Staid èiginneach na Gàidhlig : Ceann na circe ann an gob na h-àirce


ceann-circe

Fhuaras dearbhadh aig a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh, (mur robh fios againn mar-thà), gu bheil a’ Ghàidhlig an impis dol à bith anns a’ mhòr-chuid de na h-Eileanan an Iar. Chan eil ann ach 48.15% de chloinn Innse Gall eadar 3 agus 15 bliadhna a dh’aois aig a bheil comas air choireigin sa chànan. Chan eil an fheadhainn ud eadhon comasach uile air Gàidhlig a bhruidhinn. Bruidhnidh cuid den 48.15% seo i, ’s cuid eile nach bruidhinn, agus tuigidh càch i gu ìre nach deach a tomhas.

Mar sin, dè an fhreagairt aig fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, mu choinneamh a’ chatha chruaidh a tha a dhìth, ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith maireann mar chainnt choimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar – gun luaidh air a’ chòrr den Ghàidhealtachd far a bheil i gu cugallach an crochadh ri bile na creige?

Le uallach bàs na Gàidhlig mu a chlaigeann, thuirt am fear-gairm ris a’ BhBC, gu bheil iad “a’ dèanamh adhartas” agus leig e fianais bhon chunntas-sluaigh mu a chluasan le bhith ag ràdh “nach robh na figearan a’ toirt seachad dealbh fìrinneach air an t-suidheachadh”. CHAN EIL NA FIGEARAN A’ TOIRT DEALBH FÌRINNEACH AIR AN T-SUIDHEACHADH?

Dè ma-tà a tha a’ toirt dealbh fìrinneach air an t-suidheachadh? Uill, bha an Dòmhnallach deiseil gus fìor-bhrìgh nam figearan aigesan a thoirt seachad.  Èisteamaid ma-tà:

“Tha 32% anns na bun-sgoiltean air fad a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.”

Dè thachras ris an 32% ud nuair a bhios iad deiseil sa bhunsgoil? Uill, fhuair sinn fios an-diugh, gur dòcha gun tèid àrdsgoil Lìonail, Nis, Leòdhas (aon de na h-àiteachan as Gàidhealaiche) a dhùnadh agus na sgoilearan a ghluasad gu Àrdsgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Bidh siud math dha an cuid Gàidhlig, nach bi?

Ge-tà, cha robh fear-gairm nan Eilean Siar deiseil aig sin, agus e ag ràdh fhathast nach robh feum air sgoiltean Gàidhlig fa leth a bhith air an stèidheachadh sna h-Eileanan. Mura bheil feum air sgoiltean Gàidhlig a bhith ann, carson ma-tà, a bha e a’ toirt seachad figearan suarach mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig mar an dearbhadh aigesan gu bheil a’ Ghàidhlig “a’ tighinn air adhart”?

Cha do stad am fear-gairm aig sin nas motha. Mar nàdar de dh’oidhirp mhosach air cion saothair na Comhairle a dhìon, chùm e a-mach gur dh’fhaoidte nach robh muinntir nan eilean a’ tuigsinn ceistean mun Ghàidhlig sa chunntas-sluaigh, agus mar sin, a’ cur ceist ann an comas nan eileanach air Beurla a leughadh. Cha deach faighneachd dha — agus bu mhòr am beud nach deach — an robh na figearan eile sa chunntas a’ toirt dealbh fìrinneach ’na bheachdsan. Mar eisimpleir, na figearan mu bhreith, cia mheud duine a tha san teaghlach ’s mar sin sìos. 

An e a’ phrìomh argamaid aig a’ cheann-circe seo gu bheil a’ Chomhairle air uiread de dh’obair a dhèanamh gus Gàidhlig a bhrosnachadh bho 27 Màrt 2011 (an dèidh don chunntas-sluaigh crìochnachadh), nach eil an toradh a’ cunntadh tuilleadh? Mar sin, gum bu chòir do luchd-taic na Gàidhlig feitheamh ris an toradh bhon ath-chunntas-shluaigh ann an 2021— agus gun DAD a dhèanamh? Abair comhairle bhon Chomhairle. Chan eil Gàidhlig, no misneachd clann nan Gàidheal, a’ cunntadh figear air poc dhaibh.

 

le Steaphan MacRisnidh

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Staid èiginneach na Gàidhlig : Ceann na circe ann an gob na h-àirce

  1. Och a Steaphain, a dhuine, chan eil thu idir “on-message” an-seo. Tha h-uile rud cho dòigheil sa ghabhas a thaobh na Gàidhlig. Thalla agus leugh press-releases an Riaghaltais a-rithist!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach