Mar bu dual ann am Brasil
Abair thusa! Uill, ghabh Mgr Suarez greim mhòr a-mach à faidheadaireachd Eòghain mu Urugaidh – ach tha ìochdaran no dhà eile ann fhathast – dè cho fada ’s a bhios iad ann ge-tà? Leugh an còrr de “Mar bu dual ann am Brasil”
Seachdain an t-Samba ann am Brasil!
Ann am Braisil, tha na geamannan a’ tighinn gun sgur, cha robh fiù ’s cothrom againn sùil a thoirt air tàmailt Shasainn aig làmhan Suarez a-raoir – trì seachdainean ri dhol! Eòghan ag aithris.
Leugh an còrr de “Seachdain an t-Samba ann am Brasil!”
Innleachd Shasainn
Gu h-annasach, tha na Sasannaich a’ gabhail air an socair an turas seo air an rathad gu Brasil. Chan eil uiread de ghlòramas ann idir. Carson? Eòghan Stiùbhart a’ gabhail beachd. Leugh an còrr de “Innleachd Shasainn”
Ubhal na Sùla
Thug seachdain thrang de spòrs is fealla-dhà còmhla ri Prince agus St Johnstone air Eòghan beachdachadh air mar a bhios sinn beò tro ar fònaichean is camarathan. Dè as fheàrr, Sùil an Ubhail™ no Sùil na Cuimhne? Leugh an còrr de “Ubhal na Sùla”
Tha na Naomhan a’ tighinn! – Cupa na h-Alba
Le Cupa na h-Alba air fàire, rinn Dàna iomradh air eachdraidh Dhùn Deagh United san Fharpais an latha eile ach a-nis bidh sinn a’ toirt sùil air na dùbhlanaich aca, St Johnstone. (Agus droch shamhla airson deireadh an t-Saoghail?).
Leugh an còrr de “Tha na Naomhan a’ tighinn! – Cupa na h-Alba”
Geasachd nan Arabach – Cupa na h-Alba
Le Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba air fàire Disathairne seo tighinn, tha Eòghan Stiùbhart a’ toirt sùil air tè de na sgiobaidhean a bhios a’ gabhail pàirt air an latha agus an eachdraidh inntinneach aca sa cho-fharpais, Dùn Deagh United. Leugh an còrr de “Geasachd nan Arabach – Cupa na h-Alba”
Daibhidh Bochd
Uill, cha tug sin fada. Daibhidh Moyes air an t-sitig taobh a-staigh deich mìosan. “Is ladarna an cù air a shitig fhèin” mar a chanas iad. Ach cha robh coltas ann gur ann air a shitig fhèin a bha Moyes.
Bu mhòr an euchd a rinn Ailig Fearghasdan an-uiridh gan treòrachadh chun an tiotail uair eile mus do leig e dheth a dhreuchd ach chùm sin an dubhar air daoine mu na cluicheadairean aosta, gillean faoin agus structaran cugallach a bha e a’ fàgail air a chùl.
Ged nach dèan luchd-leantail Mhan U dearmad air na rinn Fearghasdan dhaibh (uill iadsan a bhios deònach fantail agus nach robh ann air toir glòir a-mhàin), ’s mathaid gun cuir Moyes, a thagh Fearghasdan fhèin, cuimhnich, sgleò beag air dìleab Fhearghasdan, mar a thachair le Matt Busby a bha a’ tathaich thrannsairean Old Trafford ro fhada às dèidh dha fhèin oifis a’ mhanaidseir fhàgail.
Tha gu leòr air feadh an eadar-lìn mu na h-adhbharan airson fàilneachadh ach bha e coltach gun robh an obair ro mhòr do Mhoyes – nach robh e comasach dha a dhòighean atharrachadh bho Everton far an robh e math gu leòr a bhith anns an t-siathamh àite seusan as dèidh seusain. Tha e ioranach gur e Everton a chuir ceap a’ bhàis air iomairt thruagh Dhaibhidh le buaidh dhàna 2-0 air Là na Càisge. Là duilich airson Crìostaidh mar Mhoyes, cha bhi aiseirigh ann airson an Albannaich aig Old Trafford co-dhìu.
’S dòcha gun robh an obair ro mhòr ach cò dhiùltadh an cothrom a dhol ann mar mhanaidsear? Thug e cothrom do Mhoyes fuasgladh fhaighinn air a chòmhstri le Wayne Rooney agus mar sin, tha e coltach gum fuirich Rooney ann am Manchester greis fhathast. Gheibh Moyes a dhuais, nuair a bhios an teaghlach Ghlazer a’ pàigheadh dheth a chùmhnant, ach is cinnteach gum bi e goirt dha airson ùine mhòir.
Mar a thuirt Donnie Maroot air Facebook an là eile, thug e còrr is trithead bliadhna airson Obar Dheathain a bhith faighinn seachad air Fearghasdan fhàgail agus e fhèin a’ saoilsinn gur mathaid gun toir e ceart cho fada airson Man U. Le Liverpool air ais aig bàrr, còmhla ri Chelsea, Man City, gun ghuth air Everton, Spurs is Arsenal, tha obair mhòr ron ath mhanaidsear na Deamhain Dhearga a thilleadh gu mullach ball-coise Shasainn.
Hillsborough – Ceartas dha na 96?
An latha eile, chunnaic mi dealbh de dà sgioba bhall-coise a’ seasamh guaillibh le chèile, ach ’s e an rud iongantach gur e dà sgioba bhon aon bhaile, mionaidean mus do thòisich cuairt-dheireannach mhòr, a bha ann. Leugh an còrr de “Hillsborough – Ceartas dha na 96?”