Cearcall gun Smuain: a’ Ghàidhlig shòisealta seach eaconomach? | Mìsneachd Dhùn Èideann

The ceist a’ mhì rùin don Ghàidhlig a’ sìor thogail ceann. An seo tha Sgioba Misneachd Dhùn Èideann a’ sìreadh fuasgladh ùr dhan cheist.

Sanas

An t-seachdain seo chaidh, chaidh artaigil fhoillseachadh sa Chourier a’ càineadh suaicheantas dà-chànanach ùr Poileas Alba. A bheil sibh a’ mèaranaich fhathast?

Bithear ag ràdh nach eil càil ùr fon ghrèin, ach tha na gearanan seo gu sònraichte dòrainneach. A bheil diofar eadar na ‘h-argamaidean’ a nochdas san artagail seo agus an fheadhainn a nochd sna pàipearan o chionn deich bliadhna, no o chionn fhada? Bidh gaisgich leithid Art MacCarmaig a’ sgrìobhadh gus na pàipearan nuair a nochdas sgudal mar seo le argamaidean ciallach reusanta a fhreagras na puingean a thog an t-ùghdar – argamaidean nach toir daoine às am beachdan mura h-eil iad airson èisteachd sa chiad dol a-mach. Tha e cudromach dha-rìribh gum bi cuideigin a’ togail na puingean sin seach a bhith a’ leigeil leas an t-amaideas sin a dhol seachad gun chonnspaid – tha sin soilleir. Ach bu chòir dhuinn a bhith a’ smaointinn, cuideachd, air mar a bhriseas sinn an cearcall seo, seach a bhith an còmhnaidh a’ dol timcheall leis na h-argamaidean a chruthaicheas luchd a’ mhì-rùin. Cho fad ’s a tha sinn a’ dol ann an cearcall, chan eil sinn a’ gluasad air adhart.

Chan eil beachdan an aghaidh na Gàidhlig a’ nochdadh às an adhar. Tha iad stèidhichte air ideòlasan cumanta an latha an-diugh (agus bho linntean a dh’fhalbh). Tha sinn uile a’ tighinn beò ann an saoghal far a bheil barrachd luach air a chur air airgead na air daoine, agus bithear ag ràdh gur e common sense a th’ ann an sin. Seo na bhios daoine ag ràdh mu ideòlas sam bith aig a bheil làmh an uachdair. Mar a sgrìobh David Van Reybrouck, sgrìobhadair às a’ Bheilg, ‘Chan eil ann an common sense ach ideòlas nach aidich a charactar ideòlach fhèin, mar sù a chreideas ann an da-rìribh gur e eisimpleir de nàdar neo-thruaillte a th’ ann.’ Carson a dh’fheumas sinn a’ Ghàidhlig, bidh iad ag ràdh, nuair a thuigeas luchd na Gàidhlig a’ Bheurla? Chan eil na h-argamaidean seo a’ toirt a-steach gu bheil e cudromach do dhaoine a bhith a’ cleachdadh cànan is cultar aca fhèin. Leis an t-sealladh seo, tha e math gu leòr a bhith a’ tuigsinn rudan, ged nach eil fàilte romhad pàirt a ghabhail annta.

Cha dèan sinn adhartas airson cànan is coimhearsnachdan na Gàidhlig cho fad ’s a tha sinn a’ cleachdadh na h-aon ideòlasan sin agus a’ cumail oirnn mar gu bheil iad ceart is iomchaidh. Chan urrainn dhan a’ Ghàidhlig co-fharpais a bhuannachadh nuair a chluicheas sinn le riaghailtean neo-chothromach. Ma nì sinn argamaid (argamaid a tha comasach a dhèanamh) gun urrainn dhuinn Gàidhlig a chleachdadh airson airgead a dhèanamh, agus ’s ann air sgàth sin gum bu chòir dhuinn luach a chur oirre, cha tig fìor bhuannachd às.

Feumaidh sinn frèam ùr a chleachdadh airson bruidhinn mu luach na Gàidhlig – frèam a tha stèidhichte air na rudan a tha cudromach an da-rìribh don chinne-daonna. Tha luchd-iomairt air a bhith a’ dèanamh seo le cuspairean eile mar-thà, leithid tuathanachas seasmhach, slàinte a’ phobaill agus seasmhachd na h-àrainneachd. Cho fad ’s a tha sinn a’ cur an luach as motha air rudan a chruthaicheas am meud as motha de dh’airgead, cha bhi sinn a’ cur an t-uabhas luach air a’ Ghàidhlig. Ach ma thòisicheas sinn còmhraidhean ùra mu na prìomhachasan a th’ againn, ’s dòcha gum bi gearanan ùra a’ nochdadh anns na pàipearan nach eil ceart cho dòrainneach. Agus nach fhiach e sin?

FacebookTwitterGoogle+Roinn

3 thoughts on “Cearcall gun Smuain: a’ Ghàidhlig shòisealta seach eaconomach? | Mìsneachd Dhùn Èideann

  1. “na rudan a tha cudromach an da-rìribh don chinne-daonna” Nach eil a’ Ghàidhlig fhathast nas fhaisge do na rudan sin co-dhiù? ‘S ann air sgath sin a thoisich mi ga h-ionnsachadh. Dhomhsa tha a’ chanain caran taobh a-muigh boile an t-saoghail àbhaisteach agus a’ chaismeachd a tha gar toirt don lèir-sgrios.

  2. Aig a’ cheud dol a-mach leugh mise ‘frèamh’ (freumh) airson ‘frèam’ :-)

    Ach da-rìribh nach e luach nam freumh againn a tha aig bonn na h-argamaid seo?

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach