Ceisteachan-ciùil | Joy Dunlop

joy-dunlop

Uill, tha sinn glè fhortanach bana-renaissance na Gàidhlig, Joy Dunlop, a bhith cuide rinn an turas seo leis na h-òrain a bheir buaidh orra – bho “Thoir mo shoraidh” gu “Hairspray” – agus ma tha thu airson a pòsadh, tha comhairle aice dhut….

’S e a’ chiad òran air a bheil cuimhne agam…

’S cinnteach gur e ‘Sambalele’ a bh’ ann, òran beag Brasilianach a dh’ionnsaich sinn sa bhunsgoil. Tha fhathast cuimhn’ agam air na faclan cuideachd: ‘Sambalele was downhearted, for him the day had not started…”

Mas e òrain Mhòid air a bheil sinn a-mach, tha deagh chuimhne agam air a’ chiad òran a ghabh mi – ‘Nunn do Mhuile’, aig a’ Mhòd Nàiseanta san Òban ann an 1992. B’ ann anns an Lorne Suite, shìos an staidhre ann an Taigh-òsta ‘The Great Western’ a bha an fharpais, àite nach eil fiù ’s ann a-nise!

’S e an t-òran a chuireas samhradh nam chuimhne…

‘Another Chance’ le Roger Sanchez. Aig deireadh na ciad bliadhna agam aig SMO, chuir mi samhradh seachad ag obair ann an taigh-òsta Scàranais ann an Tiriodh agus bhiodh na caileagan uile ann an càr mo charaid Hana, a’ dràibheadh timcheall an eilein ann an agus ga sheinn aig àird ar claiginn. Bha sinn cuideachd dèidheil air ‘There’s Your Trouble’ leis Na Dixie Chicks agus ‘Fast Car’ le Tracey Chapman agus chan urrainn dhomh ach smaoineachadh air an t-samhradh ud nuair a chluinneas mi fhathast iad.

’S e an t-òran a bheir orm smaoineachadh air gaol agus gràdh…

‘Breisleach’ le Aonghas Dubh MacNeacail. Saoilidh mi gur e fear de na h-òrain ghaoil as fheàrr a th’ againn ann an Gàidhlig – tha an loidhne “Chì iad mis’ is thusa sùgradh, bil ri bil ar n-anail aoint” cho cumhachdach. Nan sgrìobhadh cuideigin a lethid mu mo dheidhinn, phòsainn sa bhad iad!

’S e an t-òran a sheinneas mim aig Karaoke/Cèilidh…

Ged a chanas mi nach toil leam idir karaoke, ’s coltach nach eil dad a chumas bhon mhicrophone mi! Tha geàrr-liosta agam le òrain a dh’fhaodainn gabhail : Don’t Speak (No Doubt), Like a Virgin (Madonna), Say what you want (Texas), All I want for Christmas is You (Mariah Carey), Shake it Off (Taylor Swift), Grease megamix agus Endless Love (Diana Ross and Lionel Ritchie) – a ghabhas mi le mo charaid Nicola a-mhàin!

Mas ann aig chèilidh a tha mi, gabhaidh mi òran le deagh shèist air am bi a h-uile duine eòlach. ’S e ‘A Fhleasgaich Òig as Ceanalta’ a’ chiad taghadh a bhios agam mar as àbhaist ach ’s toil leam cuideachd ‘Thoir mo Shoraidh thar Ghunnaidh’ agus ‘Tioram air Tìr’.

’S e an t-òran a chuireas ann an deagh shunnd mi…

‘Crazy in Love’ le Beyonce. Chan eil dad nas fheàrr airson mo chur ann an fìor dheagh shunned agus cho luath ’s chluinneas mi toiseach an òrain, chan urrainn dhomh ach mo thòin a chrathadh!

Act ma tha mi feumach air fìor dheagh spionnadh, cluichidh mi an clàr dùbailte agam ‘101 Songs From the Musicals’ ages cuiridh mi orm gur e Sarah Brightman a th’ annam ann am Phantom of the Opera no Tracey Turnblad ann an Hairspray – “you can’t stop the beat!”

– Joy @joydunlop

Tha Joy a’ ruith cùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig airson Luchd-ionnsachaidh Eadar-mheadhanach an ath shamhradh.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach