“Bha fhios a’m gun robh còir agam stad a bhith a’ cluiche Dark Souls nuair a thòisich mi miannachadh crìoch a chur air a’ gheama.” Aithris mun gheama-choimpiutair Dark Souls, le ceithir pìosan comhairleachaidh don neach leis am bu mhiann buannachadh, le Robbie MacLeòid. Leugh an còrr de “Toil-inntinn ann an Saoghal gun Dòchas: Teachdaireachdan nam Anam Dorcha”
Mòds & Rockers | “Nar n-aghaidh agus leinn”
An Latha a Dh’èirich Dòchas às an Luaithre: Aiseirigh Cànain is Dualchais Nam Mohawk
B’ e latha dubhach do mhuinntir a’ Mhohawk* a bu chòir a bhith anns an latha a chaidh an taigh aig Tehahenteh na theine. An àite sin b’ e an latha a dh’èirich dòchas às an luaithre.
An t-Sìde agus A’ Bheul-aithris
Sa phìos seo, tha Liam Alastair a’ luaidh air sìde fhliuch an ama seo dhen bhliadhna ann an Uibhist agus ag ath-aithris dà chunntas a chuala e air uisge trom na h-oidhche a thòisich an Dàrna Cogadh, ann an 1939. Bho chuimhne na beul-aithrise, bidh feadhainn a’ meas gur e sin an dìle as motha a bha ann an Uibhist fad na 20mh linn. Leugh an còrr de “An t-Sìde agus A’ Bheul-aithris”
Na biodh ann an càs ’s nach cuimhnich thu ormsa
Nan rachadh film euchd no gaisge, uabhais, àbhachdais, gaoir, msaa. a chur ann an riochd gàidhealach, dh’fhaodamaid tarraing à pailteas sgeulachdan, ach cuideachd à òrain, bàrdachd agus dàin de dh’iomadach seòrsa.
Leugh an còrr de “Na biodh ann an càs ’s nach cuimhnich thu ormsa”
Lèirmheas air Tairm le WHYTE
Seo agaibh Robbie MacLeòid a’ cur an cèill a smuaintean agus faireachdainn mun dàrna clàr aig Alasdair agus Ross MacIlleBhàin. Leugh an còrr de “Lèirmheas air Tairm le WHYTE”
Tha tìde agad | Soraidh slàn le Orange is the New Black
Cleachd I No Caill I! Ach Ciamar?
Seo sia beachdan bho Alistair air mar a chuireas tu gu feum a’ Ghàidhlig ghaolach agad.
‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS
Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh na h-Alba a tha a’ cnuasachadh mar a thàinig ìomhaigh romansach na h-Alba gu bith – sgeul a tha gu mòr a’ buntainn ri cultar nan Gàidheal. Thadhail Gille-chrìost MacGill’Eòin air an taisbeanadh air an t-seachdain seo, agus seo agad an lèirmheas aige dhen taisbeanadh. Leugh an còrr de “‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS”
Gàidheil Albannach aig Féile na Gealaí | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh
Bha tiocaidean an-asgaidh a’ dol aig Féile na Gealaí – fèis-chiùil Ghaeilge – do Ghàidheil na h-Alba gus na bannan a neartachadh eadar Gàidheil òga dà thaobh Sruth na Maoile. Seo Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, a fhrithealaich an fhèis, ag aithris. Leugh an còrr de “Gàidheil Albannach aig Féile na Gealaí | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh”