Ceàrn Beag De Dh’Earra Ghàidheal Far Am Faighear Eachdraidh Nan Gàidheal – II

mac-lachlainn

Anns an dàrna artaigil seo mu dheidhinn Srath Lachlainn ann an Earra Ghàidheal tha Alistair a’ toirt iomradh air mar a thachair do chlann ‘ic Lachlainn as dèidh bàs an cinn-fheadhna aig Cùil Lodair.

OLYMPUS DIGITAL CAMERA

An taigh ùr

Thug peileir canain bàs aithgheàr do 17mh ceann-feadhna a’ chinnidh aig Cùil Lodair ach cha b’e sin deireadh na sgeòil don chinneadh. Ged a thrèig freastal an 17mh ceann-feadhna thill e gu taobh a shliochda. Chaidh dìlleachdan a’ chinn-fheadhna àrach le nàbaidhean Caimbeulach is lean an gineal. Le airgead fhathast nan sporan chuir iad cùl ri siostam plumaireachd bunaiteach a’ chaisteil is na seann dòighean is thog iad taigh ùr dhaibh fhèin pìos beag shuas a’ ghlinn. Fhad ’s a thàinig an taigh am fradharc dhuinn nochd bogha-froise a’ cur frèam ioma-dhathte thar an t-seallaidh; mar gun deach òrdachadh. Troimhe bu lèir dhuinn an taigh aig ceann an àrainn a chaidh ath-dhealbhadh aig an aon àm gus freagairt air ìomhaigh dùthchail romansach, cleas na h-oighreachdan mòra shìos ann an Sasainn. Cha robh àite dha na daoine a bha roimhe cho riatanach do cheann-feadhna mar phàirt dhen ìomhaigh seo is chuireadh craobhan is glasrach nan àite. B’ fheadar fiù ’s don abhainn a lùbadh tron t-srath strìochdadh gu miann nan uachdaran nuair a chaidh a dhìreachadh. B’ e taigh-maineir stòlda, a bha dìleas do stoidhle Albannach na linn a thog iad ach dha na cinn-fheadhna Bhictorianaich a thàinig às an dèidh b’ e rud fada na bu ghreadhnaiche a bha a dhìth orra. Thog iad tùr air beulaibh an taighe is leudaich iad an togalach gu aon taobh san stoidhle bharanach a bha stèidhte air ailtearachd nan seann chaistealan. Bha a’ chuibhle air car slàn a dhèanamh. Eu-coltach ris na triathan a thàinig romhpa a bha airson astar a chur eadar iad fhèin is na làithean a dh’fhalbh bha iadsan is an leithid airson ìomhaigheachd nan cinnidhean is nan seann làithean a chur gu feum is ceangal ath-chruthachadh eadar iad fhèin is an dualachas aca; às aonais a’ mhì-chofhurtachd is an aimhreit; no na daoine.

seapail-chille-mhoire

An seipeal

Mar a riochdaich an dà Chaisteal, sean is ùr, beatha saoghaltach a’ chinnidh, thug seann sheipeal Cille Mhoire, a laigheas faisge air an taighe mhòir, iomradh air am beatha spioradail. Tha an seipeal beag-sa air na h-eisimpleirean as fheàrr de dh’ailtireachd chràbhachd, mheadhan-aoiseach a tha fhathast nan seasamh ann an Alba. Tha seann chladh coillteach ga chuairteachadh agus seo far a deach cinn-fheadhna ‘ic Lachlainn a thìodhlacadh tro na linntean. Tha clach-chinn gràine ri taobh doras an t-seipeil a’ comharrachadh àite-tàimhe a’ chinn-fheadhna mu dheireadh a chaochail. Gu neo-àbhaisteach b’ e boireannach a bh’ innte, Marjorie NicLachlainn an 24mh ceann-feadhna. Nuair thogadh an taigh mòr ùr, thugadh an eaglais a sheas maill ris an t-seipeil às a chèile is chaidh na clachan a chur ri Eaglais ùr a thog an uachdaran mìle shuas an srath. San dòigh seo thaisbean e gun robh e a’ cur taic ri creideamh; cho fad is nach milleadh e an sealladh.

an-eaglais-ur

An eaglais ùr

Agus b’ e sin deireadh ar cuairt, is mo shùilean air a’ chafaidh ri taobh pàirc nan càraichean. Dh’fhàg mi mo bheannachd is mo thaing aig ar neach-iùil. San dealachadh thug e ainm dhomh; Dòmhnall MacLachlainn a bh’ ann. Ainm na bu fhreagarraiche; cha ghabhadh e a bhith. Agus an robh e càirdeach don cheann-feadhna? Nan robh, b’ ann bho taobh cearr na leapa a bha e, thuirt e rium. Ged a thàinig e dhan sgìre às dèidh dha obair a leigeil seachad, s’ fhada bho dh’fhalbh a dhaoine. Thàinig e a-steach orm gun robh esan na phìos mu dheireadh dhen sgeul, sìol nan daoine a’ lìon a’ chrutha-tìre aig aon uair, a bha a-nis bàn. Fhuair esan àrach ann an Inbhir Nis far an robh athair na mhinistear is shiubhail esan an saoghal na shaighdear; fìor thogail is bheatha Gàidhealach.

Is fhuair sinn cupa cofaidh sònraichte math anns a’ chafaidh sheasgair le goireasan gun tuiteam fada is ceòl Jazz nar cluaisean, a chuir deagh chrìoch air deagh fheasgar. B’ eòlach mo sheanair, no clann ‘ic Lachlainn, a leithid nan linn!

cafaidh

Sealladh air a’ chafaidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach