Ceann-naidheachd agus Ceann-uidhe

naidheachdan AAA

Tha buidheann ùr ag amas air seirbhis naidheachdan sa Ghàidhlig a chur air dòigh – bhruidhinn Dàna ri Alasdair aig Naidheachdan: An-dè, An-diugh ’s A-màireach.

Tha sinne aig Naidheachdan: AAA, buidheann shaor-thoileach, gu làidir a’ creidsinn gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig airidh air seirbheis naidheachd adhartach, luachmhor agus bhuadhmhor, a bheir sealladh cothromach air na sgeulachdan as motha agus na gnothaichean as cudromaiche dhuibhse.

Chan ann a-mhàin ri naidheachdan na h-Alba a bhios sinn a’ coimhead – ’s e cànan eadar-nàiseanta a th’ ann an Gàidhlig san 21mh linn agus bu mhath leinn seirbheis naidheachd a thabhann a tha mar chomharra air an t-suidheachadh sa bheil ar cànan beò san latha an-diugh.

images

’S e a’ phrìomh cheann-uidhe aig “Naidheachdan: An-dè, An-diugh ’s A-màireach” naidheachdan an t-saoghail mhòir a sgaoileadh nur measg ann an Gàidhlig na h-Alba.

Tha sinn gu mòr ag iarraidh a’ bheàrn a lìonadh a tha ann eadar an t-seirbheis naidheachd a th’ againn an-dràsta agus an t-seirbheis naidheachd a bu chòir a bhith againn sa Ghàidhlig. Le bhith a’ sgaoileadh naidheachdan, sgeulachdan agus bhideothan gach latha is gu cunbhalach, tha sinn ag amas air seirbheis naidheachd tharraingeach is ruigsinneach a chruthachadh do dhuine sam bith aig a bheil Gàidhlig.

Bheir Naidheachdan: AAA sealladh air na tha dol air feadh na h-Alba, an Roinn Eòrpa agus an t-saoghail air fad. Bheir sinn cuideachd sealladh nas doimhne air cùisean a leithid ceòl, poilitigs, teicneòlas agus beatha thall-thairis – le beachdan agus sgeulachdan bho sgrìobhadairean eadar-dhealaichte.

Dakota 2

Tha e mar fheallsanachd aig cridhe na buidhne a tha seo gum bi cothrom aig neach sam bith à coimhearsnachd na Gàidhlig na comasan cànain aca aithneachadh, agus gum bi iad air am brosnachadh sgrìobhadh ann an Gàidhlig.

Tha sinn mothachail nach ann tric a gheibh a’ chuid as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig cothrom an cànan aca a chur gu feum san dòigh seo – air neo ’s dòcha gur e nach eil sibh a’ faireachdainn a cheart cho misneachail a thaobh a’ ghràmair is gach eile seo a dhèanamh. Ge-tà, bu mhath leinn a dhèanamh builleach soilleir nach eil seo gu diofar – tha sinn a’ sìreadh sgrìobhadairean o gach ceàrnaidh – agus ’s e gum bi a’ Ghàidhlig agaibh tuigseach agus siùbhlach, chan ann aig ìre cho àrd sin a thaobh gràmair.

An toiseach, cleachdaidh sinn Twitter agus Facebook gus na sgeulachdan agus pìosan naidheachd againn a sgaoileadh – tro bhith a’ sgaoileadh na th’ ann mar tha, ach le aithris Ghàidhlig air. Às dèidh greis, tha sinn an dùil làrach-lìn a stèidheachadh far am faighear a h-uile càil a bhios againn.

  • Alasdair Lewis Laing

 

Ma tha ùidh sam bith agaibh pìosan a chruthachadh no a sgrìobhadh do Naidheachdan: AAA, cuiribh fios gu NaidheachdanAAA@gmail.com, air neo cuiribh teachdaireachd thugainn air Facebook no Twitter:

Facebook: www.facebook.com/NaidheachdanAAA

Twitter: www.twitter.com/NaidheachdanAAA

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “Ceann-naidheachd agus Ceann-uidhe

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach