Ceisteachan Ciùil | Donnchadh Sneddon

12605276_10156538799735694_115792179089312291_o

Tha Donnchadh Sneddon na eòlaiche Ceiltis, na fhactaraidh airson mìmean Gàidhlig is Albais, na phreasantair don Choithional Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus na neach-leantainn dìleas dha na dà rud as cruaidhe san t-saoghal – Airdrieonians agus Ceòl Meatailt – Is e an darna neach anns an t-sreath ùr againn, Ceisteachan Ciùil.

1. ’S e a’ chiad òran air a bheil cuimhne agam…
Um… chan eil càil a dh’fhios agam. Laoidhean chloine san eaglais, ’s dòcha? No, mura h-eil, bha mo mhàthair an-còmhnaidh a’ seinn nuair a bha mi nam phàiste, ach chan eil aon òran àraidh a’ tighinn dom chuimhne.

2. ’S e an t-òran a chuireas samhradh nam chuimhne…

Chan e dìreach aon òran a th’ann, ach clàr air fad: Abbey Road. Nuair a bha mi 16 bha mi ag èisteachd ris fad na h-ùine. Cheannaich mi e bho Hog’s Head Music ann an Dùn Èideann aon latha, agus cha d’fhàg e an stereo agam fad mhìosan.
Ach chan eil “ceòl an t-samhraidh” a’ còrdadh rium, co-dhiù. Tha mi fada ro ghruamach agus meatailteach airson sin, agus is fheàrr leam an geamhradh. Chan eil dad nas fheàrr na bhith nad choiseachd san t-sneachd agus ag èisteachd ri Battles In The North no At The Heart Of Winter le Immortal.

3. ’S e an t-òran a bheir orm smaoineachadh air gaol agus gràdh…
Hahaha! Um… HOLY FLAMES OF THE FIRE SPITTER le High On Fire. Feumaidh tu a sgrìobhadh ann LITRICHICHEAN MÒRA, oir tha e dìreach… tha e dìreach mar a tha e.

4. ’S e an t-òran a sheinneas mi aig Karaoke/Cèilidh…
Hahaha! (a-rìthist) Tha mi fada ro mhì-shoisealta airson sin.

5. ’S e an t-òran a chuireas ann an deagh shunnd mi…
BASTARD SAMURAI le High On Fire. Tha e cho cool ri dà sgadan.

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach