Ceann-cinnidh nam maragan uile
Mùirneach, cridheil ’s a tha d’ aodann
Ceann-cinnidh mòr nam maragan uile,
Os an cionn, tha thu nad shuidhe,
Maodal, sgamhan, mionach no caolan,
‘S tu tha airidh air an altachadh daonnan
Cho fada rim làimh ’s rim ghàirdean.
Buain Nam Balgan-Buachair
Cò na ceanglaichean a th’ann eadar dualchas na Gàidhlig agus balgain-buachair? Ma tha iad ann, tha iad gann. Chan fhaca mi fhèin iomradh orra ann an òrain no bàrdachd no eile. Tha an t-ainm fhèin ag innse dhuinn mun ìomhaigh a bh’aig na Gàidheil orra, ’s e sin rudeigin aig an robh buinteanas do shalachar is ghrodadh. Is cinnteach nach robh sgeul air an ithe. Ged a bha na Gàidheil deònach gabhail ri maorach is feamainn is iomadh seòrsa tabhartais a thugadh dhaibh leis an nàdar a bha maille riutha, gu sònraichte aig àm na gorta, cha robhar a‘ beantainn ri balgain-bhuachair. Chan eil sin a’ ciallachadh nach eil an fheadhainn a ghabhas ithe ann. Tha iad ann; agus ann am pailteas mas fhiosraich dhut far am faighear iad.
Bha mi fhèin air an aon ràmh gu chionn grunn bhliadhnaichean; cha b‘ e ann am balgain-bhuachair dhomhs’ ach rud a lorgte air sgeilp supermarket ann am bogsa plastaig. B’ e bana-charaid Fhrangach leis an do dh’obraich mi a chuir ceart mi. Ma tha dream ann a tha tìtheach air biadh dhen a h-uile seòrsa; ’s iad na Frangaich. Bu mhòr an gàirdeachas a dhèanadh ise air an rud air an dèanainn dearmad. Nuair thigeadh làithean fionnar an fhoghair ‘b ise a bhiodh làn sgeulachdan mu na balgain-bhuachair blasta a fhuair i is na feustan a dhèanadh i leotha. ‘Nach neònach e’ chanadh i ’nach bean na h-Albannaich riutha’. Bhiodh e a’ sìor-chur iongnadh oirre mar a bhiodh iad ri fhaotainn fiù ’s ri taobh ceuma far bu leir iad don a h-uile duine, is far am biodh iad air an lomadh san Fhraing. Chaidh m’ iompachadh. Cheannaich mi leabhar mu bhalgain-bhuachair, is dh’fhoghlaim mi mi fhèin air cuid den fheadhainn a ghabhadh ithe agus, a cheart cho cudromach, an fheadhainn a chuireadh gu bàs mì-thaitneach mi. A’ chiad uair a thachair mi air cuid a dh’aithnich mi, chanterelles a bh’ annta mas math mo chuimhne, bha mi mar bhalach beag a’ lorg ulaidh. Bha fras dhiuibh air an sgapadh aig bonn nan craobh ‘s iad a‘ boillsgeadh mar reultan buidhe; dath an ìm. Chreathail mi mo làmh fo fhear dhiubh is dh’fhidir mi feòil dhaingeann air mo chraiceann. Thog mi gu mo shròn e is fhuair mi fàileadh nan apracot, direach mar a chaidh innse dhomh san leabhar. Is nuair a chuir mi dhan phana iad is a bhlais mi orra, abair gun deach mo theanga a dhùsgadh gu farsaingeachd de bhlasan nach d’fhuair mi riamh bho bhalgain-bhuachair an t-supermarket.
Bonaid an losgainn Chanterelle
Bha mi air mo bheò-ghlacadh agus bhon uair sin cha b’urrainn dhomh dhol a-mach air latha foghair gun mo shùilean a bhith air an talamh a’ sireadh nan iongantasan a bha nan laighe fodham. Shìn mi m’ amas gu gnèithean eile. An cep, no am porcini no am penny bun. Tha uiread de dh’ainmean a chanar ris ag innse cho mòr ’s a tha fèill orra an diofar cheàrnan. Mar a chuireas an t-ainm mu dheireadh mun aire dhuinn ’s e balgan-buachair tiugh a th’ann le ceann cruinn air dath dubh-dhonn an arain ’s e air a dheagh-bhruich san àmhainn. Tha fàileadh na taoise a’ brachadh a thig bhuaithe a’ freagairt air a choltas. Iomchaidh ’s mar a tha an t-ainm Beurla ’s fhearr leam an t-ainm Gàidhlig a th‘ aige, bonaid an losgainn, a thug snodha-gàire orm nuair a thachair mi oirre. An uair sin balgan-buachair gràineige; balgan-buachair cnapach, feòlach a lorgar gu tric fon bheithe no fon fhaidhbhile. Ma chuireas tu bun os cionn e chì thu an còmhdach de bhioran air a bhonn bhon tàinig ainm.
Chan e a h-uile balgan-buachair a bhios a‘ cinntinn air an talamh ge-tà. Lorgar na h-àrcan air craobhan is iad a’ sùigheadh maitheas bho chrann is freumh, an dà chuid beò is marbh. Tha cuid dhiubh nan nàmhaid do ghàrnailearan, leithid fungas na meala a tha air cur às do dh’iomadh crann-ubhail is siris. Ach tha dòrlach dhiubh ann a tha nan caraid do luchd-seilge nam balgan-buachair. Fhuair cearc na coille ainm bhon bhlas a th’ aice agus ’s ann bho a choltas a fhuair fungas na mairtfheola ainm-sa. Gu dearbh, is ionnan a’ choltas is staoig chrochte gu h-àrd air stoc craoibhe. Cha mhòr nach do chuir e gaoir tromham a‘ chiad uair a dhearc mi air. Nuair a gheàrr mi dheth e bu lèir dhomh fheòil càrnach air dath dearg na fala, ach gu h-iongantach b’ e blas searbh, caran mar liomaid a fhuair mi bhuaithe.
Fungas na mairtfheola
Tha mi air fàs nas dàna rè uine is mo roghainn a’ sìor-dhol am meud agus ’s e sin a mholainn-sa do dhuine sam bith a tha airson tòiseachadh air a‘ chur-seachad. Tòisich gu stuama, a’ taghadh aon no dà ghnè a tha pailt agus furasta an aithneachadh. Tha gu leòr fiosrachaidh ri fhaotainn air an eadar-lìon agus ’s urrainn do leabhar-iùil a bhith feumail. Bidh diofar bhuidhnean leithid Urras Nàiseanta Na h-Alba agus Dualchas Nàdair na h-Alba a’ ruith cuairtean fungais as t-fhoghar.
Chan e a h-uile turas a gheibhear deagh-bhuain, ach chan eil sin gu diofar dhomh a-nis. Tha mi air ionnsachadh gur e cur-seachad a th’ ann a tha rud beag mar iasgach. Is glacadh an t-amas ach is an t-sealg an tlachd. Tron chur-seachad chaidh saoghal ùr a chur fam chomhair; saoghal làr nan coilltean is nan raointean. Ged a laigheas e dìreach fo ar casan, is saoghal coimheach e far am bi na meanbh-bhiastagan a‘ tighinn beò am measg treallaich phlanntrais sheargta, clòìmh-liath, fungas is liath-sgrath. Seo far an tig beò is bàs còmhla; far am breòth a h-uile rud a bha uair beò a chruthachadh beatha ùr. Agus tha balgain-bhuachair nam pàirt dheatamach dhen phròiseas seo, no co-dhiù an lìonra farsaing de mheanbh-chuileagan a shìneas fodhpa. ‘S iadsan a bhriseas sìos stuth organach air ais gu na h-eileamaidean bunaiteach bhon tàinig e.
An ath-latha a-rèiste a thig beagan fuachd is a ruigeas fàileadh fuaraidh an fhoghair do chuinnlean, feuch an tog thu am blàr a-muigh ort, ach an àite do shùilean a chumail gu h-àrd ris na speuran is na beanntan, thòir sùil air na laigheas fodhad. Chì thu iongantasan agus tha cothrom ann gum faigh thu biadh blasda a nì dìnnear dhut aig deireadh an latha. Agus ma gheibh, dè nì thu leis? Mar a tha fior leis a h-uile deagh-bhiadh chan eil balgain-bhuachair feumach air còcaireachd àraidh no recipes toinnte. Son a‘ chuid as motha dhiubh fòghnaidh corra mhionaid a bhruich anns a’ phraidheapan le beagan ola-chrainn-ola. Craiteachan salainn is piopair is tilg a-mach air pìos tòst dhuinn iad. Nam bheachdsa ’s e seo an dòigh as fheàrr gus fìor-bhlas nam balgan fhaighinn. Ach cuiridh iad blas mèath cuideachd ri farsaingeachd de recipes eadar stiubhan, rissoto, pasta is omaileidean.
“Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach
Tha an neach-ciùil Tiristeach ainmeil Iain Mac a’ Ghobhainn air a làmh a chur ri gnothach ùr – ath-nuadhachadh gniomhachas an uisge-bheatha ann an “Tir an Eòrna”. Bhruidhinn Dàna ris. Leugh an còrr de ““Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach”
Am Beic-Off Mòr Breatannach | Morvyn Mheinnearach
Leann nam Biast
Cò idir a chuala mu leann nam biast, air neo leum[1] nam biast? Bidh cuid mhath de na h-Uibhistich os cionn aois dà fhichead eòlach gu leòr air – seòrsa de leann a bhathar a’ grùdadh an Uibhist (agus air Ghàidhealtachd, tha e coltach).
Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh
Bho dh’fhosgail dorsan ‘Coffee and Craic’ an Glaschu san Dàmhair, tha fèill mhòr air a’ bhùth am-measg an dà chuid luchd na Gàidhlig agus luchd a’ chofaidh bho Bhaile Fhionnaidh gu Baile Eilidh. Leugh an còrr de “Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh”