Dealbh le Yohei Yamashita
Le pròiseact iongantach Gàidhlig ga chur gu dol fhuair an neach-aithris againn, Marta, facal air fear a tha air a bhith aig teas meadhan na h-iomairte.
Leugh an còrr de “Agallamh le Ruaraidh MacLabhrainn, Marta Ò hEaghra”Dealbh le Yohei Yamashita
Le pròiseact iongantach Gàidhlig ga chur gu dol fhuair an neach-aithris againn, Marta, facal air fear a tha air a bhith aig teas meadhan na h-iomairte.
Leugh an còrr de “Agallamh le Ruaraidh MacLabhrainn, Marta Ò hEaghra”Le foillseachadh an leabhar rannsachaidh The Gaelic Crisis, tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle air na meadhanan. Tha taobhan gan comharrachadh agus campaichean gan lìonadh ann an saoghal na Gàidhlig.
“Nuair a chluicheas tu geamannan faoin, glèidhidh tu duaisean faoin” mar a thuirt Taylor Swift, tè-labhairt mo ghinealaich fhèin, anns a’ chlàr as ùire aige, ‘Lover’. Thàinig an clàr a-mach ann an 2019, an teas-meadhan aimhreit a’ chomainn-shòisealta anns Na Stàitean Aonaichte. Clàr mu ghaol a th’ ann, eadar gach cruth, cluth is ciùrradh a tha na chois.
Uil, a dhaoine còire, tha sinn uile ann an gaol ris a’ Ghàidhlig. Dè, ma-thà, a th’ aig Taylor chòir ri ionnsachadh dhuinn mun strì ghràdhach againn às leth na Gàidhlig? Oir, mar a chanas iad, is fheàrr an saoghal ionnsachadh na sheachnadh.
Leugh an còrr de “Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis”
Bha mi ri ur taobh tro thoileachas is cruas
Aig bàs is breith, aig stèidh ur seanchais
Bu mhise air bilean ur Dè an àm breitheanais
Bu mhise a chùmadh blàths ri ur caidreachas
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Bha mi nur cuideachd nuair ’shiubhail sibh bho thùs
Tro tìr, is tonn, is teagamh bu mhise ur misneachd
Tromhamsa a chuireadh an sgeulachd air gleus
Bu mhise a thug tuairisgeul air na bha ri teachd
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Bha mi a’ cluich leibh is sibh nur pàistean
– Bu mhise a thug sibh ciall ur càirdeasan
– Bu mhise a chuir an cèill ur ciad ghaol
– Bu mhise a thug brìgh do ur saoghal
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Thàinig am buille is thàinig gu cruaidh e
Claidheamh air a shàthadh tro mo chridhe
Fo ur sùileansan a chaidh mo leagail
Nam ablach; mo dheò lem fhuil gam fhàgail
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Càit’ a bheil sibh a’ tàmh a chlann mo ghaoil?
Cò na briathran coimheach a-nis ur n-iùl?
A threòir bhuam sibh do thìr an aineoil
Fada bhon dùthchas a dh’fhàg sibh air ur cùl
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
‘S mise a tha dìleas dhuibh agus bidh gu bràth
Ge dìmeas mo dhàimh cha traogh mo ghràdh
Am measg nam faileas an cùl ur n-inntinne
Sin mise a’ feitheamh gu foighidneach ur pilltinne
Tha an t-alt seo le Màrtainn Mac a’ Bhàillidh a’ toirt freagairt neo-dhìreach air cuid de na smuaintean a nochd ann an “Bi beò ann an Gàidhlig: bith-beò goirt?” le Criostóir Piondargás a chaidh fhoillseachadh air an làraich seo o chionn seachdain.
Leugh an còrr de “Fiach Saothair na Gàidhlig | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh”
Chaidh pàirt dhen aiste seo fhoillseachadh le Comunn Gàidhealach Ameireagaidh o chionn beagan bhliadhnaichean.
Ar taing mhòr do Christóir Piondargás airson a’ chunntais phearsanta seo gu h-ìosal. Is e rud duilich a th’ ann nuair a thig dìobhail misnich no eu-dòchas anns an rathad air rùintean ar cridhe. Tha mi làn chinnteach nach eil Criostóir na aonar am measg luchd-labhairt na Gàidhlig a thaobh mar a tha e a’ faireachdainn an-diugh. Ciamar a nì sinn leasachadh air ar staid?
Nan rachadh film euchd no gaisge, uabhais, àbhachdais, gaoir, msaa. a chur ann an riochd gàidhealach, dh’fhaodamaid tarraing à pailteas sgeulachdan, ach cuideachd à òrain, bàrdachd agus dàin de dh’iomadach seòrsa.
Leugh an còrr de “Na biodh ann an càs ’s nach cuimhnich thu ormsa”
Seo sia beachdan bho Alistair air mar a chuireas tu gu feum a’ Ghàidhlig ghaolach agad.
Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh na h-Alba a tha a’ cnuasachadh mar a thàinig ìomhaigh romansach na h-Alba gu bith – sgeul a tha gu mòr a’ buntainn ri cultar nan Gàidheal. Thadhail Gille-chrìost MacGill’Eòin air an taisbeanadh air an t-seachdain seo, agus seo agad an lèirmheas aige dhen taisbeanadh. Leugh an còrr de “‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS”