Duanag a tha a’ freagairt air an ràith.
Dannsair Cèilidh a’ Chriosa Dhuibh
Cò leis nach bu mhiann dannsadh le sùrdag?
Ach dhan tè seo b’ionnan dannsadh is dochann.
Latha an Arm-staid
Latha math!
Latha fuar!
Bhiodh daonnan facal aige dhomh
Am bodach ceann an rathaid
Daonnan gnìomh air aire
Ceannach pàipeir
Leaghadh naidheachd
Stàit an t-saoghail!
Ciod am fath ar saothair?
Gearradh an fheòir
Sgathadh nan ròsan
Latha math
Son gàirneileachd!
Cumail a’ dol
Cumail a’ dol
Latha math gus
A’ phìob a sheinn!
Na puing a’ sgaoileadh mar chàth
Bho cheann an rathaid
Air an ruagadh leis a’ ghaoith
A’ brìseadh air m’aigne
Is airtnealach
Am pìobaire e
Corragan daingeann
A’ meàrssadh thar feadain
Cath an Somme
Cùm air a’ caismeachd
Cùm air a’ cluich
Latha math
Son meàrrsaidh!
Grian, gaoth no dìle air raon a’ phairèid
Gillean grinn às an tuath; clì is deas air
Chaill iad na gillean a bh’ann
Fhuair iad àireamh
Meàrrs, a phìobaire!
Àireamh 46761
Ri thaobh 46762
Gualann ri gualainn
Clì, deas, clì, deas
Chaill e cò e
Fhuair e caidreachas
Latha math
Son a’ bhàis!
Urchraichean a’ seinn nan cluasan
Poll na Frainge air an casan
Grian ìosal air an druim
Foghar nan cuinnlean
Thuit e ri a thaobh
Àireamh 46762
Air ìobradh do
Chrannchar a’ chatha
Chaill mi caraid
Chum mi air a’ caismeachd
Chum mi air a’ cluich
Latha an Arm-staid
Blaidhna mu seach
Cath an Somme air fheadan
A’ cur ruaig air sàmhchair
Do charaid a chailleadh
Le ainm nach innsear
Do dh’àireamh 46762
A chluicheas mi sin;
Am facal aige dhomh
Is mi a fhuair am beatha
Nach d’fhuair esan
Cumail a’ dol
Cumail a’ dol
Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a Dhà
An e rèiteachadh no conas a tha gu bhith fa-near do mhuinntir a’ chlobhsa?
Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a h-Aon
‘S e rud ris an canar buaidh an dealain-dhè. Le aon chlap dhen sgiath thèid an saoghal bun os cionnn. Ach dè thacras nuair a thèid parsail dhan doras cheàrr? Gheibh sin a mach san sgeulachd ghoirid aig Alistair. Nochdaidh an darna pàirt dhen sgeul san aithghearrachd.
Leugh an còrr de “Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a h-Aon”
Lèirmheas; Oidhche Gaelic-tronica, CCA Glaschu, 17mh Ògmhios
Nuair a thig brath bhon bhuidheann Ceòl is Craic gum bi iad a’ cumail tachartais tha fhios gun tig rudeigin inntinneach às. Leugh an còrr de “Lèirmheas; Oidhche Gaelic-tronica, CCA Glaschu, 17mh Ògmhios”
An luath-ruith, Tóiceó | Bàrdachd
“Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach
Tha an neach-ciùil Tiristeach ainmeil Iain Mac a’ Ghobhainn air a làmh a chur ri gnothach ùr – ath-nuadhachadh gniomhachas an uisge-bheatha ann an “Tir an Eòrna”. Bhruidhinn Dàna ris. Leugh an còrr de ““Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach”
An Tùsanach Trèigte | A’ Chànan Wampanoag; Pàirt III
‘Chan eòl mise suidheachadh sam bith a tha coltach ris an fhear Wampanoag‘ – Noam Chomsky
Sa phàirt mu dheireadh den t-sreath mun Treubh Naragansait, ’s e cànan cuspair an artaigil seo. Thèid eachdraidh na cànain a chur fa chomhair iomairt ath-bheothachaidh a thòisich sna 90an.
Leugh an còrr de “An Tùsanach Trèigte | A’ Chànan Wampanoag; Pàirt III”
Sgrìobh do Dhàna
Tha Dàna air forladh an-dràsta às dèidh Oidhche mhòr Là Buidhe Bealtainn (air neo uaireigin mun àm sin, tha e fhathast caran ceòthach). Cus ho-ro-gheallaidh is mire! Nuair a thilleas sinn air an dara là dheug den Chèitean, bhiodh e math fàilte a chur air sgrìobhadair no dithis (no deichnear) ùr air na duilleagan.
Tha Dàna ann airson sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh a-measg nan Gàidheal – tha an làrach fosgailte do sgrìobhadh sam bith mu chuspair sam bith – ma tha e inntinneach thèid fhoillseachadh.
Mar as trice, ’s ann eadar 500 is 2000 facail a tha sinn an dùil agus thèid an t-artagail dhan sgioba-deasachaidh airson aonta is ullachadh, mar sin na gabh cus uallach mur eil thu buileach cinnteach às gach alt is tuiseal.
Cuir artagail, sgeulachd, aiste no leirmheas thugainn aig fios@danamag.org
Siuthad! Bi Dàna! Bi Buan!