Ceann a’ Mhaide | Tanera Camans

tanera1Fhuair Eòghan cothrom tadhal air ceàirdlann Tanera Camans faisg air a’ Mhanachainn agus ionnsachadh fhaighinn air mar a nithear caman.

A’ coiseachd a’ steach dhan cheàirdlann air croit os cionn Cille Mhòraig, chuir e gaire orm a bhith a’ faicinn fear an aon aois rium-sa a’ bruidhinn ri òigear, a’ feuchainn ri eòlas agus ionnsachadh a thoirt seachad.

Gu h-àraidh, air sgàth ’s gur e Ailean Mac a’ Phearsain a th’ ann, fear a bha cho ainfhoiseil san sgoil nuair a bha e còmhla rium aig Acadamaidh Bhaile Thearlaich. ’S gann gun suidheadh Ailean aig tàmh agus cluas a thoirt do thidsear sam bith. Cha robh càil air aire san sgoil ach dà rud, a threigsinn cho luath ’s a b’ urrainn dha agus iomain a chluich.

Tha iomadh bliadhna air a dhol seachad o na làithean ud, agus a bharrachd air duaisean mòra iomain a thogail, tha Ailean a-nis na shaor eòlach le dealas dhan cheàird aige, fear cùramach rèidh, ’s e a’ cur gu mòr ri a chiad ghràidh leis a’ ghnìomhachas aige, Tanera Camans.

Ghabh Ailean os làimh a’ chompanaidh Tanera Camans ann an 2014. B’ àbhaist dhan chompanaidh a bhith stèidhichte anns a’ Ghearasdan le fear Philip Nolan a cheannaich an t-ainm anns na h-naochadan o Bhilly MacIlleathain a thòisich an companaidh ann. Bhiodh Philip fhèin a’ dèanamh nan caman sa Ghearasdan fhèin, ach an uairsin chaidh e ann am compairteachas le companaidh ann an Sasainn aig an robh inneal airson maidean lacrosse a dhèanamh agus le sin chaidh caman nan Gàidheal a dhèanamh air crìochan Mhanchester.

Is fhada o Seann Bhaile Ghrannda Salford a tha ceàrdlann Ailein. Seallaidhean breàgha air Srath Ghlais agus beanntan Ghleann Aifric, chan iarradh tu àite-obrach nas aille. Ged a bha mi eòlach air mar a bha camain gan dèanamh, bha e sònraichte math a bhith ga fhaicinn le fear eòlach a’ mineachadh mar a bhiodh ea’ dol air adhart. Chuir e nam chuimhne a bhith ann an seada Dhòmhnaill Iain MhicAoidh ann an Losgaintir an-uiridh ga fhaicinn air a’ bheairt Chlò Hearaich aige.

Nì aon dèile de chrann ghall-chnò Ameirigeanach (hickory”) dà chaman. ’S gann idir a bhios uinnseann ga cur gu feum ann am maide-iomain na làithean-sa, ged a tha Ailean ag obair le uinnseann o àm gu h-àm.

Tha na meuran tana gan glaodhadh ri chèile, gam fàgail airson tioramachadh gu nàdarrach agus an uairsin gan lùbadh.

Thèid iad an uairsin a gheàrradh agus a locradh nan crùthan freagarrach, mus tèid an liomh a chur orra agus an ullachadh airson a bhith gan reic. Tha e an urra riut fhèin an uairsin dè seòrsa teip is greim a chuireas tu fhèin air, mar as trice anns na dathan aig do chomann fhèin.

’S e pris àrd a tha air camain na làithean-sa, agus le rud a dh’fhaodas a bhriseadh uair sam bith an lùib cruadalachd an spòrs fhèin, tha e deatamach gu bheil iad cho seasmhach ’s a ghabhas.

Tha Ailean air iomadh rud fheuchainn airson an saidheans air cùlaibh chamain a thoirt air adhart.  Tha e air an taghadh de chamain a leudachadh gum bi barrachd  – mar eisimpleir, bidh cluicheadair dion an dùil leathad nas socair air a’ bhois, agus bidh cluicheadair-aghaidh a’ miannachadh bois dhìreach airson am ball a chumail ìosal.

Feumaidh e deich camain a dhèanamh de gach seòrsa airson gach ordugh, ach tha fèill mhòr orra air feadh na h-Alba.

Bha e inntinneach a bhith a’ bruidhinn ri Ailean cuideachd mu dheidhinn nam planaichean a tha aige airson an spòrs a thoirt air adhart. Tha e air ball ùr a chruthachadh le meadhan innealta plastaig a bhios a’ glèidheadh cumadh gun a bhith a’ gabhail cus uisge a-steach. Tha na buill ag obair air leth math, bidh iad a’ siubhal gu fìor agus cha bhi iad a’ crionadh idir. Gu mì-fhortanach, bhèir e trèis mus bi cead aig sgiobaidhean an cleachdadh ann am farpais. Chuir Comann na Camanachd maille orra, leis gu bheil riaghailtean na camanachd ag innse ann an dubh is geal, gum feum am meadhan a bhith dèanta le airc.  Tha Ailean an dòchas gun tèid an riaghailt atharrachadh aig an ath choinneamh bhliadhnail aig Comann na Camanachd.

Tha Ailean a’ leudachadh air a’ ghnìomhachas aige fad na h-ùine, ach tha e gu math doirbh do neach-gnìomhachais beag sam bith na làithean-sa anns a h-uile roinn. Tha e na bhrosnachadh ge-tà gu bheil fear òg easgaidh a’ gabhail os làimh ceàird cho cudromach airson spòrs nan Gàidheal, agus còmhla ris na companaidhean camain eile “a’ cumail ceann a’ mhaide” ris na cluicheadairean.

@eoghanuig

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach