Càit’ am bi a’ Ghàidhlig?

Le Bòrd na Gàidhlig, SQA

Le Bòrd na Gàidhlig, SQA

Càit’ am bi a’ Ghàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd? Am fuirich i làidir sna h-Eileanan an Iar; am fàs i an Glaschu agus Dùn Èideann; am faic sinn ath-dhùsgadh san t-seann Ghàidhealtachd (Earra-Ghàidheal ’s Loch Abar ’s Cataibh ’s msaa); an glac àiteachan Gallda (Machair Aonghais, Na Crìochan) rithe? Tha an t-alt seo a’ sgrùdadh cuibhreann bheag de thoraidhean a’ Chunntais-Shluaigh 2011.

San alt aig Eòghan a’ toirt sùil air a’ bhliadhna 2015, dh’ainmich mi foillseachadh toraidhean a’ Chunntais-Shluaigh 2011 mar an rud a b’ fheàrr agus a bu mhiosa a thachair don Ghàidhlig an 2015. Bha sin ann, agus Steaphan agus Eòghan a’ toirt iomradh air cleachdadh na cànain – rudan uile a b’ fheàirrde sinn mar amasan na Bliadhn’ Ùire.

 

Toraidhean a’ Chunntais-Shluaigh 2011

Tha mi dol a thoirt thugaibh beagan àireamhan a-rèir cuibhrinn-aoise ann an grunn sgìrean gus sealltainn atharraichean mu chor na Gàidhlig san rìoghachd.

Innse Gall

Anns gach sgìre ann an Innse Gall, tha a’ Ghàidhlig a’ dol sìos. An-dràsta, tha comas-labhairt sa Ghàidhlig aig 52% de mhuinntir Innse Gall. Fo aois 45, ged-tà, tha am percentage sin a’ tuiteam gu 41%, air neo 5,319 daoine. Os cionn aois 65? 71%. (Leugh na bh’ aig Steaphan ri ràdh na bu tràithe air a’ bhliadhna mun t-suidheachadh seo.)

Aois Iomlan Comas bruidhinn na Gàidhlig às an àireamh iomlan Comas bruidhinn na Gàidhlig sa chuibhrinn-aoise iomlan
3+ 26,929 (100%) 14,066 (52%) 52%
3–15 3,923 (14.5%) 1,611 (6%) 41%
3–45 12,681 (47%) 5,319 (41%) 41%
45+ 14,248 (53%) 8,747 (60%) 60%
65+ 5,969 (22%) 4,262 (16%) 71%

Tha daoine os cionn 45 bliadhna a dh’aois a’ dèanamh 62% den t-sluagh aig a bheil comas-labhairt sa Ghàidhlig. Seadh, tha daoine os cionn 65 bliadhna a dh’aois a’ dèanamh 30% den t-sluagh sin, air neo 4,262 daoine. Mar sin, tha a’ mhòr-chuid de Ghàidheil Innse Gall aosta. Agus cuimhnich gu bheil, sa chumantas, comasan cànain aig na seann daoine fada nas deise na ’n fheadhainn òga.

Tha seo a’ fàgail gum bi a’ Ghàidhlig a’ dol sìos bliadhna is bliadhna sna h-Eileanan, a-rèir cuibhreann-sluaigh agus comasan-cànain. Chan eil an t-aon ùrachadh a thaobh Ghàidheal òga neo luchd-ionnsachaidh anns na h-àiteachan seo ’s a tha sna bailtean mòra.

Tìr-mòr na Gàidhealtachd

Tha suidheachadh a-rèir aois nas fhallaine, agus mur eil nas bige, tha nas sgapte, air tìr-mòr na Gàidhealtachd (an dà chomhairle, Earra-Ghàidheal agus Gàidhealtachd).

