Camanachd – Fàs no fàsachadh?

Ri linn Gleann Urchaidh a’ tarraing a-mach às an Lìog Nàiseanta air a’ mhionaid mu dheireadh, tha Uisdean MacIlleinein a’ toirt sùil air cor na camanachd an oidhche ron t-seusain as dèidh bliadhna gu math connspaideach.

Tharraing Gleann Urchaidh a-mach seachdain ron t-seusan, tha seo air cur ri trioblaidean a’ ghèam ach tha tòrr dòchas ann cuideachd.

Tharraing Gleann Urchaidh a-mach seachdain ron t-seusan, tha seo air cur ri trioblaidean a’ ghèam ach tha tòrr dòchas ann cuideachd.

`S gann gun gabhadh a chreidsinn, ach siud sinn a-rithist. Seusan ùr na Camanachd air fàire, gu dearbh a’ tòiseachadh air an deireadh sheachdain seo (ma cheadaicheas an t-sìde) agus bha seachd sgiobaidhean anns an Lìog air ceann fòn a’ deasbad le Comann na Camanachd dè bu chòir tachairt agus Gleann Urchaidh air tarraing às an fharpais nàiseanta son Lìog 1, dìreach seachdain mus robh cùisean a’ dol a thòiseachadh.

Bidh daoine ag ràdh rium uair is uair gu bheil mi tuilleadh is trom air saoghal na Camanachd agus gu bheil e ro fhurasta a bhith a’ cur às mo chorp mu dheidhinn. Uill, aig aon ìre `s dòcha gu bheil, ach chan ann gun adhbhar no gun eòlas, agus gu deimhinne chan ann le droch rùn sam bith. Tha mi air gu leòr dhem bheatha (`s dòcha cus) a chur seachad timcheall air diofar thaobhan dhen ghèam eadar a bhith a’ cluich agus ri rianachd. Ràinig mi ìre Iar Cheann-Suidhe air Comann na Camanachd agus is mi a chuir air adhart am moladh airson ràith-cluiche a’ ghèam atharrachadh chun an t-samhraidh. Chan eil leisg sam bith air daoine sin a chur nam chuimhne. Ach nam biodh cothrom no feum agam, rachainn an aon rathad a-rithist.

Nuair a chaidh cruth-atharrachadh a thoirt air a’ ghèam ann an 2005 agus chaidh riaghladh a’ ghèam a chur an làmhan Bòrd-Stiùiridh le Buill seach a bhith air a robhaigeadh a h-uile bliadhna aig Coinneamh Bhliadhnail le na sgiobaidhean, bha dùil agam fhèin gun tigeadh piseach mòr air cùisean agus gun gabhadh daoine ri adhartas agus cothroman a thigeadh an lùib nan atharrachaidhean. Ach an iomadach dòigh dh’fheumainn aideachadh gu bheil cùisean air ceum no dhà a ghabhail air ais.

Agus tha mi a’ sìor fhàs iomagaineach nuair a chluinneas mi daoine a’ moladh gum bu chòir an gèam a thilleadh bho stèidh nàiseanta gu bhith ga chluich gu h-ionadail agus gum bu chòir an sgaradh eachdraidheil eadar deas is tuath a thoirt air ais.

Chan eil mi fhèin a’ smaoineachadh gu bheil airgead na thrioblaid dhan ghèam ged a tha caman a’ cosg an ìre mhath £50 not agus tha clogad agus a h-uile uidheamachd eile a’ cur ìmpidh mhòr air sgiobaidhean. Ach cha robh Comann na Camanachd riamh cho math dheth, neo air an eagrachadh le luchd-goistidheachd chun na h-ìre a tha iad an-diugh. Cha robh cunntasan agus athisg Bhliadhnail a’ Chomainn riamh cho fallainn anns an t-seadh sin. Agus cuin a chunnaic sibh sgioba camanachd a’ gabhail na pàirce agus na cluicheadairean (agus an luchd-taic) air an droch èideadh no air an droch uidheamachadh, agus a dhìth fasan sam bith an tha an òrdugh ann an spòrs sam bith eile, no ri fhaicinn air an TV?

Cluinnidh mi an othail agus mi a’ gliogadaich air a’ bheairt an seo bho dhaoine a’ gearan cho doirbh sa tha e a’ togail an airgid agus na tha cùisean a’ cosg. Uill, cha robh connadh riamh cho saor agus bho chionn grunn sheachdainnean rinn mi amadan dhem fhèin ann an Taigh na Bruaich aig gnothach cathrannais far an deach £8,000 a thogail air an oidhche son bus beag ùr a cheannach.

Chan eil sin ag ràdh nach eil e doirbh do sgiobaidhean beaga no iomallach cumail a’ dol. Tha, bha agus bidh. Sin mar a tha agus feumar dèiligeadh ris, le taic choimhearsnachdan agus luchd-gnothaich, agus buidhnean poblach, agus saoghal an fhoghlaim nach eil air a bhith a’ dèanamh cus airson an gèam a bhrosnachadh ann an sgoiltean – no faisg air gu leòr son luchd-teagaisg a mhisneachadh.

Agus feumar taic às ùr bho Chomann na Camanachd fhèin. Feumar atharrachaidhean a dhèanamh ann an structar luchd-obrach a’ Chomainn fhèin, sgilean ùra fhastadh agus ceanglan nas treasa a dhaingneachadh le na sgiobaidhean.
Cha bhi càil dhen sin furasta ach bheir mi mo ghealladh do shaoghal na Camanachd gu bheil iad an iomadach dòigh nas fheàrr dheth na tha an saoghal anns a bheil cuid de ar spòrs agus luchd-leantainn a’ cuachail aig an àm seo (ged nach biodh ann ach na tha a’ nochdadh air TV agus rèidio).

Tha aon trioblaid ann air nach eil smachd sam bith aig Comann na Camanachd no sgiobaidhean (ach ’s dòcha gu bheil ann an seadh aig na cluicheadairean). Agus sin cion dhaoine, agus cion chloinne gu sònraichte. Tha an lùghdachadh a chunnacas ann an àireamhan sluaigh ann an cuid de sgìrean, ach leis an fhìrinn air feadh na dùthcha, air a bhith na bhuille cho mòr ri càil a thug buaidh air saoghal na camanachd. Agus tha e air tighinn oirnn cha mhòr gun fhiosd, no co-dhiù is gun daoine gearan mu dheidhinn.

Tha sgoiltean air feadh na dùthcha, ach a-rithist an sgìrean dùthchail gu buileach, air a bhith a’ dùnadh agus a’ reubadh a’ chridhe à iomadach coimhearsnachd. Agus an lùib sin tha, gu math tric, sgiobaidhean, no cluich camanachd a’ fulang.

Tillidh an suidheachadh beag air bheag mar a dh’atharraicheas an eaconamaidh agus mar a thig ginealach ùr. Ach tha mi fhèin dhen bharail nach ann anns na sgìrean traidiseanta a chì sinn fàs na camanachd ro thric ach ann an sgìrean ùra am meadhan na dùthcha agus am bailtean mòra, dìreach mar a tha a’ tachairt leis a’ Ghàidhlig. Mura tèid aig Comann na Camanachd air subsadaidh chloinne nas fheàrr a bhuinnig bhon Riaghaltas cha tig atharrachadh air an t-suidheachadh sin a’ chiad ghreis agus ’s dòcha fiù ’s airson ginealach no dhà romhainn.

Ach chan eil a h-uile càil dubhach sa ghèam. Tha am fàs a tha sinn a’ faicinn anns an spòrs am measg bhoireannaich agus chaileagan òga an ìre mhath do-chreidsinneach agus nam biodh tu air a ràdh roimh fiù ’s còig bliadhna air ais gum biodh sgioba bhan an Leòdhas agus nach b’urrainn do sgoiltean an Eilein Sgitheanaich cumail suas ris an iarrtas am measg chloinn-nighean an Eilein son camanachd, bhithinn air leum a-mach air cidhe an àiteigin.

Tòisichidh na gèamaichean air an deireadh sheachdain ma tha an-siud ’s an-seo far nach eil sneachd, stoirm agus tuiltean air pàircean a sgrios.

Cò thig am bàrr agus càit’ an tèid na duaisean a roinn? Gu ìre tha mi coma fhad ’s a gheibh sinn deagh spòrs, co-luadar agus craic am measg choimhearsnachdan agus dhaoine (is chaileagan) fad is farsaing. Tha mi air leth toilichte gu bheil sgioba ùr air nochdadh no ath-nuadhachadh anns an Òban tro Latharna agus chan eil mi a’ smaoineachadh gun do rinn Gleann Urchaidh ach an rud a bha glic is iad fhèin a chumail a’ dol aig ìre nas ìsle seach a dhol fodha gu buileach.

Eadar seo is an t-Sultain seo tighinn tha mi an dòchas gur ann air na camain is na cluicheadairean a bhios mi a-mach agus nach ann air an luchd-riaghlaidh no na mearachdan no na gearanan.

Buailibh oirbh is cuimhnich, mar theab am bàrd Albannach/Èireannach/Sgarpach a ràdh: “Ni binne fuaim na air bith fon ghrèin, no poc air ghleus o chaman cruaidh.”

Uisdean MacIllInnein @hughdan1956

IMG_5254

Le Gary Innes agus Raghnall Ros a’ sgur a chluich, tha an spòr feumach air gaisgich ùra òga – saoil cò lìonas am bòtannan?

IMG_5253

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach