Ceist dha Western Isles Council

Bayhead_Street_-_geograph.org.uk_-_1278564

Ceist: Dè tha cho dà-bheulach ri sgadan, air neo, cho marbh ri sgadan?

Taic don Ghàidhlig bhon Western Isles Council. Nochd seo an t-seachdain sa gu soilleir is gu follaiseach. Ach tha e air a bhith ri fhaicinn airson deagh ghreis. An àite dìreach a bhith a’ càineadh amaideas na comhairle ud, san alt seo togaidh mi argamaid an aghaidh na h-àithne as ùire a tha air tighinn a-nuas o Sandwick Road, is fàgaidh mi fìrinn na cùise air beulaibh mo luchd-leughaidh.

Moch madainn an latha roimhe, is mi gu bhith fàgail an taighe, chuala mi agallamh air Aithris na Maidne a thàinig gu dìreach à aon de sgeulachdan Kafka. Bha fear-gairm Western Isles Council ag innse dhuinn gu robh iad gus “sgoiltean Gàidhlig” a chruthachadh, chan ann le bhith a’ teagasg barrachd Gàidhlig, ach a-mhàin le bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh, eadar pàrantan, a’ choimhearsnachd agus muinntir na comhairle, gur e “sgoil Ghàidhlig” a bh’ ann. ’S e an trioblaid gum b’ àbhaist sgaradh ciallach a bhith ann eadar sgoiltean Gàidhlig mar a th’ aca ann an Inbhir Nis, Dùn Èideann agus Glaschu agus na ‘sgoiltean Gàidhlig’ ùra seo anns na h-eileanan, oir san dà-rìribh ’s e aonadan Gàidhlig a th’ annta. Agus ’s e beachd nan rannsaichearan as fheàrr ’s a th’ againn air a’ chuspair, gum b’ fhiach an sgaradh seo a chumail.

Chan e ach breug a bhith ag ràdh gur e sgoil Ghàidhlig a th’ ann an Sgoil Bàgh a’ Chaisteil, far a bheil mo mhac-bàistidh anns an sgoil an dràsta. Chaidh mi fhìn gu aonad Gàidhlig, agus ’s e aonad Gàidhlig a th’ aca ann am Bàgh a’ Chaisteil. Tha a’ chomhairle a’ dol an aghaidh gach prionnsapal acadaimigeach a thaobh taic cànain; tha iad a’ dol an aghaidh tuigse a’ mhòr-chuid (m.e. gach neach nach eil air a’ chomhairle) air dè a th’ ann an sgoil Ghàidhlig agus ’s ann a tha iad ag iarraidh cnap de dh’airgead à Dùn Èideann, gun a bhith a’ dèanamh na h-obrach gus an airgead sin a chosnadh. Mas e is gu bheil a’ chomhairle a’ tighinn gu co-dhùnadh gur e “sgoil Swahili” a th’ ann, ma dh’ fhaoidte gur urrainn dhaibh atharrachadh eile a dhèanamh.

Le bhith a’ dol air adhart leis an ath-ainmeachadh seo, chan eil iad ach a’ cleith an adhartais a thathas a’ dèanamh às dèidh strì mòire ann am Port Rìgh. B’ fheudar dhaibhsan strì airson sgoil Ghàidhlig an aghaidh gleadhraich comhairle na coimhearsnachd is iomadach buamastair eile ach mu dheireadh gheibh iad sgoil Ghàidhlig; gheibh muinntir nan Eilean Siar sanasan ùra ag ràdh “Sgoil Ghàidhlig.” Canaidh a’ chomhairle gun toir iad taic a bharrachd do na sgoiltean seo, is gum brosnaich iad fèin-aithne Ghàidhealach etc… etc… etc…  ach ’s e a’ Bheurla a bhios ri chluinntinn san raon-chluiche agus o bheul ceannard na sgoile aig na coithionalan. Gu deimhinne, ’s e a’ Bheurla a bhios aca airson sgiobaidhean spòrs is eile. Agus dè mu dheidhinn nan aonadan Gàidhlig eile, air feadh Alba, am bi iadsan a’ faighinn shanasan ùra agus taic airgid? Oir a-rèir na comhairle ’s e sgoiltean Gàidhlig a th’ anntasan a-nis cuideachd.

Is e cumhachd nan neo-eisimeileach sna h-eileanan as coireach dha gu leòr de seo. An àite uallach a bhith orra airson phoileasaidhean agus cho-dhùnaidhean a chaidh an dèanamh leis a’ phàrtaidh aca air a’ chomhairle, mar a tha a’ tachairt fo shiostam far a bheil ceangal eadar pàrtaidhean is poileasaidhean, cho fad ’s gu bheil na comhairlichean seo a’ cumail suas a’ bhòt aca san sgìre aca fhèin, thèid an cur a-staigh a-rithist ’s a-rithist, a dh’ aindeoin ’s na rinn iad anns gach sgìre eile de dh’Innse Ghall. Chunnacas seo cho soilleir ’s a ghabhas o chionn beagan bhliadhnaichean a-nis nuair a bhòt comhairlichean gus sgoiltean a dhùnadh anns gach sgìre ach an tè aca fhèin: dh’fhàg seo gun deach cha mhòr gach sgoil a dhùnadh ach b’ urrainn dhaibh a ràdh gun do dhìon iad an sgoil ionadail aca fhèin. Nach eil e cianail gu bheil na h-uimhir de chumachd aig a leithid de dhaoine thar freastal na Gàidhlig?

Canaidh cuid gur e ceum air adhart a th’ ann. Gu dearbh chan e. Chan eil iad ach a’ seasamh ann an suidheachadh far a bheil a’ mhòr-chuid de sgoilearan nan Eilean Siar a’ faighinn foghlam Beurla, is leis gach bliadhna a tha a’ dol seachad, thathas a’ dèanamh cor na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar nas miosa is nas miosa.

Saoilidh mi gur e an rud as miosa mun t-suidheachadh seo gu bheil gach goireas ach ceannardas agus gliocas aig Western Isles Council, gus sgoiltean Gàidhlig a chruthachadh. Chaidh gu leòr de sgoiltean a dhùnadh sna deich bliadhna a dh’fhalbh, is tha iad ag amas air Eòlaigearraidh a-rithist a-nis. Ach tha na togalaichean, na tidsearan agus an taic bhon riaghaltas ann; chan eil a a dhìth ach ceannardas air a’ chomhairle gus ar cànan a thoirt air adhart. Ach cho fad ’s a tha aineolas, dìth mhisneachd agus gòrachas cho pailt air Sandwick Road ’s a bha e an t-seachdain sa – bu chòir dhuinn uile guidhe airson nan Sgitheanach, muinntir Inbhir Nis, Dhùn Èideann is Ghlaschu. Oir chan ann às na h-eileanan an iar a thig an ath ghinealach de Ghàidheil. Agus nach mòr an dìteadh a dh’fhàgas sin air na comhairlichean “neo-eisimeileach” ann am baile mòr Steòrnabhaigh.

PS ’S dòcha gun cleachd mi Comhairle nan Eilean Siar, nuair a chì sinn beagan misneachd bhon Western Isles Council a thaobh na Gàidhlig.

– le Aonghas Mac Leòid

 Tha an dealbh gu h-àrd o Wikipedia.

Share

4 thoughts on “Ceist dha Western Isles Council

  1. Tha Aonghas gu buileach ceart. Thuirt e seo, ge-ta: “‘s ann a tha iad (Western Isles Councils) ag iarraidh cnap de dh’airgead à Dùn Èideann”. Tha seo ceart, cuideachd. Leis a’ chleas seo, tha Western Isles Council a’ dol a dh’ fhaighinn airgead bho sporan sonraichte a chaidh a chruthachadh gus fior sgoiltean Gaidhlig a chruthachadh. Tha Western Isles Council a’ deanamh seo le taic agus lan-fhios an Riaghaltais ann an Dun Eideann, agus taic agus lan-fhios Ministear na Gaidhlig, a tha na Bhall Parlamaid anns na h-eileanan. An aite a bhith a’ gabhail ris an fhaoineas seo, bu choir dhan Riaghaltas agus dhan Mhinistear a bhith a’ cruthachadh stiuireadh anns a’ bhad a’ soilleireachadh gu de th’ ann an sgoil Ghaidhlig, agus bu choir dhan stiuireadh sin a radh gur e sgoil anns a bheil sgoilearan a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gaidhlig a-mhain, anns a bheil Gaidhlig a-mhain canain rianachd agus conaltraidh taobh a-staigh na sgoile. Sin an aon sheorsa sgoile a tha airidh air taic an sporain shonraichte seo.

  2. Agus seo am fios-naidheachd bhon Chomhairle fhein. Nise, tha mi ’n dochas gum faic sinn ‘Ceist dhan Mhinistear’ agus ‘Ceist dhan Riaghaltas’ air taobhan-duilleige Dana cuideachd.

    Tha 6 sgoiltean ann an sgìre Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh a’ dhol air adhart le Inbhe Sgoil Ghàidhlig airson 2014/15. ’S iad na sgoiltean sin: Bearnaragh, Breascleit, Bagh a’ Chaisteil, Iochdar, Sgoil an t-Oib agus Sgoil an Taobh Siar.

    Thadhal Alasdair Allan, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba, air Sgoil Bhreascleit an-diugh gus comharrachadh an naidheachd agus cuideachd choinnich e ri oifigearan bhon a’ Chomhairle ann an dàimh ris a’ Phlana Cànain.

    Thuirt an t-Oll. Alasdair Allan, “Tha Riaghaltas na h-Alba toilichte taic chalpa a thoirt don phròiseact agus an dòchas gum faic sgoiltean eile na buannachdan a tha tighinn an cois sgoil Ghàidhlig.

    “’S e clach-mhìle a tha seo ann an lìbhrigeadh Foghlam Gàidhlig Bun-sgoil ann an Alba, a tha cudromach a-thaobh daingneachadh gum bi ginealaich ri teachd a’ labhairt na Gàidhlig. Tha rudan math a’ tachairt am Breascleit agus anns na còig sgoiltean eile, le Gàidhlig aig cridhe a’ churraicealam, a’ neartachadh an ceangal eadar sgoilearan agus cànan, cultar agus dualchas.”

    Thuirt Catrìona Stiùbhart, Cathraiche Foghlam agus Seirbheisean Chloinne,“Tha e a’ toirt mòr thoileachas dhomh gu bheil 6 de na sgoiltean againn air aontachadh a dhol air adhart le Inbhe Sgoil Ghàidhlig. Bha e freagarrach dha-rìribh gun deach seo a chomharrachadh leis a’ Mhinistear a’ tadhal air Sgoil Bhreascleit, a’ chiad sgoil ann an Alba a thabhainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha a’ Chomhairle gu mòr airson neartachadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar agus ged a tha sinn mothachail gu bheil tòrr obair fhathast ri dhèanamh, tha adhbharan misneachd ann le 47% de sgoilearan ann an Clas 1 a’ dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

  3. Pingback: Sùil air 2015 | Dàna |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach