Dùthchannan na sitige

Tha na pàipearan-naidheachd a’ bruidhinn air ciamar a chaidh na faclan “shithole countries” aig an Trumpach (no Dòmhnall Iain, mas fheàrr leat) eadar-theangachadh air feadh an t-saoghail. Saoilidh mi gum biodh e math nan sgrìobhadh daoine na tionndaidhean Gàidhlig aca sna “beachdan” fon phìos seo gus sreath a thòiseachadh. Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh tusa…

Còig faclan Uibhisteach

Thairis air an deireadh-sheachdain, bha a’ chiad fhèill litreachais sa Ghàidhlig ga cumail ann an Uibhist a Deas, ‘Às an Tobar’. Bha Catrìona NicIlleDhuibh an làthair, a’ bruidhinn mu fhaclan san leabhar ùr aice, Forradh: Sly Cooking – taghadh bho fhaclan is abairtean a chruinnich Mgr Ailean ann an Uibhist agus Èirisgeidh.