Cathraichean Ceòlmhor

Tha Dòtaman a’ Chiùil Thraidseanta / Dhualchasaich / Dhùthchasaich a’ dol “mun chuairt mun chuairt” gu math luath na làithean. Tha Eòghan a’ feuchainn ri rian fhaighinn air na h-atharraichean a tha a’ dol.

Feumaidh gun robh e caran àraid a bhith aig a’ chuirm anns an Òban o chionn cola-deug – Mànran gun Norrie, a’ cur taic ri Skipinnish le Norrie ach an aon chòmhlan a’ toirt soraidh slàn do Raibeart Robasdan a bhios a’ falbh còmhla ris a’ mhaestro bheag Mhuileach, Ros MacUilleim à Bun Easain, ann an pròiseact ùr gun ainm agus esan a’ cluich ann an còmhlan “League of Highland Gentleman” còmhla ri Eòghainn o Mhànran agus Seònaidh o Thrail West. Feumaidh tu flow-chart ceart fhaighinn uaireannan airson leantainn cò bhios ann an gach còmhlan.

O àm gu h-àm, saoilidh mi nach eil seo fallainn airson ceòl tràidiseanta – gum fàs cùisean caran, uill, dlùth anns an t-seagh “Game of Thrones”– ach tha measgachadh math airson cruthachadh agus tha adhbharan diofraichte ann an-còmhnaidh airson daoine a’ gluasad is a’ fàgail chòmhlain – tìde, airgead, suidheachadh-beatha – agus chan urrainn dhuinn a bhith a’ gearan nuair a bhios ceòl den leithid cho inntinneach agus cho fosgailte sa bha e o chionn fhada o dhùsgadh mòr Shooglenifty agus Martyn Bennett anns na Naochadan.

Bha mi fortanach gu leòr am Mànran ùr fhaicinn ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain – shaoil mi gun robh iad ann an gleus cho math ’s a chuala mi riamh. Tha Eòghainn MacEnnraig air fàs ann an cliù mar sheinneadair agus gun fheuchainn a bhith a’ cur sìos air an fhear a bha ann roimhe – thug “An Sgadan” spionnadh as ùire dhan chòmhlan – dh’fhairich mi iad na bu chumhachdaile agus na bu bheòthaile.

A’ bruidhinn air an fhear a bha ann roimhe, Norrie “Tago” MacÌomhair, tha mise a’ creidsinn gum bi a stoidhle a’ dol gu math le stoidhle Skippinish – guth caran diofraichte o Raibeart Robasdan ach tha Norrie buadhmhor mar phrìomh-sheinneadair is e eòlach air mar bhios tu a’ piobrachadh làr-dannsaidh. Gheibh Norrie buannachd à Skipinnish agus gheibh MacPhàil “vital spark” on Leòdhasach ùr air a’ chriùtha aige.

Bidh e inntinneach càit an tèid Raibeart Beag a-nis – guth seinn cho sgairteil is làidir a bha ann an Gàidhlig o chionn fhada. Is cinnteach gun dèanadh e fortan a’ seinn Allt an t-Siucair do ghràisg a’ Chomuinn Ghàidhealaich gu Latha Luain ach le fear a tha cho beachdail is beòthail, ’s cinnteach gum bi e a’ feuchainn air rudeigin a ghlacas aire a’ mhor-shluaigh, mar a rinn e leis na h-òrain a bha e a’ cur a-mach còmhla ri balaich Skippinish o chionn ghoirid.

Cuid a’ tighinn, cuid a’ falbh. Nach math gu bheil an leithid ann ge-tà. Còmhlain òga, ùra a’ brosnachadh ceòl ann an diofar stoidhlichean – aig aon cheann, na balaich Trail West a’ cùmail ri ceòl a’ bhogsa fo stiùir Iain Mhic a’ Ghobhainn agus clàr ùr aca sa bheairt agus aig a’ cheann eile, Griogair a’ tòiseachadh Ghettocroft agus a’ cluich còmhla ris na h-Afroceiltich. Tha sinn air luaidh a thoirt air Niteworks tric gu leòr air Dàna agus tha na seann laoich Dàimh air an ath-nuadhachadh uair as dèidh le buill ùra is Ellen NicDhòmhnaill a’ seasamh chòraichean nam ban-Ghàidhealach sa chòmhlan sin a bhios a’ cluich air feadh an t-saoghail.

Is iad, agus iomadh neach-ciùil eile, tosgairean ar ciùil agus mar a thuirt aoighean an tosgaire eile nuair a chaidh Ferrero Rocher a thabhann dhaibh – “Tha sibh gar milleadh”. Bidh sinn cho làn de rudan mìlis ann an ceòl tràidiseanta nach e “Allt an t-Siucar” ach “Tinneas an t-Siucair” a bhios sinn a’ cluinntinn a dh’aithghearr.

– E

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Cathraichean Ceòlmhor

  1. Pingback: Mànran – An Dà Là | Lèirmheas |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach