Ceisteachan-Ciùil | Marcas Mac an Tuairneir

 

By MaxPride at English Wikipedia, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=6821606Na h-òrain a thug buaidh air a’ bhàrd agus sgrìobhadair dràma, Marcas Mac an Tuairneir.

’S e a’ chiad òran air a bheil cuimhne agam…

‘S e a’ chiad chuimhne a th’ agam a bhith anns an t-seann-taigh a bh’ againn ann am Bishopthorpe. Cha bhithinn nas sine na dà bliadhna agus m’ athair a’ coiseachd timcheall an t-seòmar-chaidil mi is e a’ seinn Scarborough Fayre. Bhiodh mo mhàthair a’ seinn ‘Mary Mary, quite contrary…”, cuideachd, mu dhèidhinn Màiri Banrigh nan Albannach is i na phrìosanach ann an Sasainn. Mar Shasannach, a’ fuireach fad mo bheatha inbheach gu ruige seo, tha siud gu math èibhinn. ‘S dòcha gur i ban-fhàidh a th’ innte.

Ag èirich suas, bha an taigh làn ciùil Èireannaich. Bha mo mhàthair dèidheil air Mary is Frances Black is bana-sheinneadairean nan duanairean ‘A Woman’s Heart’ is chòrdadh Clannad rim athair, is ceòl ath-bheothachadh an traidisein Shasannaich, leithid Fairport Convention. B’ ann aig Clannad ann an Ionad Barbican Eabhraig a bha a’ chiad chuirm agam is mi mar sheachd bhliadhna. Tha cuimhne leam mar a dh’fhairichinn ceòl nam beusan is drumaichean nam bhroinn. Bheir an leithid togail dhomh fhathast.

’S e an t-òran a chuireas samhradh nam chuimhne…

Chuireadh sinn cha mhòr a h-uile samhradh seachad ann an Èirinn, seach bliadhna no dhà nuair a bha saor-làithean againn ann an Alba. Aon bhliadhna bha sinn ann an Conamara a’ siubhail Rathad an Speura is dh’èist sinn ris an òran den aon ainm aig Frances Black. Ann am Maigh Eò, air bliadhna eile dh’èist sinn ris a’ chlàr aig Shaun Davey is Rita Connolly, a bheir seachad eachdraidh Gráinne Ní Mháille.

Bheir ‘Frozen’ aig Madonna orm smaoineachadh air làithean m’ òige ann an Eabhraig is ‘F.E.A.R.’ aig Ian Brown is mi nam dheugaire a’ dèanamh A-Levels. Chòrd an clàr ‘Miseducation of Lauryn Hill’ rium gu lèir aig an àm sin is bheir ‘Sista Sista’ aig Beverley Knight air seann-charaidean a bh’ agam, mus dh’fhàg mi an taigh gus ceum a thòiseachadh ann an Obar Dheathain.

’S e an t-òran a bheir orm smaoineachadh air gaol agus gràdh…

Bheir orm an t-òran ‘Unison’ aig Bjork a smaoineachadh air seann-bhràmair a bh’ agam
mi òg nam oileanach. Bheir ‘A Sorta Fairytale’ aig Tori Amos a smaoineachadh air bràmair eile is mi na bu shine aig an àm sin. Fhad ‘s a bheachdaicheas mi orra, tha susbaint nan òran gu math freagarrach ann an dòigh air choireigin.

O chionn bliadhna no dhà chuir mi tweet gu Siobhán Donaghy a’ gealltainn gun coisichinn sìos an trannsa is an t-òran aice ‘Ghosts’ a’ cluich ach tha mi fhathast a’ feitheamh ri mo phrionnsa ruadh. Any takers? Ha ha!

’S e an t-òran a sheinneas mi aig Karaoke/Cèilidh…

Sna nochdadan bha mi gu math dèidheil air ceòl RnB is Soul a bhuineadh don rìoghachd seo is na Stàitean Aonaichte. Bha còmhlan nam boireannach air leth aig an àm sin. Bho shin a-mach tha mi air seinn ‘Don’t Let Go’ aig En Vogue is ‘Just A Step From Heaven’ aig karaoke. Is toil leam cuideachd ‘Black and Gold’ aig Sam Sparro. Tha sin a’ còrdadh rium a ghabhail.

’S ann le Trosg a bhios mi a’ seinn aig cèilidhean, mar is àbhaist. ’S toil leam a bhith seinn òran iomraidh a stiùireas Aonghas air a bheil ‘Iomairibh Eutrom’ is ’Leis an Lurgainn’, cuideachd. Ma tha mi fhìn aig an stiùir, bheir mi òran Èireannach ’Níl Sé ’n Lá’, a chòrdas ris na balaich, is chan fhaigh mi a-mach às an doras gun a bhith a’ gabhail ‘Cànan nan Gàidheal’ sna làitheann-sa, às dèidh dhomh a ghabhail air cuairt dheireannaich Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich, am bliadhna.

’S e an t-òran a chuireas ann an deagh shunnd mi…

Mar as tric ma ghlacas òran mi, bidh mi ag èisteachd ris a-rithist is a-rithist air an fhòn-làimhe agam. An-dràsta tha ‘Like A Shadow’ aig Robyn Sherwell air an liosta-cluiche an taca ri ‘Silver Linings’ aig Leo Kalyan, ‘Miss America’ aig Ingrid Michaelson is ‘Shades of Blue’ Kacy Hill. Is toil leam ceòl pop a tha caran ‘leftfield.’

A thaobh nan seann-chlasaig is toil leam ‘Ain’t no Sunshine’ aig Bill Withers agus tha stuth aig Sugababes is Girls Aloud math airson sing-a-long is mi anns a’ chidsin. Ís toil leam gu mòr ‘Flatline’ a chuir Mutya Keisha Siobhán a-mach nuair a dh’fheuch iad comeback o chionn ghoirid. Ach ma tha mi feumach air tilleadh dhan tùs taghaidh mi trì òrain aig Mary Black: ‘Babes in the Wood’, ‘No Frontiers’ agus ‘Columbus.’

  • Tha an dàrna leabhar bàrdachd aig Marcas, ‘Lus na Tùise’ ri fhaotainn bho Chlò a’ Bhradain air loidhne. Tuilleadh fhiosrachadh ri fhaotainn bho marcasmac.co.uk
  • Seinnidh Trosg air bainnsean, bar mitzvathan is tiodhlachaidhean air feadh na Gàidhealtachd is tuilleadh fhiosrachadh ri fhaotainn aig trosg.com
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach