Lèirmheas | Lus na Tùise le Marcas Mac an Tuairneir
Chaidh an dàrna leabhar bàrdachd le Marcas Mac an Tuairneir, Lus na Tùise, fhoillseachadh san t-Samhain. Tha Rhona air a bhith ga leughadh.
Chaidh an dàrna leabhar bàrdachd le Marcas Mac an Tuairneir, Lus na Tùise, fhoillseachadh san t-Samhain. Tha Rhona air a bhith ga leughadh.
Air eadar-theangachadh bhon Iapanais le Steaphan MacRisnidh
Yeats, bàrd mòr na Beurla à Èirinn, ach dè a bh’ aige ri ràdh mu Ghàidhlig na h-Èireann? Cunntas fiosrachail, ùidheil aig Alison Ní Dhorchaidhe ma dheidhinn. Fo sgàil Bheinn Ghulbain, agus Banrigh Meabh air mullach Chnocan-Riabhach, Gleann Sìth, dheasaich mi gnothaichean airson bùth-obrach ann an Gàidhlig na h-Èireann a thoirt seachad. Thàinig daoine bho fhad…
Tha an Scotsman às aonais duilleig Ghàidhlig Disathairne an-dràsta bho thàinig orra crìoch a chur air cùmhnant an deasaiche ionmholta, Raghnall MacilleDhuibh. Chan eil a’ choire ri cur orra, oir tha iad ann an staing ionmhasail, ach càit am faigh a’ Ghàidhlig forcadh nan cas agus na Gàidheil an àite dligheach ann an saoghal meadhanan…
Chaidh an leabhran seo, Lasair Litreachais, a tha a’ taisbeanadh sgrìobhaidhean-glèidhidh a’ Mhòid 2014, a thoirt còmhla le Comhairle nan Leabhraichean ann an co-bhann ris A’ Chomunn Ghàidhealach. ’S e a th’ ann ach trusadh sgeulachdan, naidheachdan is bàrdachd le clann is inbhich aig caochladh ìrean de dh’fhileantas sa Ghàidhlig, a-rèir nam farpaisean a ghlèidh iad.
Tha an ‘dìos-o’ air ais turas eile le leabhar leis an sgrìobhadair chomasach Tim Armstrong a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. ’S ann gun do choisinn Tim a chliù dar a bhuannaich e Duais Ciad Leabhair bho Chomann Chrann na h-Alba ann an 2014 leis an leabhar ficsein-saidheans Air Cuan Dubh Drilseach. Agus ged nach eil Feur…
“’Se an cruinneachadh saoibhir seo de bhàrdachd agus rosg Gàidhlig à Canada na chruinneachadh as iomlaine dhen litreachas sin a bha againn a-riamh, agus bidh e na ghoireas sònraichte, gun choimeas fad bhliadhnaichean mòra san àm ri teachd. Tha an t-Oll. Newton air obair shuaicheanta a dhèanamh ann a bhith a’ lorg agus a’ mìneachadh…
Tha An Creanaiche dàna. Air Geàrr-liosta Duaisean Dhòmhnaill Meek am-bliadhna, ged a tha an cumadh beag, gur mòr as t-fhiach e. Tha Liam a’ toirt sùil air an leabhar ùr san t-sreath ‘Lasag’ aig Sandstone Press, le Ruairidh MacIlleathain agus Màiri NicEachairne (mas fhìor), a-mach air co-fheall murt a’ Cheanadaich. A bheil cuimhne agad càit…
Le Steaphan MacRisnidh Ged a tha an ràdh “Hiroshima na feirge, Nagasaki na h-ùrnaighe” (怒りの広島、祈りの長崎) a’ cur an cèill faireachdainn choitcheann Hiroshima a thaobh leagail boma niùclasaich orra an coimeas ri faireachdainn choitcheann Nagasaki, neo-ar-thaing nach eil daoine ann an Hiroshima a bhios ag ùrnaigh, agus daoine an Nagasaki air a bheil fearg. (Tetsuya, 2013)…