cathair na cuibeige, 2009
thig a’ cheist sin thugam fhathast
nuair a smaoinicheas mi oirre, agus
air an t-samhradh ro ghoirid
far nach robh sinn còmhla, agus far an robh
an dithis againn’ a-muigh fo uisge
an fheasgair ud, fhaclan ann an cànan
nach do bhuin dha, agus, às an dèidh,
nar teanga chumanta nach do bhuin dhan àite
nam aisling, togaidh e mo làmh, agus
bheir e pòg dhomh fo na craobhan,
bocsa poutine fhathast teth nam làimh eile
an da-rìribh, ge-tà, cha tuirt mi guth,
agus chan eil dad eadarainn an-diugh
ach sàmhchair, ’s faclan a bhàsaich air bhilean
– Nathaniel Harrington