Ceist Nan Stocainnean Singilte

Cha do thachair a sheise ri Einstein a-riamh, cha robh a shamhail ann. Ach, saoil dè cho tric ’s a tha na stocainnean agadsa air am fàgail gun an samhail? Tha Alasdair Paul a’ beachdachadh…

stocainnean gun an samhail
Dà stocainn gun an samhail

 Le Alasdair Paul

Coma leibh na cùisean is na ceistean mòra
Coma leibh meud an domhain no ciall beatha
Coma leibh Einstein agus a shàr inntinn
Cha tug e dhuinn freagairt don cheist bu dhomhainn

‘S ise a’ cheist a bha gam bhuaireadh thar càich
Sin ceist nan stocainnean a chailleadh an cèile
‘S ise a’ cheist do nach fhaighte fuasgladh air talamh
’s docha gur iad na sithichean a bheireadh iad air falbh

Bu chorra uair a lorgadh iad an cas mo bhriogais
fior chorra uair air cùl cuibhle inneal an nigheadaireachd
B’ ainneamh a lorgadh iad aig bonn cuibhrig an duvet
aig sealbh ‘bha brath far an lorgadh an còrr sa chruinne-cè

Ach fhuair mi faochadh oir ’s mis’ a fhuair am fuasgladh
ged nach bu ghnàth dhomh agus ’s beag orm bòstadh
B’ iad na stocainnean agam fhèin a ghèill dhomh an rùn
Gun fhiosta dhaibh, bu lèir dhomh an guim

Fhuair mi an soillseachadh gun iarraidh
air oidhche dhorch’ is mis’ a’ dol gum’ leabaidh
nuair thug mi grad shealladh do dhrathair nan stocainn
ach am biodh paidhir slàn agam son na maidne

Nach ann a bha iad a’ carachadh air mo bheulaibh
dìreach mar bhogsa bhoiteagan sultach nan cinniceadh
Chuir tè bhreacanach car dhith is chaidh i à sealladh
Am b’iad mo shùilean sgìth a’ bha gam mhealladh?

Chrath mi mo cheann is phriob mi mo shùilean.
Spleuchd mi tron uinneig, suas gu na speuran.
Far am faca mi solas suail a’ lasadh air iomall Orian
Bha fios a’m sa bhad gur i siud mo stocainn a bh’ann

Gun do shiubhail i tro toll cnuimhneig no rud den t-seòrsa
Gu bhith taobh thall an fhànais is i a’ priobadh ormsa
Mar gun robh i a’ gogadh rium thar an domhain
Mar gun robh i a’ magadh orm agus air mo reusan

Nach neònach mar a mheòraich mi air rud suarach
Is a fhuair mi a-mach rùn dìomhair na sìorrachd
Gur ann le stocainnean a tha rionnagan air an dèanamh
Gur ann thar an domhain nam milleanan a tha iad nan tàmh

Ged a dh’fhàgas e fhathast caran diombach, frionasach mi
nuair a laigheas fad às san domhain, an stocainn a tha ’dhìth
’s fhiosrach dhomhsa a-nis gum bi los aice ri coileanadh
is coma leam ged nach co-fhreagair mo chasan ri chèile

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach