Lèirmheas Cuirm | Am Brusach 700

Leis gu bheil Alba a’ comharrachadh 700 bliadhna bhon a thachair Blàr Allt a’ Bhonnaich, blàr deireannach Ciad Chogadh na Saorsa (1314), abair gu bheil sùilean na h-Alba air sgìre Shruighlea air an deireadh-sheachdain seo. Cuir ri sin gu bheil Latha nam Feachdan Armaichte gu bhith a’ tachairt a-màireach air àrd-shràidean baile Shruighlea, tha gach bùth is bàr ag ullachadh airson meall mòr dhaoine a bhios a’ taomadh a-steach sna làitheachan a th’ ann.

Thòisich sreath-phrògram na deireadh-sheachdain a-raoir aig Talla Albert, Sruighlea, le prìomh-thaisbeanadh de chuirm-chiùil ghasta a shònrachadh buaidh a’ Bhrusaich. ’S e Ailean Dòmhnallach a bha os cionn ghnothaichean aig ‘The Bruce 700’, le taic-rèiteachaidh ciùil bhon cheòl-sgrìobhadair aithnichte Niall MacIain.Untitled

Bha Am Brusach 700 a’ leantail air An Uallas 700, a thachair ann an 2005, a chomharraich 700 bliadhna bhon a chaidh Sir Uilleam Uallas, Fear-glèidhidh na h-Albainn ri linn Ciad Chogadh na Saorsa, a bhrathadh agus a mharbhadh ann an Lunnainn. Bha a’ chuirm seo a’ riochdachadh èirigh a’ Bhrusaich gu cumhachd ann an Alba tro chaochladh de shiùbhlaichean spracail.

Anns an dara leth, thòisicheadh le seata aig pìobaire òg, agus e air a leantail le òrain ghleusta bho na sàr-sheinneadairean Kathleen NicAonghais agus Rod Paterson. Leanadh le pìobaire ionadail eile, Craig Muirhead, a bhuineas do dh’Allt a’ Bhonnaich fhèin. Bha Craig an làthair a’ cluich aig An Uallas 700 ann an 2005 dar a bha e 15 bliadhna a dh’aois, agus tha e a-nise gu math aithnichte ann an saoghal na pìobaireachd agus e na mhàidsear-pìoba air Còmhlan-Pìoba Nàiseanta na h-Òigridh ann an Alba.

Anns an leth eile, theann am prògram ri prìomh thàladh na h-oidhche. Bha measgachadh de dh’ionnsramaidean air an cleachdadh gu sgileil ann – feadag, fìdheall, beus-fhìdheall, saxophone, oboe, clàrsach, drumaichean, pìob mhòr (gleus A agus Bb), pìob bheag, phìob Èireannach. Thàinig iad uileadh còmhla, fa chomhair seinn iongantaich, gus fìor dheagh phìos ciùil a chruthachadh.

Thòisich am pìos le overture agus an uair sin le ùrlar na pìobaireachd ‘An Ceapadh Eucorach’ (The Unjust Incarceration). A’ leantail air, thugadh brosnachadh-cogaidh sgairteil aig Griogair Labhruidh, seinneadair aig a bheil guth air leth cumhachdach ann a bhith toirt a-mach ceòl dùthchasach. Fa chomhair pìobaireachd shlaodaich, theann am pìos ri caismeachd, le cluicheadairean òga à Còmhlan-Pìoba Shruighlea, mun do thòisich am blàr fhèin.

’S e an siubhal bu thiamhaidh a bh’ ann dar a thàinig an tuasaid fhuaimneach bhreisleachail gu crìoch agus a thòisich Kathleen ri bhith caoineadh. B’ e coltas os-nàdarra air a’ chaoineadh – traidisean Gàidhealach a bha uair fada san dualchas – a thugadh crith tro bhodhag gach aon san luchd-èisteachd agus a chuir uimhir de dh’ealantas is doimhneachd don chuirm.

Bho sin a-mach, thòisicheadh caismeachd togarrach agus port-cruinn a lean gu Rod Paterson ’s e a’ seinn ‘Scots Wha Hae’ – an t-òran a rinn Raibeart Burns mun Bhlàr. Chrìochnaich a’ chuirm le laoidh sìmplidh èifeachdach a rinn Ailean Dòmhnallach e fhèin aig an robh faclan leithid ‘thèid is gun tèid mi le mo dheòin’ agus ‘freedom for all from the few’.

Uile gu lèir, bha a’ chuirm seo barraichte. Bho na seinneadairean aithnichte gus a’ chlann agus deugairean ionadail a ghabh pàirt ann, fhuaireadh deagh fhaireachdainn gun robh a’ chuirm a’ buntainn ri coimhearsnachd agus a’ toirt àrd-ùrlar don òigridh ceòl dùthchasach a thaisbeanadh do luchd-èisteachd a thàinig mìltean a dh’astar. Tha e annasach a bhith smaointinn gu bheil 700 bliadhna bhuaithe a-nise, tha Blàr Allt a’ Bhonnaich fhathast a’ toirt buaidh air cultar is dualchas an t-sluaigh air an latha an-diugh. Mas e aon chomharra a bha seo air na bhios ann tron deireadh-sheachdain ann an Allt a’ Bhonnaich, bidh mi a’ frithealadh gach rud.

Liam Alastair Crouse

Share

10 Òrain | An Giblean

Tha e air ais! Air èiginn le ùine gu leòr airson innse dhut dè bha na Hipster Gàidheil ag èisteachd ris thar mìos a’ Ghiblein. Sin e ! Mgr Calum MacConaill a’ toirt thugaibh taghadh de dheich òrain a bhios a’ piobrachadh do chluasan, a’ toirt togail dha do chridhe is a’ cur gàire ort.

 

THE PHANTOM BAND – The Wind That Cried The World

Tha an t-uabhas de cheòl math a’ tighinn a-mach à Alba an-dràsta, agus tha an còmhlan à Glaschu The Phantom Band air ceann a’ ghnothaich. Bidh an t-òran seo ri fhaighinn air an treas clàr aca, Strange Friend, a thig a-mach air an dàrna latha den Ògmhios. Tha Rick Anthony air ais leis a’ chòmhlan às dèidh beagan ùine a chur seachad na aonar ann an 2013, far an do chuir e clàr a-mach fon ainm Rick Redbeard. Bha buaidh aig diofar chòmhlain air The Phantom Band, agus tha beagan ceòl electronaigeach ri chluinntinn sa phrìomh òran shingilte seo.

CONOR OBERST – Governor’s Ball

Bidh sibh eòlach air an obair a rinn Conor Oberst thar nam bliadhnaichean mar Bright Eyes, is mar phàirt de chòmhlain eadar-dhealaichte mar Monsters of Folk. Ged a dh’obraich e fo ainmean eile cha mhòr fad a bheatha, chuir e a’ chiad chlàr aige a-mach mar Conor Oberst ann an 2008, agus seo an còigeamh fear a-nis. Ach tha e follaiseach gur e Oberst a th’ ann, leis a’ ghuth-seinn socair aige thairis air giotàr fuaimeach is pràis. Sgoinneil Oberst fhaicinn air ais aon turas eile.

THE YOUTH AND THE YOUNG – Escher Drawn

Còmhlan òg Albannach a th’ anns a’ chòmhlan seo, is seo an t-òran ùr aca. Tha iad stèidhichte ann an taobh a deas na dùthcha, is ged a tha sinn fhathast a’ feitheamh ri clàr slan bhuapa, tha mi cinnteach nach bi e ro fhada gus am faic sinn a leithid. ’S toil leam mar a tha na guthan aig an dà sheinneadair toinnte ri chèile le fonn brèagha air an cùlaibh. Cùmaibh ur cluasan fosgailte airson barrachd den chòmhlan seo a chluinntinn.

GIL SCOTT-HERON – Alien (Hold On To Your Dreams)

Ged a chlàraich Gil Scott-Heron seo air ais ann an 2008 nuair a bha e ag obair air a’ chlàr I’m New Here còmhla ri Jamie XX, cha chuala sinn an dreach ùr air an t-seann òran seo gus a’ mhìos seo fhèin. A-rèir coltais, chlàraich Scott-Heron tòrr de na òrain as fheàrr aige le dìreach piana is esan a’ seinn. Chanainn-s’ gu bheil an dreach seo nas fheàrr na bha e nuair a thàinig a-mach a’ chiad turas. Tha rudeigin sònraichte ’na ghuth, is tuigidh tu gur e sgeulaiche a th’ ann. Gu mì-fhortanach, chaochail Gil Scott-Heron ann an 2011. Chaidh an t-òran a chur air bhog mar phàirt de Record Store Day an t-seachdain sa chaidh.

HONEYBLOOD – Killer Bangs

Air ais dha na tìrean seo a-nis, is cuideachd, air ais a Ghlaschu. Seo an t-òran ùr aig Honeyblood, Killer Bangs a th’ air. Ged as e fuaim mhòr a bhios iad a’ dèanamh, chan eil ach dithis sa chòmhlan, is ’s iad Shona McVicar agus Stina Tweeddale. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris a’ chlàr aca a chluinntinn anns an Iuchar. Tha an dithis aca, ahem, gu math brèagha cuideachd, is chan e rud dona a tha sin.

THE ANTLERS – Palace

Tha na Antlers glè ainmeil anns an dùthaich aca fhèin (’s ann à New York a tha iad), ach chan eil sinn cho eòlach orra anns an Rìoghachd Aonaichte. Atharrachaidh sin nuair a thig an clàr ùr aca a-mach ann am mìos no dhà eile. Tha an t-òran seo a’ gluasad air adhart aig luaths math, leis a’ ghuth-seinn aig Pete Silberman a’ tighinn a-steach is a’ crìonadh air falbh.

TODD TERJE – Delorean Dynamite

’S dòcha gum bi sibh a’ smaoineachadh cò fon ghrèin a th’ ann an Todd Terje, ach bidh sibh eòlach air rud no dhà a rinn e anns an t-saoghal-ciùil. Mar eisimpleir, dh’obraich e mar riochdaire air a’ chlàr mu dheireadh aig Franz Ferdinand, Right Thoughts, Right Words, Right Action. Ach, nas fheàrr na sin, sgrìobh e an t-òran Candy airson Robbie Williams còmhla ri Williams fhèin is Gary Barlow. ’S e DJ a th’ ann an Terje à Nirribhidh, is tha clàr ùr aige air a bheil It’s Album Time. Mholainn gun èist sibh ris ma tha sibh ann an car chase. Anns na h-ochdadan.

BLOOD RELATIVES – Murder of Crows

B’ àbhaist Kitty the Lion a bhith orra mar ainm, is ged nach eil mi cho measail sin air an ainm ùr, tha mi cheart cho measail ris a’ cheòl na bh’ aig Kitty the Lion. ’S e ceòl pop a bhios iad a’ cluich is, mar a tha sgrìobhte air an làrach-lìn aca, bidh iad a’ feuchainn ri ceòl a chluich gus an tèid aig daoine air dannsadh ris. Sin an dearbh rud a tha iad a’ dèanamh. Tha an t-òran seo ri fhaighinn air a’ chlàr aca, Deerheart, a thàinig a-mach an-uiridh.

JAWS – Think Too Much Feel Too Little

’S ann à Birmingham a tha JAWS, is leis gu bheil iad a’ fàs rud beag nas ainmeile an-dràsta, bidh samhradh trang romhpa. Seo an t-òran ùr aca a thàinig a-mach dà sheachdain air ais.

ST ANDREW – This World Is A Phuhl o’ a Number o’ Things

’S e caractar èibhinn a th’ ann an St Andrew. Tha e na òraidiche aig Oilthigh Dhùn Dèagh, far a bheil e a’ teagasg ealain. Chunnaic mi St Andrew seachdain no dhà air ais, is ’s e duine cho èibhinn, ach cuideachd cho annasach ’s a ghabhas, mar a chluinneas sibh san òran seo. Tha tòrr eile ri chluinntinn air-loidhne, is nam faigh sibh cothrom St Andrew fhaicinn aig àm sam bith, gabh e. Cha bhi e na bhriseadh-dùil dhuibh.

– Tha Calum a’ dol gu fèis Stag 7 Dagger ann an Glaschu an t-seachdain seo.

Share