Cairt Revolut | a’ siubhal nas glice

productbox_revolut-v3

GBP gu CZK gu EUR gu HUF agus tòrr sheòrsaichean airgid a bharrachd leis a’ chairt chreideis seo aig a’ chompanaidh ùr, Revolut.

’S gann gu bheil mi air tilleadh às an Roinn Eòrpa, a’ siubhal a-mach ’s a-steach tron Raon Euro agus chan eil ach moladh agam airson na cairt ùir a chleachd sinn uile air ar turas. ’S e sin a’ chairt Revolut – cairt chreideis ro-phàighte.

Dè bha cho sònraichte ma deidhinn? Gu sìmplidh ’s e is gu bheil i a’ leigeil dhut airgead a chur ann an cunntas (tro app air fòn glic) agus an uair sin a’ pàigheadh ann an airgead sam bith gun chìsean-banca, aig ìre iomlaid nam bancaichean.

Smuain air cùlaibh na cairte

Tha fhios gum bi cìsean banca dualtach càrnadh suas nuair a tumblr_inline_o94o37BtSZ1ty3m0w_1280bhithear a’ cleachdadh cairt àbhaisteach thall thairis airson airgead a thogail às na ATMan. Mura h-eil thu air ullachadh sam bith a dhèanamh, chan eil e annasach cìsean de mu 3% a phàigheadh gach triop a chleachdas tu ATM. Bidh taghadh cruaidh an uair sin romhad – tòrr airgid a thoirt a-mach a dh’aon tharraing agus a chumail leat fhad ’s a bhios tu siubhal mun cuairt (rud a bhios caran cunnartach ma bhios mèirlich mud thuaiream) air neo cnapan beaga airgid a thogail an siud ’s an seo agus ’s dòcha cìsean nas àirde a phàigheadh.

Thàinig a’ chairt gu bith agus feadhainn òga a bha an sàs ann an obair airgeadais is teicneòlais a’ lorg dòigh ùr shìmplidh a dh’fhaodadh do dhuine sam bith pàigheadh ann an seòrsa airgid sam bith ann an dùthaich sam bith, ach le bhith a’ seachnadh nan cìsean banca sàrachail ud.

Tha a’ chairt gu math sìmplidh ri cleachdadh. Cho fad ’s a tha e comasach pàigheadh le cairt neo gu bheil ATM mun cuairt, tha thu dòigheil anns gach ceàrn den t-saoghal.

Feartan na Cairt

’S e cairt chreideis ro-phàighte a th’ ann, a leigeas leat pàigheadh ann an 90 seòrsa airgid gun chìsean banca.

Mar a tha i ag obair:

  1. Lùchdaich an app a-nuas air a’ fòn ghlic agad. ’S revoluturrainn dhut an app a dhèanamh tèarainte le lorgan-meòir no PIN.
  2. Faigh a’ chairt. ’S ann tron app a nìthear seo, agus ’s ann tron phost a thig i.
  3. Cuir airgead sa chunntas. Suas gu £750 gun t’ aithne a dhearbhadh (feumar seo a dhèanamh ma tha thu an dùil dhol thairis air seo, ach tha e furasta fhèin leis an app agus cha toir e ach cairteal na h-uarach).
  4. Cleachd a’ chairt ann an 90 seòrsa airgid thar an t-saoghail. Ma tha thu ceangailte dhan eadar-lìn aig an àm, cho luath ’s a thig an t-airgead a-mach às a’ chunntas, gheibh thu gliong air an app a’ leigeil fhaicinn cò dha, dè suim, càite, msaa.

’S urrainn dhut cuideachd airgead a chur gu daoine eile, gun chìsean (cho fad ’s nach ann dha Na Stàitean a tha e – cleachd Venmo mas ann an sin a tha thu).

Ma thèid a’ chairt agad a ghoid, chan fheum thu ach bacadh a chur rithe bhon app. A-nise, chan fheum thu ach a’ chairt seo agus tu siubhal mun cuairt. Na làthaichean de dh’uallach mu airgead-pàipeir is cairtean banca uile seachad.

index

A’ Chompanaidh Revolut

Thòisich a’ chompanaidh òg seo san Lùnastal an-uiridh, stèidhichte ann an Lunnainn. Bhon uair sin, tha iad air timcheall leth bhillean not a chur tro na cairtean aca. Bidh mu 1,500 duine a’ tighinn air bòrd san latha (le mu 70% dhiubh bhon Rìoghachd Aonaichte). Tha a’ chompanaidh a’ fàs mu 36% mìos air mìos. Tha iad air ballrachd Mastercard fhaighinn dha na cairtean aca agus iad neo-bheantainneach (contactless).

Fhad ’s a bha mi fhìn ’s mo charaidean san Roinn Eòrpa, bha iad cuideachd air am maoineachadh-sluaigh as motha a dhèanamh a-riamh – tha iad ag amas air £10 millean a thional agus iad air mu £8 millean de sin fhaighinn mar-thà.

Chan annas e ma-thà gu bheil an dà chuid luchd-seilbh agus luchd-banca a’ coimhead air a’ chompanaidh le iongnadh.

Dìreach aon rud mus tèid thu air saor-làthaichean an ath-thuras – dèan cinnteach gum faigh thu a’ chairt tha seo. ’S i bhitheas agam a-rithist nuair a thèid mi a dh’Iordan san t-Sultain!

Liam Alastair Crouse

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Cairt Revolut | a’ siubhal nas glice

  1. Pingback: Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach