“Caochladh Cloimhe ann an Clò Sìne” | Agallamh le Jane Hepburn Nic a’ Mhaoilein mu obair a’ Chlò Hearaich

Tha Dàna ceithir bliadhnaichean a dh’aois an-diugh, agus tha sinn toilichte a ràdh as dèidh mios no dhà caran sàmhach gu bheil sinn air ais le piosan ùra dhuibh.  Tha Jane Hepburn Nic a’ Mhaoilein aithnichte mar neach-ciùil agus mar bhloggair mu chùisean sna h-Innse Gall ach tha i a’ dèanamh a bith-beò ag obair do dh’Ùghdarras a’ Chlò Hearaich a thaobh foghlam agus margaidheachd.  Bhruidhinn Dàna rithe mun obair inntinneach seo.

Dàna – Cuin a thòisich thu ag obair le  a’ Chlò Hearaich? Dè bha gad tharraing dhan obair seo?

Jane Hepburn – Thòisich mi ag obair le Ùghdarras a’ Chlò Hearaich ann an 2015. ‘S e post sealach a bh’ ann aig an toiseach, a’ dèanamh obair rianachd. Ach a-nis, is e ‘Content Creation & Education Officer’ a tha agam mar thiotal.  Bha mi air mo tharraing dhan obair seo oir tha mi cho measail air ar cultar sna h-eileanan. Tha an Clò Mor againn na phairt mhor de sin!

Dàna – Dè seòrsa obair a bhios an t-ùghdarras a’ dèanamh ann an Alba agus thall thairis airson an Clò Mòr a bhrosnachadh?

JH – Tha an t-ùghdarras a’ dèanamh obair glè mhath airson a’ Chlò Mhòir agus a’ brosnachadh a’ bhrand timcheall an t-saoghail.

Tha sinn a’ dèanamh seo ann an diofar dhòighean.  Mar eisimpleir, bha sinn thall thairis ann an Canada san t-Samhain mu dheireadh airson pàirt a ghabhail ann an tachartas mòr – the Fèill Rìoghail Àiteachas a’ Gheamhraidh – The Royal Agricultural Winter Fair. Chunnaic an tachartas rudeigin faisg air 300,000 daoine agus bha sinn a’ bruidhinn ri tòrr de na daoine sin mu dheidhinn a’ Chlò agus dè tha cho sònraichte mu dheidhinn. Bha làrach mor again airson seòmar-cadail a chur ri chèile – leabaidh le plangaidean agus cluasagan Clò Mòr, lampaichean le Clò Mòr, seathraichean, aodach spaideil ann am preas agus bha dealbhan mòr de na tràighean againne air na ballaichean.

Barrachd air sin, bha sinn ag innse dhan a h-uile duine mu na h-eileanan agus a ’sealltainn dhealbhan àlainn dhaibh! Bu choir dhuinn coimisean fhaighinn bho Visit Scotland…!

Cuideachd, tha na meadhanan sòisealta nan dòigh fìor mhath (agus glè chudromach) airson an sgeulachd againn a sgaoileadh air feadh an t-saoghail. Tha seo na phàirt mhòr den obair agam – a’ cur ri chèile dhealbhan agus fhacail airson Facebook, Twitter agus Instagram a h-uile latha. Is toil leam ceangal a dhèanamh le daoine ur; daoine eile le gaol airson a’ Chlò!

Dàna – Mar neach òg a tha a’ buntainn ris an àite, ciamar a tha an gnìomhachas a’ feuchainn ri daoine òga a tharraing do ghnìomhachas a’ chlò Hearaich airson an àm ri teachd?

JH – Uill, tha diofar dhòighean againn airson afeuchainn ri daoine òga a tharraing.

Mar eisimpleir, tha teisteanasan againn a-nis, mar modern apprenticeships ann an fighe Clò Hearach le SQA, aig Ìre Nàiseanta 5 agus cursaichean elective airson clann sgoil ann an AS2.

Airson clann nas oige, tha ‘App’ ùr againn! ‘S urrainn dhut an Clò Hearach agad fhèin a dhealabhadh agus an sgeul againn a leughadh cuideachd. Bidh thu toilichte cluinntinn gu bheil an App ann an Gàidhlig cuideachd!

Tha tòrr a bharrachd daoine og anns a’ ghnìomhachas an duigh; figheadairean agus luchd-obrach ann na muilleannan, oifisean neo bùthan, agus cuideachd daoine ann an seo a tha ag obair leis a’ Chlò a’ cur ri chèile rudan àlainn – aodach, bagaichean agus mar sin air adhart.

Dàna – Tha thu aithnichte mar neach-ciùil, ciamar a tha an obair seo a’ dol le sin?  A bheil an cothrom ann an dà rud a chur còmhla?

JH – Tha mi glè fhortanach gu bheil cothroman agam an dà rud a chur comhla! Uaireannan,

bidh mo ceannard ag iarraidh orm a m’ fhidheall a chluich aig ar tachartasan, air sgàth ’s gu bheil e ceangailte ri ar cultar agus tha tòrr ceòl againn mu dheidhinn fhigheadaireachd, gu h-àraidh orain luaidh!

Cha mhòr nach eil a h-uile saor-laithean agam air a chleachdadh airson cluich aig consairtean no clàradh a dhèanamh. Tha mo cheannardan fìor mhath dhomhsa, agus tha iad a’ tuigsinn dè cho cudromach a tha ceòl dhomh. Aig an aon àm ge-tà, tha mi glè thaingeil airson an obair a tha agam ann an seo leis an Ùghdarras! Tha m’ obair a’ ciallachadh gu bheil mi comasach air na pròiseactan ciuil a tha mi ag iarraidh a dhèanamh a dhèanamh, fhios agad?

Chan eil feum agam ri gigs a dhèanamh a-nis nach eil mi ag iarraidh. ‘S urrainn dhomh taghadh agus dìreach na rudan a tha gaol agam airson a dhèanamh.

O chionn ghoirid bha mi an sàs ann am ‘Between Islands’ le fidhlearan  bho Arcaibh agus Sealltainn agus a’ rannsachadh mu na tràidiseanan ciuùil againn. Cuideachd bha mi an-sàs le ‘Yatra’. Bha mi air falbh ann an India am mios seo airson cùirm-chiùil leis An Lanntair agus British Arts Council.  Tha mi cuideachd ag obair air a’ chlàr agam – pios de cheol a tha a’ riochdachadh na h-Innse Gall.

 

Dàna – Tha thu cuideachd aithnichte mar bhloggair agus neach a tha glè dhèidheil air an eilean agad fhèin – dè cho cudromach ’s a tha an Clò Hearach do dh’eaconamaidh an eilein?

JH – Tha an Clò Hearach gle cudromoch dhan an eaconamaidh againn. Tha rudeigein faisg air 300-400 daoine ag obair, ann an diofair dhòighean, leis a’ Chlò anns an eilean. Tha sin tòrr airson eilean beag!

Chan urrainn dhomh m’ fhaicinn fhèin a’ dèanamh rud sam bith eile, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tòrr dhaoine eile a’ faireachdainn mar sin cuideachd. Tha sinn uile glè mhoiteil mu dheidhinn a’ Chlò. ‘S toigh leam sgrìobhadh mu dheidhinn rudan a tha gu math faisg air mo crhidhe –

’S dòcha gum biodh sin na chuspair math airson an ath bhlog – ‘An Clò Mòr; anns na Cridheachan’! Ach, chan eil mi fhathast misneachail gu leòr mòran a dhèanamh ann an Gàidhlig… Aon latha,ge-tà!

Dàna –Tha ùidh aig ar luchd-leughaidh an-còmhnaidh ann an cùisean Gàidhlig, ciamar a tha an t-ùghdarras a’ cleachdadh Gàidhlig airson clò Hearach a shanasachd is a reic?

JH – Feumaidh mi a ràdh, ’s dòcha gu bheil cothrom airson a h-uile duine, a’ gabhail a-steach Ùghdarras a’ Chlò Hearaich, barrachd a dhèanamh ann an Gaidhlig. Ged a tha a’ mhòr-chuid de ar luchd-cleachdaidh ann an Asia, feumaidh sinn ar litreachas air fad eadar-theangachadh gu Frainigs, Sìnis, Iapanais, Gearmailtis, Eadailtis agus uaireannan ann an Gàidhlig cuideachd.

Bha sinn den bheachd gu robh e glè chudromach gun robh an App againn ann an Gàidhlig. ‘S urrainn dhut a luchdachadh a-nuas an-asgaidh air iOS agus Android.

Bidh sinn cuideachd a’ dèanamh tweets ann an Gàidhlig bho àm gu àm airson ar luchd-leantainn Gaidhlig. (lorg thu sinn aig @harristweedauth)

‘S toigh leam nuair a thig na breabadairean againn a-steach gar faicinn oir bidh moran dhiabh a’ bruidhinn Gàidhlig rinn, agus feumaidh mi bruidhinn ann an Gàidhlig nas trice.

Dàna – Dè an rud clò Hearach as fheàrr a tha agad?

JH – ’S e seo cheist glè dhuilich! Tha torr rudan Clò agam! An urrainn dhomh trì rudan as fheàrr a thaghadh??

Mo chathair-dà-làimhe Chlò Hearach, bho Tetrad.

Mo bhriogais Chlò Hearach, bho ASOS.

Mo baga latha Clò Hearach, bho Catherine Aitken!

Dàna – Mìle Taing a Jane.

 

Ceanglaichean 

Faodaidh tu cumail suas ri ceòl agus obair Jane leis a’ chlò mhòr air Instagram @janehepburnmac

Ùghdarras a’ Chlò Hearaich air Facebook

App a’ Chlò Hearaich aig Apple Store agus air Android Store

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach