Bha mi ri ur taobh tro thoileachas is cruas Aig bàs is breith, aig stèidh ur seanchais Bu mhise air bilean ur Dè an àm breitheanais Bu mhise a chùmadh blàths ri ur caidreachas
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Bha mi nur cuideachd nuair ’shiubhail sibh bho thùs Tro tìr, is tonn, is teagamh bu mhise ur misneachd Tromhamsa a chuireadh an sgeulachd air gleus Bu mhise a thug tuairisgeul air na bha ri teachd
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Bha mi a’ cluich leibh is sibh nur pàistean – Bu mhise a thug sibh ciall ur càirdeasan – Bu mhise a chuir an cèill ur ciad ghaol – Bu mhise a thug brìgh do ur saoghal
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Thàinig am buille is thàinig gu cruaidh e Claidheamh air a shàthadh tro mo chridhe Fo ur sùileansan a chaidh mo leagail Nam ablach; mo dheò lem fhuil gam fhàgail
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
Càit’ a bheil sibh a’ tàmh a chlann mo ghaoil? Cò na briathran coimheach a-nis ur n-iùl? A threòir bhuam sibh do thìr an aineoil Fada bhon dùthchas a dh’fhàg sibh air ur cùl
Is truagh mise on a thrèig sibh mi
‘S mise a tha dìleas dhuibh agus bidh gu bràth Ge dìmeas mo dhàimh cha traogh mo ghràdh Am measg nam faileas an cùl ur n-inntinne Sin mise a’ feitheamh gu foighidneach ur pilltinne
Ann an 1765 chaidh dealbh a pheantadh dhen teaghlach aig a’ mharsanta tombaca
John Glassford. Lorgar fìor bhrìgh na h-ìomhaighe anns na rudan nach fhaicear.
Seo òran molaidh a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha am pìos a’ moladh a’ bhaile Laisgir, faisg air Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, far a bheil e air a bhith a’ fuireach o 2018. ‘S e baile beag a th’ ann, le aon rathad beag a’ co-shìneadh ris an rathad mhòr agus a’ tighinn gu ceann aig clachan-coiseachd a-null gu Slighe Choinnich (neo an Dràibh mar as fhèarr a dh’aithnichear i), agus ’s dòcha nach saoileadh mòran gur e baile a bhiodh airidh air moladh a th’ ann.
Seo dàn spioradail a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha am pìos a’ suidheachadh dìleab agus làthaireachd na Crìostachd an cois nàdar is cruthaidheachd Uibhist, a’ tarraing air cuid de bheul-aithris na sgìre, can, mu Choinneach no mun bhrìdean. Aig bonn na duilleige, tha clàradh dheth a’ gabhail an dàin (agus na rainn ann an òrdugh eadar-dhealaichte).
Seo òran a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha e a’ tarraing air na diofar fhuaimean a chluinnear ann an Uibhist a Deas, eadar ròmhanaich an t-srùlaidh anns an iar agus langanaich nan damh anns an ear. Bha e fhèin uair a’ fuireach air an taobh an iar den eilean – eadar Cill Donnain agus Bornais, ach bho chionn dà bhliadhna, rinn e imprig dhan ear. Tha dà thaobh Uibhist a Deas car diofrach, agus tha e a’ fàs cleachdte ri fuaimean ùra, agus cothrom air acarsaidean matha an taobh an ear.