Ceisteachan-ciùil | Rhona

1974_Joni_Mitchell
A’ chiad alt ann an sreath de phiosan-ciùil againn – bidh sinn a’ cur ceist air caractaran mòra ann an saoghal na Gàidhlig mu chòig òrain a tha cudromach dhaibh. Cò as fheàrr airson tòiseach-toiseachadih ge-tà ach ar Rhona fhèin?

1. ’S e a’ chiad òran air a bheil cuimhne agam…
An t-òran tradaiseanta, Jock O Hazeldean. Tha cuimhne agam air mo sheanmhair agus a piuthar ga sheinn nuair a bha mi òg. Chaidh an t-òran fhoillseachadh le Francis Child sa chruinneachadh aige de dh’òrain thradaiseanta o Alba ’s Sasann ann an 1860. Eu-coltach ris a’ mhòr chuid de na Child Ballads, chan ann mu dheidhinn murt a tha an t-òran seo. Tha fiù ’s happy ending ann!

2. ’S e an t-òran a chuireas samhradh nam chuimhne…
California le Joni Mitchell. Cluinnidh tu an samhradh tro iomadh òrain Joni Mitchell – Chelsea Morning, Carey, You Turn Me On I’m a Radio, I Don’t Know Where I Stand – ach ’s e California am fear as fheàrr leam. Tha i a’ seinn mun a bhith a’ dol dhachaigh, agus sin a’ toirt orm smaoineachadh mun a bhith a’ dol dhachaigh as t-samhradh, nuair a bha mi nam oileanach, a Chalifornia na h-Alba – Earra-Ghàidheal.

3. ’S e an t-òran a bheir orm smaoineachadh air gaol agus gràdh…
Seo a’ cheist as doirbhe, oir cha mhòr nach eil a h-uile òran a’ toirt ort smaoineachadh air gaol agus gràdh ann an dòigh air choireigin. O chionn ghoirid, dh’èist mi ri Aretha Franklin a’ gabhail (You Make Me Feel Like) A Natural Woman aig na Kennedy Honors, nuair a bha Carole King, a sgrìobh an t-òran, a’ faighinn duais. Tha Aretha 74 bliadhna de dh’aois agus a ghuth cho math ’s a bha e a-riamh.

4. ’S e an t-òran a sheinneas mi aig Karaoke/Cèilidh…
Cha do rinn mi karaoke a-riamh (fhathast) ach rinn mi open mic beagan bliadhnaichean air ais agus ’s e “This Old Heart of Mine” leis na h-Isley Brothers a ghabh mi. ‘S e òran gu math simplidh a th’ ann (gu h-àraidh nuair a chluicheas mise e) agus ged a tha na faclan ag innse mu shuidheachadh caran brònach tha rudeigin dògheil, tlachdmhor ma dheidhinn.


5. ’S e an t-òran a chuireas ann an deagh shunnd mi…

Iceblink Luck le Cocteau Twins. Chan eil mi buileach a’ tuigsinn carson – chan eil mi idir cinnteach na tha tiotal an òrain a’ ciallachadh, no cò ma dheidhinn a tha Liz Fraser a’ seinn – ach ’s ma dh’fhaoidte gur e sin an t-adhbhar gu bheil mi fhathast (ged a tha mi air èisteachd ris iomadh turais) cho dèidheil air.

– Rhona @ansgathan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach