Càit am faigh a’ Ghàidhlig forcadh nan cas?

Tha an Scotsman às aonais duilleig Ghàidhlig Disathairne an-dràsta bho thàinig orra crìoch a chur air cùmhnant an deasaiche ionmholta, Raghnall MacilleDhuibh. Chan eil a’ choire ri cur orra, oir tha iad ann an staing ionmhasail, ach càit am faigh a’ Ghàidhlig forcadh nan cas agus na Gàidheil an àite dligheach ann an saoghal meadhanan na h-Alba, le duais a tha iad airidh oirre? collage

Le Steaphan MacRisnidh

Disathairne seo chaidh, chuireadh crìoch air cùmhnant an deasaiche Ghàidhlig le pàipear an Albannaich. Cha bhi duilleag Ghàidhlig aig a’ phàipear-naidheachd tuilleadh mura bi an luchd-sgrìobhaidh àbhaisteach, no sgrìobhadairean eile, deònach artaigilean a thoirt dha an-asgaidh; air neo, mur faigh iad taic bho bhuidheann no companaidh le sponsaireachd. Is e sin an suidheachadh anns a bheil am pàipear-naidheachd aosta seo aig an robh deagh ghean don Ghàidhlig, mar a nochd e bho 1926 a-mach.

Leis na figearan gam foillseachadh gach bliadhna, tha fhios gu bheil luchd-ceannaich a’ phàipeir a’ sìor dhol an lughad. Agus, is e an fhìrinn e gur e an duilleag Ghàidhlig an tè as cosgaile ri cur ri chèile an coimeas ris na duilleagan eile. Tha e air a bhith mar sin bho chionn 10 bliadhna co-dhiù, a chionn ’s gu bheil a’ mhòr-chuid de na duilleagan eile air an sgrìobhadh le stafairean a bhios a’ sgrìobhadh ’s a’ deasachadh mu shia duilleagan a h-uile seachdain.

Nuair a thòisich mi air pìosan a sgrìobhadh don deasaiche Ghàidhlig, Raghnall MacilleDhuibh aig deireadh na bliadhna 2010, bha na prìomh dheasaichean air leth-chuid den duilleag a thoirt air falbh bhuaithe airson airgead a chaomhnadh. Greis an dèidh sin ge-tà, agus ged a bha am pàipear a’ call airgid fhathast, thugadh an duilleag gu lèir air ais dha agus chaidh dealbhan-èibhinn a chur mu choinneamh an luchd-leughaidh Gàidhlig aig bonn na duilleige, a bharrachd air dà artaigil, agus taghadh de chriomagan naidheachd na seachdaine roimhe, ris an cante “Boinne ann am beul na gaoithe”.

Mar sin, chan ann le deòin prìomh luchd-deasachaidh a tha an duilleag Ghàidhlig an cunnart dol à bith — tha a’ chlann aig fear dhiubh gan oideachadh anns a’ Ghàidhlig —ach thàinig òrdan os an cionn gus tuilleadh gearradh chosgaisean a ghabhail os làimh. Is e fear, Ashley Highfield, a tha os cionn Johnston Press bho 2011. ’Na chiad bhliadhna mar cheannard, lùghdaich e an luchd-obrach mu cheathramh de na bha iad, ’s e air thuarastal £400,000, le £301,000 de bhònasan agus tabhartasan peinnsein eile.[1] Tha am pàipear a’ call airgid fhathast, ach abair cùis nàire mur toireadh iad sgillinn ruadh do sgrìobhadairean Gàidhlig a bhiodh cho dùrachdach ’s gun gabhadh iad saothair ri artaigilean a chur thuca.

Tha na prìomh dheasaichean airson an duilleag a chumail a’ dol às aonais Raghnaill, ach cha tèid aca air pàigheadh a thoirt do sgrìobhadair Gàidhlig sam bith — gus am faigh iad sponsaireachd air choireigin co-dhiù, ma gheibh iad idir i. Agus dh’èireadh iomadh ceist eile. Cha bhiodh duine a’ cumail sùil air na rachadh a sgrìobhadh — air litreachadh, gràmar, ciall, drabastachd, laghaileachd — rudan a thog ceann bho àm gu àm ann an eachdraidh na duilleig Ghàidhlig.

Nam faigheadh iad sponsaireachd o bhuidhnean Gàidhlig, leithid BnaG no buidheann Gàidhlig eile, dh’fhaodadh BnaG gu h-àraidh a bhith ag iarraidh sùil a chumail air na rachadh a sgrìobhadh.  Am biodh e dha-rìribh fallain nam biodh raon eile de na meadhanan Gàidhlig an eisimeil maoin a’ tighinn gu dìreach thuca bhon stàit? Tha am BBC ann; tha brathan-naidheachd oifigeil ann. Tha barrachd feum air Gàidheil a bhios a’ sgrìobhadh bheachdan pongail sa Ghàidhlig mu dheidhinn ghnothaichean mar a tha iad ann an da-rìribh, gun aon chuing ach crìoch an aithne fhèin.

Tha an ràdh eadar-nàiseanta “Is ionann ùine is airgead” aithnichte aig a’ mhòr-chuid de dhaoine, ach ann an latha na coise briste mar a tha an-dràsta do na h-uibhir ann an Alba an-diugh,  tha e coltach nach ionann ùine nan Gall is ùine nan Gàidheal idir. Mur fhiach ùine nan Gàidheal a cheart uiread as fhiach ùine nan Gall, tha e a cheart cho math bhith ag ràdh nach eil àite nan Gàidheal ann an Alba idir cho seasmhach ’s a tha àite nan Gall a dh’aindeoin ’s na their an riaghaltas mu “àite seasmhach” na Gàidhlig.

Rinn deasaichean pàipear Disathairne an dìcheall a’ dol an aghaidh an t-sruth mhaoineachail gus duilleag Ghàidhlig a bhith aca. Ged a bhiodh aithrisean bho chuid de na sgrìobhadairean Beurla a’ nochdadh claon-bhàigh no leathachas an aghaidh na Gàidhlig air uairean, sheall an t-Albannach le a ghnìomh, gun robh deagh rùn aige don chànan. An t-aona phàipear-naidheachd a sheall sin gus an do thòisich an Daily Record air brathan-naidheachd BnaG a sgaoileadh.

’S fhiach cuimhneachadh cuideachd nach e seo a’ chiad turas ann an eachdraidh duilleag Ghàidhlig an Albannaich bho 1926 gu bheil beàrn anns an t-seirbheise a tha iad a’ toirt do luchd-leughaidh Gàidhlig. Ged a chithear briathran bòidheach Beurla mun Ghàidhlig, agus artaigil no dhà fìor chorra uair aig cuid de na h-irisean is blogaichean Albannach a thog ceann no a dh’fhàs na b’ ainmeile an lorg an reifreinn air neo-eisimeileachd, càit a bheil na ‘duilleagan’ Gàidhlig acasan?  ’S iongantach mur bheil e an comas don Ghàidhlig forcadh nan cas fhaighinn àiteigin san t-saoghal dhidseatach seo?

 

 

[1] Bho Wikipedia.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach