Chaidh Alasdair Paul à Eilean Arainn gu oidhche An Gealbhan an Glaschu airson hò-rò gheallaidh, agus tha e coltach gur e sin a fhuair e!
‘S e beatha caran aonranach a th’ann a bhith nad fhileantach no neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, gu sònraichte nuair a bhios tu a’ fuireach ann an àite a tha air a dhol Gallta mar a thachair don sgìre agam fhèin. Tha na cothroman còmhraidh gann. Sàsaichidh BBC Alba agus Rèidio Nan Gàidheal miann na Gàidhlig gu ìre ach chan eil e san aon rud idir ri bhith a’ bruidhinn aghaidh ri aghaidh.
Dè am fuasgladh? ‘S e a nì mise; sùil gheur a chumail gleusta ’son tachairtean no cothroman, ge bith dè a th’annta, gus mo chuid Gàidhlig a sparradh air Gàidheil no duine eile aig a bheil facal no dhà dhith. Chan iongnadh e mar sin gun rachadh m’aire a tharraing leis an t-sanas Ghàidhlig taobh a-muigh taigh-òsta an Glaschu, is mi a’ toirt sgrìob sìos Sràid Sauchiehall. Air an t-sanas bha na faclan a leanas air an sgrìobhadh ‘An Gealbhan, Cuirm Nan Gàidheal, Gaelic Social‘. Ged nach robh am facal ‘gealbhan’ agam an uair sin fhuair mi a-mach beagan na b’fhadalaiche, le cuideachadh an fhaclair, gur e facal Earra-Ghàidhealach a th’ann airson cagailt no teine. Abair cuireadh taitneach do mo leithidsa a bhith am measg cuideachd nan Gàidheal an tac an teine a’ seanchas is a’ toirt seachad naidheachd!
Leis gum bi mi ann an Glaschu bho àm gu àm chuir mi romham a dhol ann an ath-thuras a bhithinn ann am baile mòr na smùide. Is gann gun robh cola-deug air a dhol seachad gus an robh mi a teàrnadh na staidhre a dh’ionnsaigh taigh seinnse an taigh òsta a tha ri lorg anns an ìoslach, gun dad a dh’fhios agam dè bha a’ feitheamh orm. Ma bha beachd agam idir, b’ e sin gun robh seòrsa de chomann Gàidhealach gu bhith fa-near dhomh; tachartas foirmeil le fear an taighe air èideadh na fhèileadh, pìobaire a chuireadh an gnothach air bhog agus seinneadair no dhà a thogadh fonn ann an nòs a’ Mhòid.
B’ e an caochladh a fhuair mi. Tachartas cho neo-fhoirmeil ’s a ghabhas le buidhnean beaga air an sgapadh mu thimcheall bùird is iad a’ dèanamh còmhraidh am measg a chèile gu h-aighearach; còmhradh a bha làn lachanaich is fealla-dhà. Chaidh m’fhàilteachadh a-steach le fear an taighe, Àdhamh Ò’ Broin, is e air èideadh na jeans an àite fèileadh is lèine-T air agus fhuair mi suidhe aig a’ bhòrd am measg nan ‘Gàidheal’. Ach cha b’ iad na Gàidheil àbhaisteach, ach measgachadh iongantach de dhiofar dhaoine a fhuair mi mu mo thimcheall. Rè na h-oidhche chuir mi eòlas, am measg eile, air Frangach a thàinig a dh’Alba gus pìobaireachd agus Gàidhlig ionnsachadh, grunn phàrantan aig a bheil clann ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, cuid de bhuill an Roinn Cheiltis aig Olthigh Glaschu, Èireannach a tha an sàs ann am pròiseact a tha ag amas air ceanglaichean eadar Gàidhlig na h-Alba agus Gaeilge Na h- Èireann a bhrosnachadh, tè a tha a’ teagasg sgilean siorcas tro mheadhan na Gàidhlig, Gearmailteach no dhà, (mar a bhiodh dùil agad) agus caochladh eile aig an robh ùidh anns a’ chànan. B’ e an aon fhior Ghàidheal tùsanach a bh’ann; fear òg Leòdhasach air an robh coltas caran do-chreidsinneach.
Bho àm gu àm dh’èireadh fear an taighe na sheasamh agus ghabhadh e òran aig àrd a chlaiginn (dh’fheumadh e gus an cluinnte an t-òran os-cionn na h-othail). Ro dheireadh a’ chiad rainn bhiodh sinn uile nar tost; deiseil gus an t-sèist a thogail còmhla. Mu aon uair deug thuit sinn am broinn a chèile le pàrtaidh-circe à Èirinn a bha a’ fuireach aig an taigh-òsta agus thàinig an oidhche gu crìch leis a h-uile duine a bha an làthair a’ dannsadh còmhla mar amadain is òinsichean.
Bhon uair sin tha mi air a bhith ann grunn thursan, agus a h-uile turas tha cùisean air a bhith a cheart cho aighearach le buidhnean diofraichte de Ghàidheil ùra an làthair. Bha mi fortanach a bhith ann air thuiteamas air na h-oidhcheannan a bha na seinneadairean Tara NicFhraing às Canada agus Gillebrìde MacIlleMhaoil às Uibhist a-staigh air aoigheachd. Bha e sònraichte math a bhith a’ cluinntinn an cuid òrain air an seinn anns an àrainn nàdarrach; sin ann an suidheachadh neo-fhoirmeil am measg caraidean, agus chan ann air àrd-ùrlar mar as motha a chluinnear iad san latha an-diugh, agus a h-uile duine a’ togail nan sèist còmhla.
‘S iomadh fear is tè inntinneach eile air an do chuir mi eòlas air na h-oidhcheannan ud. An turas mu dheireadh a bha mi ann thachair mi ri tè à Costa Rica a ghabh ùidh ann an Alba agus anns a’ Ghàidhlig ri linn an t-sreatha telebhisein ‘Outlander’, teaghlach Aimeireaganach a thàinig a dh’Alba an tòir air an sinnsearachd Albannach – agus mar sin air adhart. Mar as fhaisge a theannas an uair ri àm tilgeil a-mach ’s ann as beòthaile a dh’fhàsas cùisean an tac a’ Ghealbhain. Thog cuid-eigin giòtar agus thòisich e air beagan blues. Aig oisinn mo shùla mhothaich mi do dh’ Aimeireaganach a bha a’ fuireach anns an taigh-òsta, is e a’ putadh tron chuideachd, a’ toirt harmonica bho a phòcaid a chuir taic ri fear a’ ghiotàir. Beagan mhionaidean as a dhèidh nochd fear a’ bhàir bho chùl a’ chunntair, giotàr na uchd is e a’ gabhail òrain Blues. ‘S e an seòrsa rud nach tachair ach ann an bhideo ciùil a-mhàin san àbhaist. Ach aig a’ Ghealbhan b’ e seo crìoch àbhaisteach do dh’oidhche àbhaisteach!
Dhomhsa, ’s e a tha anns a’ Ghealbhan, samhla air saoghal ùr na Gàidhlig; saoghal a tha air a dheànamh an àird le luchd ùr na Gàidhlig cho mòr ri na Gàidheil iad fhèin. ‘S e deagh-mheasgachadh de dhuine a th’annta a tha air an tarraing don chànan tron ùidh aca ann an dualchas, eachdraidh no ceòl mar a bha mi fhèin. Ged is aithne dhomh nach d’fhuair sinn an t-ionnsachadh bòidheach aig aois òg no àrach an fhior-Ghàidheil; nam bheachd, tha sinn nar pàirt de Ghàidhlig an ama ri teachd. Le coimhearsnachdan traidiseanta na Gàidhlig a’ sìor chrìonadh feumaidh coimhearsnachdan ùra èirigh nan àite. An e plana Gàidhlig, no siostam ùr teagaisg no sgrùdadh iomchaidheachd eile a bhrosnaicheas sinn? ‘S dòcha. Ach tha aon rud cinnteach agus ’s e sin gu bheil oidhche spòrsail ann an taigh-seinnse le deagh chuideachd na bhrosnachadh mòr!