Mar bu dual ann am Brasil
Abair thusa! Uill, ghabh Mgr Suarez greim mhòr a-mach à faidheadaireachd Eòghain mu Urugaidh – ach tha ìochdaran no dhà eile ann fhathast – dè cho fada ’s a bhios iad ann ge-tà?
Abair thusa! Uill, ghabh Mgr Suarez greim mhòr a-mach à faidheadaireachd Eòghain mu Urugaidh – ach tha ìochdaran no dhà eile ann fhathast – dè cho fada ’s a bhios iad ann ge-tà?
Ann am Braisil, tha na geamannan a’ tighinn gun sgur, cha robh fiù ’s cothrom againn sùil a thoirt air tàmailt Shasainn aig làmhan Suarez a-raoir – trì seachdainean ri dhol! Eòghan ag aithris.
Gu h-annasach, tha na Sasannaich a’ gabhail air an socair an turas seo air an rathad gu Brasil. Chan eil uiread de ghlòramas ann idir. Carson? Eòghan Stiùbhart a’ gabhail beachd.
Thug seachdain thrang de spòrs is fealla-dhà còmhla ri Prince agus St Johnstone air Eòghan beachdachadh air mar a bhios sinn beò tro ar fònaichean is camarathan. Dè as fheàrr, Sùil an Ubhail™ no Sùil na Cuimhne?
Le Cupa na h-Alba air fàire, rinn Dàna iomradh air eachdraidh Dhùn Deagh United san Fharpais an latha eile ach a-nis bidh sinn a’ toirt sùil air na dùbhlanaich aca, St Johnstone. (Agus droch shamhla airson deireadh an t-Saoghail?).
Le Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba air fàire Disathairne seo tighinn, tha Eòghan Stiùbhart a’ toirt sùil air tè de na sgiobaidhean a bhios a’ gabhail pàirt air an latha agus an eachdraidh inntinneach aca sa cho-fharpais, Dùn Deagh United.
Uill, cha tug sin fada. Daibhidh Moyes air an t-sitig taobh a-staigh deich mìosan. “Is ladarna an cù air a shitig fhèin” mar a chanas iad. Ach cha robh coltas ann gur ann air a shitig fhèin a bha Moyes. Bu mhòr an euchd a rinn Ailig Fearghasdan an-uiridh gan treòrachadh chun an tiotail uair…
An latha eile, chunnaic mi dealbh de dà sgioba bhall-coise a’ seasamh guaillibh le chèile, ach ’s e an rud iongantach gur e dà sgioba bhon aon bhaile, mionaidean mus do thòisich cuairt-dheireannach mhòr, a bha ann.
Bhruidhinn Dàna ri Ùisdean D. MacIlleinein agus Derek “Pluto” Moireach mun obair aca an lùib a bhith ag aithris air geamannan ball-coise, rugbaidh agus iomain tro mheadhan na Gàidhlig. ’S iad an ceangal eadar an luchd-èisteachd agus na tha a’ dol air adhart air pàircean spòrs an t-saoghail – an luchd-aithris a bhios a’ dealbhadh…
Sùil air cuid dhe na sgeulachdan as motha ann an saoghal an spòrs an t-seachdain seo, le Eòghan Stiùbhart.