Comhairle na Gàidhealtachd
Aois Iomlan Comas bruidhinn na Gàidhlig sa chuibhrinn-aoise iomlan
3+ 224,606 (100%) 12,039 (5.4%)
3–45 112,002 (47%) 5,598 (4.9%)
45+ 112,604 (53%) 6,441 (5.7%)
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Aois Iomlan Comas bruidhinn na Gàidhlig sa chuibhrinn-aoise iomlan
3+ 85,684 (100%) 3,451 (4.0%)
3–45 46,299 (50%) 1,702 (3.7%)
45+ 46,271 (50%) 1,953 (4.2%)

Glaschu agus Dùn Èideann

Comas bruidhinn na Gàidhlig sa chuibhrinn-aoise iomlan
Aois Glaschu Dùn Èideann
3+ 5,891 (1.02%) 3,157 (0.68%)
3-45 3,862 (1.10%) 1,852 (0.66%)
45+ 2,029 (0.90%) 1,305 (0.71%)

 

Sgìre agus Aois

1

Ma choimheadas sinn air cuibhreannan nàiseanta a-rèir sgìre, tha an dealbh a’ sealltainn gu bheil Innse Gall agus sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd a’ dèanamh deagh chuibhreann den luchd-bhruidhinn.

Ach ma roinneas sinn an dealbh a-rèir aoise, chithear gu bheil nas lugha de dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd thraidiseanta, a’ gabhail a-steach Innse Gall, agus nas mò dhiubh air a’ Ghalltachd (’s gu seachd àraidh Glaschu). Seadh, tha dà uiread de luchd bruidhinn na Gàidhlig eadar aois 3-45 ann an Glaschu na tha sa chuibhreann 45+. Tha sin fallainn.

Gu lèir, tha 27,175 daoine ann an Alba aig a bheil a’ Ghàidhlig eadar aois 3-45, agus 30,200 aois 45+.

3 2

Chan ann a-mhàin air sgàth gu bheil tuilleadh Ghàidheal òga a’ fàgail nan Eilean ’s a’ tighinn a dh’fhuireach air Ghalltachd, ach cuideachd gur e a’ Ghalltachd far a bheil dùil ri tòrr den luchd-ionnsachaidh agus clann a thèid tro FMG. Agus ged a tha ceistean mu choinneamh èifeachdas FMG, tha na dealbhan seo a’ sealltainn cho cudromach agus a tha FMG – gu h-àraidh nuair a bhios coimhearsnachdan traidiseanta a’ dol à bith air Ghàidhealtachd. Thig ùrachadh don Ghalltachd leis an luchd-bhruidhinn ùr seo.

Agus leis gu bheil cuibhreann nas mò de sheann daoine air a’ Ghàidhealtachd, thèid Gàidhlig air Ghàidhealtachd sìos na bu luaithe, agus Gàidhlig air Ghalltachd suas a-rèir cuibhreann-sluaigh anns na deicheadan ri theachd, mur atharraich cùisean co-dhiù. Agus leotha sin, thèid a’ choimhearsnachd thraidiseanta Ghàidhlig à bith cuideachd.

 

Goireas cànain

Agus san dol seachad, ma choimheadas sinn air a’ choimhearsnachd thraidiseanta Ghàidhlig mar ghoireas cànain airson ionnsachadh agus togail cànain (oir ’s e sin a th’ ann gu dearbha, am measg eile), chan fhada gus nach bi an goireas sin ann. Tha feum ann gun tèid an cleachdadh ann an dòighean fada nas fharsainge na thathar gan cleachdadh an-diugh. Ma bhitheas a’ Ghàidhlig san àm ri teachd ann an dòigh sam bith coltach ris a’ Ghàidhlig an-diugh, chanainn gum bi e fìor chudromach barrachd cheanglaichean a dhèanamh eadar na coimhearsnachdan traidiseanta air Ghàidhealtachd agus an luchd-ionnsachaidh ùr air Ghalltachd. Ach sin dìreach san dol seachad.

 

Liam Alastair Crouse

(Thàinig data bho National Records Scotland, bòrd-data DC2120SC – comasan Gàidhlig a-rèir aoise agus gnè)

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach