An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt I

Sna h-artaigealan seo, bidh Liam Alastair a’ toirt sùil air eachdraidh, cultar an latha an-diugh agus ath-bheothachadh cànain nan Naragansat, treubh tùsanach an Eilein Ròdaich. ‘S fhada on a bha an treubh ionadail againn, an Naragansat (Beurla: Narragansett), a’ còmhnaidh ’s a’ gabhail sealbh air an fhearann timcheall a’ bhàigh air a bheil ‘Bàgh nan Naragansat’…

Snàmh a-muigh san Fhraing

    Bha mi a-riamh dèidheil air snàmh a-muigh sa mhuir, no ann an loch no abhainn. A’ fàs suas san Òban, sin a’ chiad rud a dhèanamaid nuair a bhiodh a’ ghrian a’ dearrsadh – a’ dol do na tràighean a bha faisg oirnn sa bhaile, suas gu Mòrar, no a-null a Mhuile. Ged a…

Oidhche ann am Berlin

A bharrachd air a bhith na phrìomh-bhaile dhan a’ Ghearmailt, tha mi den bheachd (coltach ri iomadh neach eile) gur ann am Berlin a tha a’ bheatha-oidhche as fheàrr anns an Roinn Eòrpa. Chan eil gainnead de bhàraichean is chlubaichean a tha fosgailte gu èirigh na grèine agus a’ tairgsinn a h-uile seòrsa de cheòl,…

Jaresh © Omar Chatriwala, fo chead Creative Commons: https://creativecommons.org/licenses/by-nc-nd/2.0/legalcode

Siubhal | Iòrdan

Nuair a dh’innis mi do mo sheanmhair gun robh mi an dùil làithean-saora na Càisge a chur seachad ann an Iòrdan, thoisich i bruidhinn air sagart dom b’ainm Maighstir Iain a rugadh an Eirisgeidh ann an 1912 ach a chuir seachad a bheatha mar Franciscan ann an Iòrdan.