadhainn a ghabhas ithe ann. Tha iad ann; agus ann am pailteas mas fhiosraich dhut far am faighear iad.

Bha mi fhèin air an aon ràmh gu chionn grunn bhliadhnaichean; cha b e ann am balgain-bhuachair dhomhs’ ach rud a lorgte air sgeilp supermarket ann am bogsa plastaig. B’ e bana-charaid Fhrangach leis an do dh’obraich mi a chuir ceart mi. Ma tha dream ann a tha tìtheach air biadh dhen a h-uile seòrsa; ’s iad na Frangaich. Bu mhòr an gàirdeachas a dhèanadh ise air an rud air an dèanainn dearmad. Nuair thigeadh làithean fionnar an fhoghair ‘b ise a bhiodh làn sgeulachdan mu na balgain-bhuachair blasta a fhuair i is na feustan a dhèanadh i leotha. ‘Nach neònach e’ chanadh i ’nach bean na h-Albannaich riutha’. Bhiodh e a’ sìor-chur iongnadh oirre mar a bhiodh iad ri fhaotainn fiù ’s ri taobh ceuma far bu leir iad don a h-uile duine, is far am biodh iad air an lomadh san Fhraing. Chaidh m’ iompachadh. Cheannaich mi leabhar mu bhalgain-bhuachair, is dh’fhoghlaim mi mi fhèin air cuid den fheadhainn a ghabhadh ithe agus, a cheart cho cudromach, an fheadhainn a chuireadh gu bàs mì-thaitneach mi. A’ chiad uair a thachair mi air cuid a dh’aithnich mi, chanterelles a bh’ annta mas math mo chuimhne, bha mi mar bhalach beag a’ lorg ulaidh. Bha fras dhiuibh air an sgapadh aig bonn nan craobh s iad a boillsgeadh mar reultan buidhe; dath an ìm. Chreathail mi mo làmh fo fhear dhiubh is dh’fhidir mi feòil dhaingeann air mo chraiceann. Thog mi gu mo shròn e is fhuair mi fàileadh nan apracot, direach mar a chaidh innse dhomh san leabhar. Is nuair a chuir mi dhan phana iad is a bhlais mi orra, abair gun deach mo theanga a dhùsgadh gu farsaingeachd de bhlasan nach d’fhuair mi riamh bho bhalgain-bhuachair an t-supermarket.

chanterellebonaid-an-losgainn

Bonaid an losgainn                                                                                  Chanterelle

Bha mi air mo bheò-ghlacadh agus bhon uair sin cha b’urrainn dhomh dhol a-mach air latha foghair gun mo shùilean a bhith air an talamh a’ sireadh nan iongantasan a bha nan laighe fodham. Shìn mi m’ amas gu gnèithean eile. An cep, no am porcini  no am penny bun. Tha uiread de dh’ainmean a chanar ris ag innse cho mòr ’s a tha fèill orra an diofar cheàrnan. Mar a chuireas an t-ainm mu dheireadh mun aire dhuinn ’s e balgan-buachair tiugh a th’ann le ceann cruinn air dath dubh-dhonn an arain ’s e air a dheagh-bhruich san àmhainn. Tha fàileadh na taoise a’ brachadh a thig bhuaithe a’ freagairt air a choltas. Iomchaidh ’s mar a tha an t-ainm Beurla ’s fhearr leam an t-ainm Gàidhlig a th‘ aige, bonaid an losgainn, a thug snodha-gàire orm nuair a thachair mi oirre. An uair sin balgan-buachair gràineige; balgan-buachair cnapach, feòlach a lorgar gu tric fon bheithe no fon fhaidhbhile. Ma chuireas tu bun os cionn e chì thu an còmhdach de bhioran air a bhonn bhon tàinig ainm.

Chan e a h-uile balgan-buachair a bhios a cinntinn air an talamh ge-tà. Lorgar na h-àrcan air craobhan is iad a’ sùigheadh maitheas bho chrann is freumh, an dà chuid beò is marbh. Tha cuid dhiubh nan nàmhaid do ghàrnailearan, leithid fungas na meala a tha air cur às do dh’iomadh crann-ubhail is siris. Ach tha dòrlach dhiubh ann a tha nan caraid do luchd-seilge nam balgan-buachair. Fhuair cearc na coille ainm bhon bhlas a th’ aice agus ’s ann bho a choltas a fhuair fungas na mairtfheola ainm-sa. Gu dearbh, is ionnan a’ choltas is staoig chrochte gu h-àrd air stoc craoibhe. Cha mhòr nach do chuir e gaoir tromham a chiad uair a dhearc mi air. Nuair a gheàrr mi dheth e bu lèir dhomh fheòil càrnach air dath dearg na fala, ach gu h-iongantach b’ e blas searbh, caran mar liomaid a fhuair mi bhuaithe.

fungas-na-mairtfheola

Fungas na mairtfheola

Tha mi air fàs nas dàna rè uine is mo roghainn a’ sìor-dhol am meud agus ’s e sin a mholainn-sa do dhuine sam bith a tha airson tòiseachadh air a chur-seachad. Tòisich gu stuama, a’ taghadh aon no dà ghnè a tha pailt agus furasta an aithneachadh. Tha gu leòr fiosrachaidh ri fhaotainn air an eadar-lìon agus ’s urrainn do leabhar-iùil a bhith feumail. Bidh diofar bhuidhnean leithid Urras Nàiseanta Na h-Alba agus Dualchas Nàdair na h-Alba a’ ruith cuairtean fungais as t-fhoghar.

Chan e a h-uile turas a gheibhear deagh-bhuain, ach chaeil sin gu diofar dhomh a-nis. Tha mi air ionnsachadh gur e cur-seachad a th’ ann a tha rud beag mar iasgach. Is glacadh an t-amas ach is an t-sealg an tlachd. Tron chur-seachad chaidh saoghal ùr a chur fam chomhair; saoghal làr nan coilltean is nan raointean. Ged a laigheas e dìreach fo ar casan, is saoghal coimheach e far am bi na meanbh-bhiastagan a tighinn beò am measg treallaich phlanntrais sheargta, clòìmh-liath, fungas is liath-sgrath. Seo far an tig beò is bàs còmhla; far am breòth a h-uile rud a bha uair beò a chruthachadh beatha ùr. Agus tha balgain-bhuachair nam pàirt dheatamach dhen phròiseas seo, no co-dhiù an lìonra farsaing de mheanbh-chuileagan a shìneas fodhpa. ‘S iadsan a bhriseas sìos stuth organach air ais gu na h-eileamaidean bunaiteach bhon tàinig e.

An ath-latha a-rèiste a thig beagan fuachd is a ruigeas fàileadh fuaraidh an fhoghair do chuinnlean, feuch an tog thu am blàr a-muigh ort, ach an àite do shùilean a chumail gu h-àrd ris na speuran is na beanntan, thòir sùil air na laigheas fodhad. Chì thu iongantasan agus tha cothrom ann gum faigh thu biadh blasda a nì dìnnear dhut aig deireadh an latha. Agus ma gheibh, dè nì thu leis? Mar a tha fior leis a h-uile deagh-bhiadh chan eil balgain-bhuachair feumach air còcaireachd àraidh no recipes toinnte. Son a chuid as motha dhiubh fòghnaidh corra mhionaid a bhruich anns a’ phraidheapan le beagan ola-chrainn-ola. Craiteachan salainn is piopair is tilg a-mach air pìos tòst dhuinn iad. Nam bheachdsa ’s e seo an dòigh as fheàrr gus fìor-bhlas nam balgan fhaighinn. Ach cuiridh iad blas mèath cuideachd ri farsaingeachd de recipes eadar stiubhan, rissoto, pasta is omaileidean.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Buain Nam Balgan-Buachair

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach