Ceàrn Beag De Dh’Earra Ghàidheal Far Am Faighear Eachdraidh Nan Gàidheal

caisteal-lachalinn

Anns an artaigil seo agus san fhear a leanas, tha Alistair a’ toirt sùil air làrach a nochdas dhuinn sgeul na Gàidhealtachd.

Pàirt 1: Caisteal Lachlainn

A’ dol an tòir air fìor eachdraidh na Gàidhealtachd; ’s e sin dùbhlan a tha caran coltach ri dol an tòir air a’ Ghreail Naomha. Tha an fhìrinn air a dhol fodha cho domhainn fo chubhraig tartain is faoin-sgeul is gu bheil e cha mhòr do-dhèanta lorg fhaighinn oirre. Ach air corra uair gheibhear plathadh oirre, gu tric far nach biodh dùil rithe. Agus ’s e sin na thachair dhomh o chionn greis, is mi air sgrìob do Chomhghall ann an Earra Ghàidheal.

Fhuair mi i aig ceann rathaid a theàrn tro shrath dùinte gu ruige bruachan Loch Fine. Dh’iomsgair an rathad-sa bhon rathad mhòr gar toirt air falbh bho shaoghal an latha an-diugh air ais an tìm gu linn eile. Seo far an lorgar Caisteal Lachlainn, seann daingneach clann ‘ic Lachlainn is na chois grunn làraichean eachdraidheil a bheir fianais air sgeul nan Lachlannach agus air siostam nan cinnidhean air costa an iar na h-Alba thar nan ceudan de bhliadhnaichean.

Bha mi fhèin is mo chèile air ar n-ainmean a chur a-steach gu cuairt stiùirichte mun àite mar phàirt de dh’Fhèis Chomhghaill. B’ e urras Lachlainn a chuir air dòigh na cuairtean gus an obair càraidh is sgeadachaidh aca air an làrach a shanasachadh. Bha fear an urrais, is e ar neach iùil, a’ feitheamh oirnn, bodach àrd drùidhteach air èideadh na fèileadh is còta-mòr le bonaid air a cheann. Seann saighdear a bh’ ann mar a fhuair sinn a mach na b’ fhaide air adhart. Bha e a’ spaidsireachd air ais is air adhart am measg nan iseanan aige is e a’ toirt sùil air an uaireadair aige. Bha sinn mionaid no dhà air dheireadh; dol a-mach ris nach seasadh seann saighdear. Bha ar bòtannan air ar casan na bu luaithe na bha iad a-riamh roimhe is ghabh sinn ar n-àite dligheach aig deireadh an t-sreatha air a chùl. Ach fhuair sinn buannachd bho a chuid pongaileachd le cuairt a bha cuimseach is fiosrachail.

Threòraich e sinn thar drochaid fiodha aig bonn na h-aibhne gu rubha beag a stob a-mach dhan loch air an do sheas an caisteal mar a bha e air seasadh thar sia ceud bliadhna. Chuir an làrach nam chuimhne caistealan eile, iad nas ainmeile nam fear-sa, a tha cuideachd rin lorg ri taobh uisge leithid Caisteal Eilean Donnain is Caisteal Dhubhairt ann am Muile. Ach bha iad sin air an ath-thogail a’ tarraing air ìomhaigheachd romansach a cheart cho math ri fìrinneachd. Bha am fear seo na fhìor eisimpleir; the real deal.

Nar seasamh fo sgàil bhallachan a’ chaisteil, bha e follaiseach gur e dachaidh a fhreagradh gu h-iomlan air ceann-feadhna a bha airson smachd teann a chumail air an sgìre. Thabhainn an làrach sealladh soilleir dhuinn dhan dà thaobh cha mhòr thairis air an loch air fad. Aig àm nuair nach robh sgeul air rathaidean an latha an-diugh b’ iad bùrn is sàl na dòighean siubhail as goireasaiche. Air loidhne dhìreach bhon chaisteal tro bheul an locha bhiodh Èirinn na laighe fo fhalach ceòtha is smùgraich, bhon tàinig sinnsireachd a’ chinnidh. B’ e prionnsa den t-sloinneadh Ò Nèill a thàinig a dh’Alba san 11mh linn agus a stèidhich an gineal.

Dh’èirich ballachan a’ chaisteil gu h-àrd os ar cionn gu h-iargalta, gun uinneag a bhriseadh aghaidh cheannara. Balla chùirteir, ’s e seo a chanar ris, chaidh innse dhuinn. Gun ach toll beag gu h-àrd le spùtan às. An ‘tuiteam fada’ a b’ ainm don ghoireas seo; siostam plumaireachd bunaiteach. Abair smuain; gaoth an iar a’ bìdeadh do thòin gun luaidh air na dh’èireadh do thoradh do shaothair fodhad air a shlighe sìos! Thoiribh an aire, a chaoraich!

Tha aon taobh den chaisteil air iadhadh le eidheann ana-mhòr a tha a’ toirt dreach romansach dhan làrach is a tha a’ maothachadh a bhrùidealachd gu ìre. Chuir na stuic aige, a tha cho tiugh le sròn ailbhein, mun aire dhuinn cho fad ’s a sheas e an seo a’ fàs gu bhith mar phàirt dhen structar. Ach a rèir ar stiùiriche b’ esan fìor nàmhaid a’ chaisteil. B’ e a bha a’ coileanadh an obair-mhillidh nach do choilean armachd no ionnsaigh bho chinneadh eile. Aig an dearbh mhionaid a bha sinn a’ bruidhinn, bhiodh a chuid ghasan is gheugan trang a’ dinneadh tro bheàrnan is tuill san clachaireachd a’ cur a’ bhalla air fad às a chèile. A dh’aindeoin gearanan nan romansaichean, b’ e binn-bhàis a bha an dàn dha mar phàirt dhen obair-leasachaidh aca thuirt e; le fìorachas neo-thruacanta an t-saighdeir.

Tro dhuilleach na eidhne thug doras beag spìocach inntrigeadh gu cùirt chumhang aig meadhan an togalaich. B’ e seo cridhe a’ chaisteil far an saothraicheadh na searbhantan a dh’fhuirich sna seòmraichean beaga air aon taobh dhen chùirt a’ frithealadh fheumalachdan nan uaislean a ghabhadh còmhnaidh sna seòmraichean leòmach air an taobh eile. Chaidh bacadh a chur oirnn bho dhol a-steach innte le feansa ri linn staid chugallach na clachaireachd. Ach tro bheàrnan san fheansa chitheamaid na coirbealan os ar cionn a ghiùlaineadh, aig aon àm, na gailearaidhean fiodha a cheangail na seòmraichean ri chèile. Air an taobh thall bhuainn bu lèir dhuinn air èiginn tron doilleireachd toll na tobrach, an rud as deatamaiche thar a h-uile goireas eile do dhaingeann a sheasadh aig sèist.

Bha an caisteal air a chuairteachadh le tolmain feurach far an lorgte uair-eigin taighean na tuatha. Eu-coltach ris na linntean nas dlùithe rinn bha an triath airson ’s gum biodh na daoine maille ris. B’ iadsan a shaoibhreas is a chumhachd.

Thug an caisteal fasgadh is dìon do chinn-fheadhna ‘ic Lachlainn thar trì ceud bliadhna ach chuireadh car tuathal san fhortan aca gu h-ealamh ann an 1745. Seo a’ bhliadhna a sheasas gu làidir an inntinn nan Gàidheal; Bliadhna a’ Phrionnsa is ar-a-mach nan Seumasach mar is fhiosraich don a h-uile clann-sgoile ann an Alba. Chunnaic dùthaich ‘ic Lachlainn cruth-atharrachadh mar a chunnacas air feadh na Gàidhealtachd. B’ ann air latha mì-shealbhach sa bhliadhna ud a thog 17mh ceann-feadhna a’ chinnidh air a chur taic ris a’ phrionnsa le feachd beag de luchd-leantainn. Cha do thill e. Bha e air an fheadhainn a fhuair bàs aig Cùil Lodair. Cha mhòr nach robh e a-mach air an doras na ghabh na Caimbeulaich thairis air an àite.

398px-culloden_grave_macgillivray_maclean_maclachlan_athol_highlanders

Clach a’ comharrachadh far an do thuit clann ‘ic Lachlainn aig Blàr Chùil Lodair.

Ach cha b’e sin deireadh na Sgeòil do chinn-feadhna clann ‘ic Lachlainn is mar a chi sinn anns an ath artaigil bha linn ùr gu bhith air thoiseach orra. Ach de mu dheidhinn nan daoine?

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach